Cò bha a' sabaid aig Glaic na Còmhraig?

Liam Alastair Crouse
LeShona NicDhòmhnaill
BBC NaidheachdanAg aithris àÈirisgeigh
  • Air fhoillseachadh

An cuala sibh mun bhlàr aig Glaic na Còmhraig?

No an e Glaic a' Chòmhraig a th' ann?

Is cò bha a' sabaid co-dhiù?

Chuala muinntir Èirisgeigh is bidh na diofar sgeulachdan a tha ceangailte ri dìreach aon àite am measg na bhios air an deasbad aig tachartasan san eilean aig an deireadh-sheachdain.

A' toirt seachad dà òraid bidh Liam Alasdair Crouse.

Tha Liam na oileanach PhD le Sabhal Mòr Ostaig agus Tobar an Dualchais is e a' rannsachadh beul-aithris ann an Èirisgeigh agus Beàrnaraigh na Hearadh le fòcas air clàraidhean ann an Tobar an Dualchais.

Bha e roimhe an sàs cuideachd san leabhar Ainmean-àite Èirisgeigh.

Anns na h-òraidean aige air an deireadh-sheachdain, bidh Liam a' coimhead ri seanchas ainmean-àite is mar a bhios sin ag atharrachadh.

Èirisgeigh

Bidh sùil aige gu sònraichte air Glaic na Còmhraig is beachdan gu math diofraichte ann air tùs an ainm, gun luaidh air ciamar a bu chòir a sgrìobhadh.

"Tha Glaic a' Chòmhraig car inntinneach oir tha co-dhiù trì sgeulachdan a tha a' mìneachadh gu dè a tha an t-ainm-àite a' ciallachadh agus tha iad gu math eadar-dhealaichte," tha Liam ag ràdh.

"Am batal a bh' ann an Glaic a' Chòmhraig, faodaidh e a bhith am batal eadar muinntir Èirisgeigh air còirichean na mònadh, air neo blàr a bh' ann eadar na cinnidhean, agus an uairsin am fear mu dheireadh - agus as ùire - gur e batal eadar na Lochlannaich a bh' ann".

Agus sin a thuilleadh air Glaic a' Chòmhraidh is Glaic a' Chorraig, a tha cuideachd uaireannan air nochdadh.

"Tha mi a' coimhead air mar a bhios diofar dhaoine ann an aon choimhearsnachd, a tha car faisg air a chèile, faodaidh iad diofar naidheachdan a chleachdadh airson an aon ainm-àite a mhìneachadh."

A thuilleadh air a' Ghlaic, bidh Liam cuideachd a-mach air ainm-àite eile ann an Èirisgeigh air a bheil Breabadair an Staca.

'S e spùinneadair a bha sa bhreabadair, tha e coltach, is tòrr sgeulachdan ceangailte ris cuideachd.

A bharrachd air fiosrachadh a thoirt seachad Disathairne, tha Liam airson cluinntinn bho mhuinntir an eilein air na fhuair e gu seo agus fiosrachadh a bharrachd fhaighinn bhuapa.

"Seo an cothrom do mhuinntir Èirisgeigh a bhith ag innse dhomhsa a bheil mi air an t-slighe cheart leis na beachdan agam," tha Liam ag ràdh.

"S e a' bheul-aithris aca fhèin a tha seo agus bidh gach fear is tè aca cus nas eòlaiche air na cuspairean seo na tha mise".

Tha na tachartasan air an deireadh-sheachdain mar phàirt de shreath Dualchas Uibhist 2026 aig Ceòlas.

Bidh a' chiad òraid aig Liam ann an Talla Èirisgeigh aig 11:00m Disathairne is e a-mach air Glaic na Còmhraig, le cuairt chun an àite fhèin an uairsin aig 1:30f.

Didòmhnaich aig 11:00m bidh seisean aig Flòraidh Forrest bho Thobar an Dualchais san talla air a bheil 'A' cur Èirisgeigh air a' mhap'.

Bidh Flòraidh a' bruidhinn mu sgeulachdan à Èirisgeigh ann an Tobar an Dualchais agus a' cleachdadh a' mhapa ùir aca airson sealltainn nan clàraidhean agus far an deach an cruinneachadh.

Às dèidh sin aig 2:30f bidh an dàrna òraid aig Liam mu Bhreabadair an Staca.

Thig gnothaichean gu ceann le seisean-ciùil sa Pholitician eadar 4f is 6f.