Oilthigh Dhùn Èideann: "Tha mi airson coimhearsnachd na Gàidhlig a neartachadh"

Boireannach le falt fada donn na seasamh air sràid ann an Dun Eideann, le gàire air a h-aodann. Tha leìne dorch buidhe oirre.
Fo-thiotal an deilbh,

Màiri Britton, Oifigear na Gàidhlig

LeEilidh NicÌomhair
BBC NaidheachdanAg aithris àDùn Èideann
  • Air fhoillseachadh

Tha oifigear Gàidhlig ùr aig Oilthigh Dhùn Èideann agus tha i airson coimhearsnachd Gàidhlig an oilthighe a neartachadh.

Ged a tha cùisean sàmhach an-dràsta le na deuchainnean seachad agus na h-oileanaich air a dhol dhachaigh, tha Màiri Britton trang ag ullachadh airson na h-bhliadhna acadaimigaich.

"An rud a tha a dhìth air a' choimhearsnachd, dh'fhaoidte gur e dìreach cothrom a bhith ann còmhla mar choimhearsnachd," thuirt i.

"Tha mi air a bhith a' bruidhinn ri daoine agus tha iad ag ràdh gu bheil cothroman mar sin caran a dhìth an-dràsta. Gu h-àraid às dèidh Covid, chan eil daoine air a bhith a' tighinn cruinn còmhla cho tric."

Bha an oilthigh an dùil sgeama Ar Fàrdach a chur air chois an-uiridh, a bheireadh cothrom do dh'oileanaich Ghàidhlig a bhith a' fuireach còmhla.

Cha do thachair e air sgàth 's duilgheadasan maoineachaidh agus cha tèid e air adhart am-bliadhna a bharrachd air sgàth 's gun robh dreuchd an oifigeir leasachaidh bàn.

Ach tha e am measg phlanaichean Màiri agus e na phrìomhachas dhi a chur air dòigh an ath-bhliadhna. Thuirt i gu bheil i airson barrachd chothroman a thoirt do dh'oileanaich Ghàidhlig a bhith am measg a chèile.

"S ann anns na còmhraidhean beaga a bhios ann às dèidh òraid no anns an trannsa san dol seachad, 's ann às an sin a bhios beachdan ùra, dàimhean agus càirdeas a' nochdadh," thuirt i.

Fireannach le falt fada curlach agus glainneachan na sheasamh air beulaibh soidhne leabhr-lann. Tha craobh uaine air a' chùlaibh.
Fo-thiotal an deilbh,

Eideart MacCoinnich, Ceannard a' Chomuinn Cheiltich

Tha na h-oileanaich fhèin cuideachd airson barrachd a dhèanamh airson a' Ghàidhlig a bhrosnachadh. Tha Ceannard a' Chomainn Cheiltich, Èideard MacCoinnich, mothachail gu bheil barrachd a' tighinn gu tachartasan na buidhne na bha roimhe agus tha e airson brath a ghabhail air sin.

"Tha sinn airson barrachd a dhèanamh airson fileantaich agus daoine aig a bheil ìre àrd de Ghàidhlig," thuirt e.

"Cuideachd tha sinn airson tòrr de na tachartasan againn ath-bheòthachadh, mar an Dannsa Bliadhnail, no an Highland Annual anns a' Bheurla. Gu mì-fhortanach chan eil maoineachadh air a bhith againn bho Covid, ach tha sinn gu math dòchasach am-bliadhna."

Sanas buidhe agus gorm air doras glainne, ag innse gu bheil Oilthigh Dhun Eideann a' teagasg farsaingeachd de chànanan.
Fo-thiotal an deilbh,

Tha a' Gàidhlig am measg nan cànan a tha gan teasgasg aig Oilthigh Dhun Èideann.

Ach bidh seo uile a' tachairt fo sgàile. Tha Oilthigh Dhùn Èideann fo uallach £140m a shàbhaladh agus tha Aonadh an UCU ag ràdh gu bheil còrr is mìle dreuchd ann an cunnart.

Chaidh buill an aonaidh air stailc bho chionn mìos 's iad a' diùltadh deuchainnean a chomharrachadh.

Le eas aonta a' leantainn, tha dragh air oileanaich mun bhuaidh a dh'fhaodadh gearraidhean a thoirt air suidheachadh na Gàidhlig. Ach a rèir Èideard, cha chuir seo bacadh air an cuid oidhirpean.

"Tha e a' nochdadh an-dràsta gu tric leis na stailcean airson nan roinnean beaga air fad agus tha sinne mar phàirt dhan sin.

"No tha eagal daonnan oirnn nach tèid na clasaichean againn air adhart.

"Ma tha trioblaidean againn, tha sinn deiseil airson a bhith a' sabaid airson ar cànan agus ar cultar."