Aths a' dùnadh na beàrn aig mullach na lìgeair fhoillseachadh aig 10:54 TSB
10:54 TSB
Ghluais Aths gu bhith dìreach puing air cùlaibh An Rubha aig mullach Lìog Leòdhais agus Na Hearadh às dèidh a' chùis a dhèanamh air a' Bhac oidhche Chiadain.
Chaidh Aths air thoiseach taobh a-staigh dìreach deich diogan mus robh Am Bac co-ionann mionaid às dèidh sin.
Bha Aths air thoiseach a-rithist às dèidh cairteal na h-uaireach ach deich mionaidean goirid ron leth-uair chuir Louie Dòmhnallach Am Bac co-ionann uair eile.
Fhuair Aths an uair sin breab-peanais le Harry Bray ga chur a-steach bhon spot.
Ghluais sgioba Steòrnabhaigh nas fhaide air thoiseach san dàrna leth a dh'aindeoin is gun robh iad shìos gu deichnear.
Fhuair Am Bac an uair sin breab-peanais dhaibh fhèin le Campbell Dòmhnallach gan gluasad nas fhaisge.
Ach a dh'aindeoin 's gun robh leth uair de thìde air fhàgail sa gheam cha b' urrainn dhaibh lorg fhaighinn air a' chòrr thadhail agus thàinig Aths am bàrr 4-3.
Tha sin a' fàgail Aths puing air cùlaibh An Rubha aig a' mhullach ged a tha geam a bharrachd aig na Rubhaich ri chluich.
Thèid an dà sgioba an aghaidh a chèile air an 28mh den Lùnastal.
Beinn na Faoghla is Èirisgeigh troimhe an Cupa Billy McNeillair fhoillseachadh aig 09:17 TSB 19 An Lùnastal
09:17 TSB 19 An Lùnastal
Bidh Beinn na Faoghla an aghaidh Èirisgeigh sa chuairt dheireannaich de Chupa Billy McNeill is an dà sgioba air adhartas a dhèanamh oidhche Mhàirt.
'S e 6-5 a bh' ann do Bheinn na Faoghla ann an geama iongantach an aghaidh Bharraigh ann am Bàgh a' Chaisteil.
Bha dràma gu leòr aig Cnoc na Monadh cuideachd far an do rinn Èirisgeigh an gnothach 5-4 air Saints an Ìochdair.
Bha Èirisgeigh air a bhith 4-1 air thoiseach le leth-uair air fhàgail ach thàinig Saints air ais gus an geama fhàgail co-ionann anns na diogan mu dheireadh.
Nochd cò eile ach Dominic MacAmhlaigh ge-tà gus an tadhal fhaighinn a chuir Èirisgeigh troimhe.
Bidh a' chuairt dheireannach ann Disathairne seo tighinn aig Pàirc an Eilein Duirche aig meadhan-là.
Chaidh Slèite is an Srath gu mullach Lìog Taobh Siar na Gàidhealtachd oidhche Mhàirt nuair a rinn iad a' chùis 5-3 air Loch Aillse.
Chuir Josh Knowles trì do Shlèite is Connaire Yoxon is Teàrlach MacGilleBhràtha cuideachd air an targaid.
Ged a tha Slèite aig bàrr na lìge, tha iad air dà gheama a bharrachd a chluich na Malaig, a tha còmhla riutha air 24 puingean.
Sa gheama eile ann an Lìog Taobh Siar na Gàidhealtachd oidhche Mhàirt rinn Caol Àcainn an gnothach 3-2 air Port Rìgh.
Dearbhadh air Cupa Amaitearach na Gàidhealtachdair fhoillseachadh aig 09:05 TSB 18 An Lùnastal
09:05 TSB 18 An Lùnastal
Tùs an deilbh, Cupa Amaitearach na Gàidhealtachd
Thàinig dearbhadh gur ann eadar Golspie Stafford is Whalsay a bhios cuairt dheireannach Chupa Amaitearach na Gàidhealtachd.
Bha Whalsay air a' chùis a dhèanamh 3-1 air Black Rock Rovers san iar-chuairt dheireannaich is Goillspidh air a dhol troimhe 3-1 an aghaidh Mhalaig.
Thog Malaig ceist às dèidh a' gheama sin ge-tà an robh fear de chluicheadairean Ghoillspidh air a chlàradh mar a bha còir.
Rinn comataidh Chupa Amaitearach na Gàidhealtachd sgrùdadh is tha iad a-nise air dearbhadh gun robh an duine clàraichte.
Tha sin a' ciallachadh gun tèid a' chuairt dheireannach eadar Golspie Stafford is Whalsay air adhart Disathairne 29mh ann an Inbhir Ùige.
Tha a h-uile coltas ann a-nise gur e rèis eadar An Rubha is Aths a th' ann airson tiotal Lìog Leòdhais is Na Hearadh às dèidh dhan Bhac call ris An Taobh Siar oidhche Luain.
'S iad Ross Dòmhnallach is Coinneach Mitchell a fhuair na tadhail dha na Siarach ann an Col Uarach is iad a' soirbheachadh 2-0.
'S e seo an treas geama lìge ann an sreath a bha na Bacaich air call is tha e air cha mhòr cur às gu dòchas sam bith a bh' aca air an tiotal.
Bha aona gheama eile ann oidhche Luain is Na Hearadh air buannachadh 5-1 an aghaidh United.
'S iad Tyler MacGilleÌosa, Ahmed Pandor (2) is Aaron MacLeòid (2) a fhuair na tadhail dha na Hearaich.
Oidhche mhòr air a' Bhacair fhoillseachadh aig 12:23 TSB 17 An Lùnastal
12:23 TSB 17 An Lùnastal
Tùs an deilbh, IslandFootie
Fo-thiotal an deilbh,
Rinn An Rubha an gnothach 3-2 air a' Bhac oidhche Haoine le tadhal anns a' mhionaid mu dheireadh
Tha geama cudromach aig mullach Lìog Lèodhais is na Hearadh oidhche Luain is Am Bac a' cur fàilte air An Taobh Siar.
Às dèidh dhan Bhac call 3-2 an aghaidh An Rubha oidhche Haoine - geama anns an robh iad 2-0 air thoiseach le beagan mhionaidean air fhàgail - tha cruaidh fheum aca air na trì puingean ma tha iad 'son fuireach san rèis aig a' mhullach còmhla ris An Rubha is Aths.
Tha aona gheama eile ann an Leòdhas oidhche Luain is United a' cluich an aghaidh Na Hearadh.
Thig fios oidhche Mhàirt cò bhios sa chuairt dheireannaich de Chupa Billy McNeill is Barraigh a' cluich Beinn na Faoghla is Èirisgeigh a' dol an aghaidh Saints an Ìochdair.
Tha seo a' tighinn às dèidh dha na Barraich adhartas a dhèanamh ann an cupa eile air an deireadh-sheachdain.
Rinn iad an gnothach air Athletic Steòrnabhaigh 7-6 air breaban-peanais ann an iar chuairt dheireannach Chupa MalCivils is an geama fhèin air crìochnachadh 3-3.
Bidh Barraigh an aghaidh A' Bhac sa chuairt dheireannaich.
Bidh dà gheama ann an Lìog Taobh Siar na Gàidhealtachd oidhche Mhàirt cuideachd.
Cluichidh Caol Àcainn an aghaidh Phort Rìgh is bidh Slèite is an Srath an aghaidh Loch Aillse.
Adhartas do sgiobaidhean Bhàideanachair fhoillseachadh aig 10:39 TSB 17 An Lùnastal
10:39 TSB 17 An Lùnastal
Fo-thiotal a’ bhidio,
Am peanas a chuir Baile Ùr an t-Slèibh troimhe gu cuairt dheireannach Chupa na Camanachd
Bha deireadh-seachdain air leth ann do sgiobaidhean Bhàideanach an dà chuid ann an iomain nam fear is nam ban.
Disathairne chaidh Baile Ùr an t-Slèibh air adhart gu cuairt dheireannach Chupa na Camanachd far an tèid iad a-rithist an aghaidh nan seann nàimhdean aca Ceann a' Ghiùthsaich.
Bha feasgar dùbhlanach aig a' Bhaile Ùr ann an Taigh an Uillt is iad 2-0 air dheireadh an aghaidh Camanachd an Òbain le dìreach cairteal na h-uaireach air fhàgail - an dà thadhal aig an Òban air tighinn bho Chonnor Howe.
Fhuair am Baile Ùr slighe air ais dhan gheama ge-tà le buille-peanais bho Steafan Dòmhnallach, is bha connspaid ann an uairsin nuair a chaidh Gary MacFhearchair aig an Òban a cur dheth is e air Drew Dòmhnallach a bhualadh leis a chaman - ged a bha MacFhearchair a' cumail a-mach gur e tubaist a bh' ann.
Chuir Mata Sloss tadhal eile dhan Bhaile Ùr le trì mionaidean air fhàgail gus an geama a chur gu ùine a bharrachd.
Cha robh an còrr thadhal san leth uair a bharrachd, ged a bha cairt dhearg ann do Declan Brannan aig a' Bhaile Ùr.
Dh'fhàg sin gun deach iad gu buillean-peanais agus 's e Kenny Ros eadar na puist dhan Bhaile Ùr an gaisgeach a bh' ann, a' sàbhaladh trì de dh'oidhirpean an Òbain gus am Baile Ùr a chur troimhe 2-1.
Bidh iad an aghaidh Cheann a' Ghiùthsaich sa chuairt dheireannaich san Òban air an 19mh den t-Sultain.
Sa Phrìomh Lìog Disathairne ghabh Ceann a' Ghiùthsaich an cothrom gus a' bheàrn eadar iad fhèin is am Baile Ùr aig a' mhullach a ghearradh gu ceithir puingean nuair a rinn iad an gnothach 4-1 air a' Ghearasdan.
Tha cùisean nas soilleire aig a' bhonn cuideachd is Loch Abar air dà phuing luachmhor a thogail le tadhal anns na diogan mu dheireadh an aghaidh Caol-Gleann gus buannachadh 2-1.
Aig an dearbh àm rinn na Sgìtheanaich a' chùis 3-1 air Caol Bhòid - is coltas ann aig an ìre seo gur iad Caol Bhòid is Caol-Gleann a thuiteas sìos dhan Lìog Nàiseanta.
Eachdraidh do Bhàideanach
Fo-thiotal a’ bhidio,
Calum MacIllinnein ag aithris air dà chuairt dheireannach ann an iomain nam ban
Ann an iomain nam ban rinn Bàideanach eachdraidh Didòmhnaich nuair a bhuannaich Cupa na Prìomh Lìge.
'S e cupa ùr a tha seo is e leasachadh cudromach a th' ann cuideachd do dh'iomain nam ban le dusan cluicheadair air gach taobh seach deichnear.
Bha mòran an dùil ri geama teann sa chuairt dheireannach eadar Bàideanach is Ceann Loch Seile - sgioba a tha air adhartas mòr a dhèanamh am-bliadhna.
Air a' cheann thall bha Bàideanach cus ro mhath air an là ge-tà is iad a' buannachadh 6-0.
Thàinig na tadhail aca bho Megan Ralph (2), Kirsty Deans (2), Zoe Reid is Lexi NicFhearchair.
Là air leth do Bhàideanach is bidh sùil aca a-nise air a' Phrìomh Lìog is Cupa Valerie Fhriseil a bhuannachadh cuideachd.
'S iad Ceann Loch Seile a bhios san rathad orra a-rithist is na sgiobaidhean gus coinneachadh san lìog air an 30mh den Lùnastal agus ann an cuairt dheireannach Cupa Valerie Fhriseil air a' 5mh den t-Sultain.
Rinn sgioba eile eachdraidh Didòmhnaich cuideachd.
Bhuannaich Dùn Ad Cupa ùr nan Sgiobaidhean Singilte is iad air soirbheachadh 5-3 an aghaidh Ghleann Urchadain às dèidh ùine a bharrachd.
Chuir Eilidh Chamshron ceithir de na tadhail aca is am fear eile a' tighinn bho Grace Drummond.
'S i Rowan Brockie a chuir na tadhail aig Gleann Urchadain.
Na Baghlaich aig bàrr na lìogair fhoillseachadh aig 09:53 TSB 12 An Lùnastal
09:53 TSB 12 An Lùnastal
'S iad Beinn nam Fadhla a th'aig bàrr Lìog Uibhist & Bharraigh fhathast as dèidh dhaibh puing a thogail an aghaidh Bharraigh an-raoir.
Chrìochnaich an geama eadar iad aig 1 - 1 aig Pàirc an Eilein Duirche.
Tha sin air Beinn nam Fadhla fhàgail puing air thoiseach air Uibhist a Tuath aig mullach na lìge, ged a tha iad air geama a bharrachd a chluiche. Tha na Barraich san treasamh àite, puing air thoiseach air Èirisgeigh.
Ann an Lìog Thaobh Siar na Gàidhealtachd, ghluais sgioba A' Ghearasdain suas don chòigeamh àite a raoir.
Rinn iad a chùis air Loch Aillse 3 - 2 anns A' Chaol.
Tha Loch Aillse aig bonn na lìog fhathast, le dìreach trì puingean a-mach as na deich geamannan aca gu ruige seo.
An Rubha, Am Bac, An Taobh Siar is United troimhe an Cupa Jock Steinair fhoillseachadh aig 12:33 TSB 11 An Lùnastal
12:33 TSB 11 An Lùnastal
Thàinig iomairt sgioba Chàrlabhaigh gus Cupa Jock Stein a dhìon gu ceann a-raoir, agus iad a' call ris an Rubha aig Cnoc a' Choilich.
Thug dà thadhal bho Aonghas Dòmhnallach, agus aonan eile bho Mhàrtainn Dòmhnallach na Rubhaich troimhe gu iar-chuairtean deireannach farpais na bliadhna seo, agus iad a' buannachadh 3 - 1.
Am measg nan geamannan eile, fhuair sgioba A' Bhac dìoghaltas air na Hearaich as dèidh call riutha ann an Cupa Mholdòbha Leòdhais air a' mhìos seo chaidh. Thàinig na Bacaich am bàrr 5 - 2 air an Tairbeart.
Coinnichidh iadsan An Taobh Siar san ath-chuairt, le na Siaraich a' buannachadh 2 - 1 an aghaidh Athletic Steòrnabhaigh aig Pàirc Chnoc nan Gobhar.
Chaidh cùisean na b' fheàrr do United Steòrnabhaigh ge-tà, agus iadsan a' dèanamh a' chùis air Nis 2 - 1 aig Na Còig Peighinnean. Thèid iadsan an aghaidh An Rubha air an 24mh den Lùnastal airson àite anns a' chuairt dheireannaich aig toiseach na h-ath-mhìos.
Cuairt dheireannach Chupa Eilean an Fhraoichair fhoillseachadh aig 11:27 TSB 10 An Lùnastal
11:27 TSB 10 An Lùnastal
Thèid cuairt dheireannach Chupa Eilean an Fhraoich air adhart air an 29mh den Lùnastal.
Thèid an geama, eadar Na Hearadh agus am Bac, a chluiche air a' Bhac.
Bha còir an geama a chluiche ann an Nis Disathairne an 8mh den mhìos, ach chaidh a chur dheth ri linn na droch aimsire.
Thèid na geamannan lìog a bh' aig an dà sgioba oidhche Haoine 28mh den Lùnastal a-nise a chluiche Diciadain 2mh den t-Sultain.
Bidh Am Bac an aghaidh nan Lochan agus tha Na Hearadh an aghaidh An Taobh Siar.
Cuairt dheireannach Eilean an Fhraoich dhethair fhoillseachadh aig 14:37 TSB 7 An Lùnastal
14:37 TSB 7 An Lùnastal
Cha tèid an geama eadar na Hearadh agus Am Bac air adhart Disathairne ann an Nis mar a bha còir anns a' chuairt dheireannaich de Chupa Eilean an Fhraoich.
Tha seo ri linn droch shìde ris a bheil dùil.
Thèid ceann-là eile a chur air dòigh air a shon fhathast.
Thèid ceithir geamannan a chluiche anns na cairteal-cuairtean deireannach de Chupa Jock Stein oidhche Luain.
'S iad sin:
Nis - United
Càrlabhagh - An Rubha
Na Hearadh - Am Bac
Aths - An Taobh Siar
Gleann Urchadain ceum nas fhaisge air a' Phrìomh Lìog san iomainair fhoillseachadh aig 13:53 TSB 6 An Lùnastal
13:53 TSB 6 An Lùnastal
Bhuannaich Gleann Urchadain 3-1 an aghaidh Lòbhat ann an Roinn Nàiseanta na h-iomain oidhche Chiadain.
Tha sin gan cuir sia puingean air thoiseach air sgioba Chill Tharaglain aig mullach na lìog agus ceum nas fhaisge air tilleadh dhan Phrìomh Lìog an ath sheusan.
Thàinig na tadhail do sgioba Dhruim na Drochaid o Neale Reid, Daniel MacIllEathain is Alfie MacLeòid, mus d'fhuair Lewis Tawse tadhal air ais do Lòbhat an dèidh 76m.
Bha aona gheama sa Phrìomh Lìog oidhche Chiadain cuideachd. Rinn Camanachd an Òbain an gnothach air Caol Bhòid 4-1.
Tha Caol Bhòid aig bonn a' Phrìomh Lìog 's gun iad ach dìreach air aona gheama a bhuannachadh air an t-seusan seo.
Tha An Gearsadan gu bhith a' cluiche Ceann Loch Seile oidhche Haoine aig 7f aig An Àird sa Phrìomh Lìog.
Agus anns an 2na Roinn a Tuath oidhche Haoine cuideachd, cuiridh Cill Mhàilidh fàilte air sgioba na Manachainn dhan Chaol.
Slèite & An t-Srath a' gluasad gu bàrr na lìgeair fhoillseachadh aig 15:28 TSB 5 An Lùnastal
15:28 TSB 5 An Lùnastal
Ghluais Slèite is an t-Srath gu mullach Lìog Thaobh Siar na Gàidhealtachd às dèidh a' chùis a dhèanamh air Caol Àcainn 6-2 oidhche Mhàirt.
Tha sin gam fàgail air an aon àireamh phuingean ri Malaig aig a' mhullach ach air thoiseach orra air sgàrradh thadhail, ged a tha Slèite is an t-Srath air geama a bharrachd a chluich.
Thèid Malaig agus Slèite is an t-Srath an aghaidh a chèile ann an geam mòr san lìog Disathairne a dh'fhaodadh buaidh gu math mòr a thoirt air far an tèid an tiotal am-bliadhna.
Cuideachd, thèid an sgioba a tha san treasamh àite, Iar Thuath an Eilein Sgitheanaich, an aghaidh Loch Aillse oidhche Haoine, is sgioba an Iar Thuath airson na cothroman aca fhèin air an lìog a bhuannachadh a chumail beò.
Agus anns a' gheama eile Dihaoine, cuiridh an Gearasdan fàilte air Port Rìgh.
Ceiltich an Òbain air tarraing a-mach às an Lìg Nàiseantaair fhoillseachadh aig 19:15 TSB 4 An Lùnastal
19:15 TSB 4 An Lùnastal
Tùs an deilbh, Oban Celtic
Dh'ainmich Comann na Camanachd gu bheil Ceiltich an Òbain air innse dhaibh nach urrainn dhaibh crìoch a chur air an t-seusan aca san Lìg Nàiseanta air sgàth ghainnead chluicheadairean.
Thuirt an cluba, a dh'aindeoin gach oidhirp sgioba fhaighinn air a phàirc, gu bheil e air a bhith doirbh dhaibh na geamaichean aca a choileanadh.
Thuirt Comann na Camanachd gun toir iad cuideachadh don sgioba fhad 's a tha iad a' feuchainn ri cùisean a leasachadh aig a' chluba.
"Tha sinn a' tuigsinn nach e co-dhùnadh furasta a bha seo do Cheiltich an Òbain agus tha sinn a' cur taic ri na planaichean a th' aca airson an cluba a dhèanamh nas seasmhaiche airson seusan 2027", thuirt neach-labhairt bho Chomann na Camanachd.
"Tha sinn a' dèanamh fiughair rim faicinn a' tilleadh nas làidire an ath-sheusan."
A rèir riaghailtean a' chomainn thèid na geamaichean a chluich iad san Lìg Nàiseanta a sguabadh às a' ciallachadh gun tèid na puingean a thog sgiobaidhean nan aghaidh a thoirt air falbh.
Cha do thog Celtich an Òbain iad fhèin puing sam bith air an t-seusan seo agus chaidh 2 phuing a thoirt bhuapa leis nach b'urrainn dhaibh cluich an aghaidh Eilean Bhòid air an 25mh den Iuchar.
Am Bac a' fulang buille nan iomairt san lìogair fhoillseachadh aig 10:40 TSB 4 An Lùnastal
10:40 TSB 4 An Lùnastal
Tùs an deilbh, Lewis & Harris Football Association
Thug Na Hearadh buille do dh'iomairt a' Bhac Lìog Leòdhais agus Na Hearadh a bhuannachadh le bhith a' dèanamh a' chùis orra oidhche Luain.
Thàinig na Hearaich am bàrr 3-2 air an Tairbeart a' ciallachadh gu bheil Am Bac a' fuireach san treasamh àite, sia puingean air cùlaibh an Rubha aig a' mhullach, ged a tha aon gheama a bharrach aig na Bacaich ri chluich.
Tha Na Hearadh fhathast sa chòigeamh àite, ach a-niste dìreach puing air cùlaibh Chàrlabhaigh os an cionn.
Bha beagan de bhuille ann cuideachd don sgioba san dàrna àite, Aths, a leig puingean às an aghaidh Chàrlabhaigh.
Chrìochnaich an dà sgioba 3-3, le Aths a' tilleadh bho a bhith 3-1 air dheireadh airson puing a thogail.
Tha sin a' fàgail Aths puing far a' mhullaich, ach tha iad air geama a bharrachd a chluich air an Rubha.
Cuideachd, thug an Taobh Siar droinneadh, 5-1, do Nis.
Agus anns a' chiad chuairt de Chupa Jock Stein fhuair United troimhe às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Na Lochan, 4-0.
Golspie Stafford is Whalsay ann an cuairt dheireannach Chupa Amataireach na Gàidhealtachdair fhoillseachadh aig 12:43 TSB 3 An Lùnastal
12:43 TSB 3 An Lùnastal
Chaill Malaig ri Golspie Stafford 3-1 ann an iar-chuairt dheireannach Chupa Amataireach na Gàidhealtachd aig an deireadh-sheachdain.
Bha Malaig air thoiseach gu na diogan mu dheireadh le tadhal o Sam MacKenzie mus tug Kevin Cairns co-ionnan na Cataich ann an 97m.
Fhuair Golspie Stafford dà thadhal eile ann an ùine a bharrachd tro Gary MacKenzie is an sgiobair Luke MacBeath, gan cur troimhe chun na cuairte deireannaich.
Bidh iad a' cluiche Whalsay à Sealtainn a rinn a' chùis air Black Rock Rovers à Baile Eòghainn 3-1 ann am Baile a' Chaisteil.
Chan eil ann an Whalsay ach an dàrna sgioba à Sealtainn a th' air an ìre seo den fharpais a' ruighinn.
Thèid a' chuairt dheireannach a chluiche Disathairne 15mh den Lùnastal.
Fin Greumach (deas) le bhonn umha le Devon Briggs a thog am bònn òir, agus Gòrdan Allan a fhuair am bonn airgid
'S e Fin Greumach, à Srath Pheofhair, an treasamh lùth-chleasaiche Gàidhealach a th' air bonn a bhuannachadh aig Geamaichean a' Cho-Fhlaitheis ann an Glaschu.
Bhuannaich e bonn umha ann an rèis C1-C3 1000m TT ann a velodrom Sir Chris Hoy Dihaoine
Thàinig seo às dèidh do Stephen MacCoinnich, à Ullapul, bonn umha a thogail san leum fhada agus Megan Keith, à Inbhir Nis, an aon bhonn a bhuannachadh san 5000m aig Scotstoun.
Chrìochnaich Greumach àir cùlaibh Devon Briggs à New Zealand, a thog am bonn òir, agus Gòrdan Allan à Astràilia a bhuannaich am bonn airgid.
"Mar lùth-chleasaichean para chan eil sinne cleachdte ris an t-seòrsa slòigh a tha seo," thuirt Fin.
"Tha e dìreach iongantach a' cluinntinn na fuaime ud fhad 's a tha sinn a' rothaireachd.
"Tha e a' ciallachadh gun urrainn dhut putadh nas cruaidhe buileach is tha e dìreach sònraichte math tighinn air falbh le bonn umha," thuirt e.
Bidh Fin a' farpais a-rithist Là na Sàbaid san C1-C3 3000m Individual Pursuit.
Aths a' gluasad gu bhith dà phuing far mullach na lìgeair fhoillseachadh aig 10:42 TSB 1 An Lùnastal
10:42 TSB 1 An Lùnastal
Tha Aths Steòrnabhaigh dìreach dà phuing far mullach Lìog Leòdhais is Na Hearadh às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air United oidhche Haoine.
Thug Aths droinneadh air na nàbaidhean aca sa bhaile, 7-0, airson na trì puingean a thogail agus cuideam a chumail air na Rubhaich.
Anns a' gheam eile oidhche Haoine rinn na Hearadh a' chùis air Nis 3-1 aig Pàirc nan Còig Pèighinnean.
Tha sin a' ciallachadh gu bheil Na Hearadh a' gluasad suas chun a' chòigeamh àite san lìog le Nis fhathast san dàrna àite bhon bhonn.
Cupa Amaitearach na Gàidhealtachd
Thèid na h-iar-chuairtean deireannach ann an Cupa Amaitearach na Gàidhealtachd a chumail an diugh.
Tha Malaig a' siubhal a Bhaile Eòghainn airson cluich an aghaidh Golspie Stafford aig 2f.
'S e seo a' chiad turas a tha Malaig air an ìre seo den fharpais a ruighinn.
Cuideachd, thèid Whalsay an aghaidh Black Rock Rovers ann am Baile a' Chaisteil aig 12:30f.
Malaig a' gluasad air thoiseach aig bàrr na lìgeair fhoillseachadh aig 14:35 TSB 29 An t-Iuchar
14:35 TSB 29 An t-Iuchar
Ghluais Malaig trì puingean air thoiseach aig bàrr lìog taobh siar na Gàidhealtachd le bhith a' dèanamh a' chùis air Loch Aillse, 4-3, oidhche Mhàirt.
Thug an sgioba aig a' bhonn deagh gheama dhan sgioba aig a' mhullach ach 's iad Malaig a thog na puingean air a' cheann thall.
Aig a' cheart àm shreap Slèite is an Srath suas chun an dàrna àite às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Port Rìgh, 7-0.
Tha sin gam fàgail air an aon àireamh phuingean ri Iar-thuath an Eilein Sgitheanaich ach air thoiseach orra air sgaradh thadhail.
Tha Slèite is an Srath trì puingean far a' mhullaich is iad air an aon àireamh gheamaichean a chluich ri Malaig, le Iar-thuath an Eilein Sgitheanaich air geama a bharrachd a chluich.
Tha geama fìor mhòr eile air thoiseach air Malaig air an deireadh-sheachdain, nuair a chluicheas iad ann an iar-chuairt dheireannach Cupa Amaitearach na Gàidhealtachd airson a' chiad uair an aghaidh Golspie Stafford.
Cuideachd an là sin, cluichidh Iar-thuath an Eilein Sgitheanaich an aghaidh Phort Rìgh ann an cuairt dheireannach Cupa Rois.
MacGriogair air ais aig Caley Thistleair fhoillseachadh aig 12:44 TSB 29 An t-Iuchar
12:44 TSB 29 An t-Iuchar
Tùs an deilbh, SNS
Dh'ainmich Caley Thistle Inbhir Nis gu bheil iad air Roddy MacGriogair a thoirt air ais chun a' chluba air cùmhnant dà bhliadhna.
Chuir MacGriogair an dà bhliadhna mu dheireadh seachad aig Queen's Park às dèidh dha Caley Thistle fhàgail ann an 2024.
Rugadh is thogadh MacGriogair ann am prìomh bhaile na Gàidhealtachd is bha e na sgoilear aig Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis na bhalach.
Thàinig e tro shiostam òigridh Chaley Thistle sa bhaile is e a' cosnadh cliù aig aois òg mar chluicheadair.
Chluich e dhan sgioba airson a' chiad turas ann an 2018 agus uile gu lèir nochd e dhaibh 113 turas tron chiad ghreis aige aig a' chluba, a' faighinn 6 tadhail.
Thuirt MacGriogair: "Tha mi cho toilichte a bhith air ais. Tha mi air bhioran faighinn gu dol leis gur e àite cho math a th' ann ball-coise a chluich.
"Tha mi eòlach air a' mhanaidsear, Scott Kellachar, agus an leas-mhanaidsear, Billy MacAoidh, agus cuideachd air an t-seòrsa buill-choise a tha iad ag iarraidh a chluich.
"Tha e cho math gan coimhead a' cluich agus thug sin buaidh air a' cho-dhùnadh agam.
"Tha mi eòlach air a' chluba san fharsaingeachd, agus tha mi a' leantainn Inbhir Nis, so bha sin cuideachd am measg nan adhbharan gun do roghnaich mi tilleadh."
Tadhail gu leòr an Lìog Leòdhais & Na Hearadhair fhoillseachadh aig 11:02 TSB 28 An t-Iuchar
11:02 TSB 28 An t-Iuchar
Fo-thiotal a’ bhidio,
Rinn An Rubha a' chùis air Na Hearadh 7-2. Dealbhan bho Island Footie.
Bha 35 tadhail anns na ceithir geamaichean ann an Lìog Leòdhais agus Na Hearadh oidhche Luain.
Ghluais an Rubha nas fhaide air thoiseach aig a' mhullach às dèidh a' chùis a dhèanamh air Na Hearadh, 7-2, ann an Garrabost.
Tha sin a' fàgail nan Rubhach sia puingean air thoiseach air a' Bhac, nach do chluich an-raoir, ged a tha an Rubha air dà gheam a bharrachd a chluich.
Dh'fhuirich Aths Steòrnabhaigh san treasamh àite le bhith a' dèanamh a' chùis air United ann an dearbaidh a' bhaile, 5-0.
Tha e a' ciallachadh gu bheil iad ochd puingean far a' mhullaich ach coltach ris a' Bhac tha dà gheam a bharrachd aca ri chluich.
Bha droinneadh ann cuideachd don sgioba aig a' bhonn is na Lochan a' call 10-1 ri Càrlabhagh.
Cha robh an sgòr buileach cho dona dhan sgioba san dàrna àite bhon bhonn, ach fhathast chaill Nis gu dona cuideachd, 9-1 ris an Taobh Siar.
Na Hearadh a' togail cupa airson a' chiad turas ann an 15 bliadhnaair fhoillseachadh aig 12:27 TSB 27 An t-Iuchar
12:27 TSB 27 An t-Iuchar
Fo-thiotal a’ bhidio,
Fhuair Tyler Gillies an aon tadhal sa gheama airson an cupa a bhuannachadh do na Hearaich. Dealbhan bho Island Footie.
Bhuannaich Na Hearadh cupa airson a' chiad turas ann an 15 bliadhna air an deireadh-sheachdain is iad a' dèanamh a' chùis air a' Bhac ann an cuairt dheireannach Cupa Moldòbha Leòdhais.
Bha an tadhal aig Tyler Gillies le dìreach beagan mhionaidean ri dhol gu leòr airson an geama a bhuannachadh do na Hearaich, 1-0.
Cha robh na Hearadh air cupa a thogail bho bhuannaich iad Cupa Eilean an Fhraoich ann an 2011.
Bha iad air ceithir cuairtean-deireannach a ruighinn san dà bhliadhna mu dheireadh ach chaill iad gach tè dhiùbh.
Thèid Na Hearadh agus Am Bac an aghaidh a' chèile a-rithist ann an cuairt-dheireannach Cupa Eilean an Fhraoich Disathairne an 8mh den Lùnastal.
Tha ceithir geamaichean ann oidhche Luain ann an Lìog Leòdhais is Na Hearadh le na Lochan a' cur fàilte air Càrlabhagh, An Rubha aig an taigh an aghaidh na Hearadh, dearbaidh Steòrnabhaigh eadar Aths is United agus Nis a' siubhal a chluich an Taobh Siar.
Malaig gu mullach na lìge
Ann an Lìog Taobh Siar na Gàidhealtachd ghluais Malaig chun a' mhullaich às dèidh a' chùis a dhèanamh air Iar Thuath an Eilein Sgitheanaich 3-1.
Tha sin a' fàgail an dà sgioba co-ionann aig a' mhullach air an aon àireamh phuingean ach le Malaig air thoiseach air sgaradh thadhail.
Tha cuideachd dà gheama a bharrachd aig Malaig ri chluich.
Aths a' fuireach san rèis aig mullach na lìgeair fhoillseachadh aig 11:30 TSB 25 An t-Iuchar
11:30 TSB 25 An t-Iuchar
Rinn Aths Steòrnabhaigh a' chùis air Càrlabhagh 2-1 oidhche Haoine airson gluasad nas fhaisge air an dà sgioba os an cionn ann an Lìog Leòdhais is Na Hearadh.
Ann an geama teann, 's iad Càrlabhagh a chaidh air thoiseach às dèidh 48 mionaidean.
Le cairteal na h-uaireach ri chluich ge-tà bha Aths co-ionann agus ann an ùine a bharrachd aig deireadh a' gheama fhuair iad an tadhal a thog na trì puingean dhaibh.
Tha sin gam fàgail san treasamh àite san lìog air 20 puing, còig puingean air cùlaibh an Rubha aig a' mhullach ged a tha geama a bharrachd aig Aths ri chluich.
Tha am Bac san dàrna àite air 22 puing is iad air an aon àireamh gheamaichean ri Aths ri chluich.
Chluich an dà sgioba aig bonn na lìge a chèile cuideachd a-raoir le Nis a' dèanamh na cùis air na Lochan, 3-1.
Tha sin a' fàgail nan Lochan fhathast aig a' bhonn gun phuing sam bith, le Nis a' gluasad nas fhaide air falbh bhuapa air sia puingean a-niste.
Ceithir buinn san amar do dh'Alba aig Glaschu 2026air fhoillseachadh aig 11:18 TSB 25 An t-Iuchar
11:18 TSB 25 An t-Iuchar
Tùs an deilbh, Getty Images
Thòisich iomairt na h-Alba san amar-snàimh aig Geamaichean a' Cho-Fhlaitheis le brag oidhche Haoine is iad a' togail ceithir buinn.
'S e fear de shàr-rionnagan na sgioba, Donnchadh Scott, a thòisich cùisean is e faighinn bonn òir san 200m individual medley agus bhrist e clàr nan geamaichean aige fhèin cuideachd.
An uair sin, thog am fear-snàimh-para, Stephen Clegg, bonn airgid san 100m freestyle S13 mus d'fhuair Katie Shanahan bonn airgid cuideachd san 200m backstroke.
Le ionad Tollcross air bhoil, thog Faye Rodgers an dàrna bonn òir den oidhche do dh'Alba goirid às dèidh sin anns an 200m individual medley SM10.
Bha mòran den bheachd gur e Scott am fear a bu choltaiche a' chiad bonn òir a bhuannachadh do dh'Alba aig na geamaichean is a-niste air 14 buinn a bhuannachaidh aig ìre gheamaichean a' cho-fhlaitheis.
"Tha mi glè thoilichte às dèidh siud," thuirt Scott às dèidh dha bhonn fhaighinn is fonn nàiseanta na h-Alba a sheinn. "Chaidh an rèis mar a mhiannachainn, agus a' dh'innse na fìrinn, 's e faochadh a th' ann a bharrachd air rud sam bith eile."
Tha là trang aig na geamaichean Disathairne cuideachd le naoi buinn òir rim buannachadh, ochd dhiubh sin anns an amar-snàimh.