À Muirhouse gu Napoli: An t-Albannach Neapolitanach eile

Alan Weir air sràidean Naples an oidhche a bhuannaich Napoli Serie ATùs an deilbh, Alan Weir
Fo-thiotal an deilbh,

Alan Weir air sràidean Naples an oidhche a bhuannaich Napoli Serie A

LeDòmhnall Pollock
BBC Naidheachdan
  • Air fhoillseachadh

Bidh sùilean an t-saoghail air Scott McTominay nuair a ghabhas Alba chun na pàirce ann am Boston an ath-sheachdain - is nam measg bidh Albannach Neapolitanach eile agus slighe a bheatha fhèin air a dhlùth cheangal ri Cupa na Cruinne.

Às dèidh bhliadhnaichean a' coimhead Cupa na Cruinne air an telebhisean is e a' fàs suas ann an Dùn Èideann, bha Alan Weir am measg an Airm Thartain ann an Saint-Étienne ann an 1998 nuair a chaill Alba 3-0 ri Moroco is iomairt eile air an àrd-urlar as motha a th' ann a' tighinn gu ceann le brag.

A dh'aindeoin briseadh-dùil, thug an là ud is na mìltean mòra a' caismeachd còmhla tro na sràidean chun na pàirc buaidh mhòr air Alan.

"'A' fàs suas 's e seòrsa de dh'aisling a bh' ann dhomh a dhol gu Cupa na Cruinne," tha e ag ràdh.

"Bha faireachdainn shònraichte ann an Saint-Étienne. Bha feadhainn a' crochadh a-mach à uinneagan le brataichean na h-Alba, bha e mar gun robh am baile gu lèir air ar cùlaibh.

"A bhith ann - bha mòr-ghàirdeachas nach robh mi air faireachdainn a-riamh".

Còignear taobh a-muigh Stade Geoffroy-Guichard ron gheama eadar Alba is Moroco ann an 1998.Tùs an deilbh, Neil Scully
Fo-thiotal an deilbh,

Saint-Étienne ann an 1998. Alan Weir san dàrna àite bhon làimh dheis le bratach na h-Alba timcheall air (is an sgrìobhaiche ri thaobh ann an lèine Nirribhidh)

Ged a thill e dhachaigh is e ag obair am measg òigridh ann an Dùn Èideann, bha an turas air rudeigin a lasadh ann an Alan.

Sa bhliadhna 2000 agus às dèidh dha buidheann de dh'òigridh às an sgìre aige fhèin ann am Muirhouse ann an ceann a tuath Dhùn Èideann a thoirt air turas chun na Gearmailt, chuir e an obair aige bhuaithe.

"Bha mi 'son rudeigin diofraichte fheuchainn. 'S e Cupa na Cruinne an rud as motha nam bheatha bhon a bha mi nam bhalach - dh'ionnsaich mi na h-uimhir mu dhùthchannan eile tro Chupa na Cruinne. Bha mi 'son a dhol thall thairis".

Ged a bha sùil aige an toiseach air a' Ghearmailt fhèin, thachair e an sin ri tè às an Eadailt - Piera - a dh'atharraich a bheatha.

Às dèidh turas gu dachaigh Piera faisg air Naples - a' toirt a-steach geama eadar Napoli is Juventus is Alan ann le lèine Alba à Cupa na Cruinne 1982 air - thuit an t-Albannach ann an trom gaol sa h-uile dòigh.

"Bha Naples iongantach dhomh. Bha ìomhaigh Maradona anns gach àite. Bha an t-àite gad bhualadh ann an clàr an aodainn - sràidean cruaidh ach càirdeil Naples.

"Daoine cho dòigheil 's a gheibh thu is cha robh riamh eagal orm ann".

Piera is AlanTùs an deilbh, Alan Weir
Fo-thiotal an deilbh,

Piera is Alan ann an ceann a deas na h-Eadailt

Ged a thug e an rathad air treis eile gus taic a chur ri Alba ann an San Marino is Zagreb san iomairt gu Cupa na Cruinne 2002 a ruighinn, bha cridhe Alan a-nise ga ghairm air ais gu ceann a deas na h-Eadailt.

"Bha mi 'son tilleadh air dà adhbhar - bha mi 'son a bhith còmhla ri Piera is bha mi ag ionndrainn Naples.

"Dh'fhosgail am baile mo shùilean dhan t-saoghal. Nuair a thàinig mi an seo thuit mi ann an gaol sa bhad.

"Chuir Naples nam chuimhne Lìte nuair a bha mi òg - caractaran mòra - is bha mi dìreach a' faireachdainn aig an taigh."

Chan eil sin ag ràdh nach robh cnapan-starra ann an toiseach.

Tha Alan ag ràdh le fealla-dha gur gann gun robh Beurla aige anns na làithean tràtha, gun luaidh air Eadailtis.

Ach le taic bho Piera is a teaghlach ann am baile beag Battipaglia deas air Naples, thog e cainnt is dòighean na sgìre.

Alan is Piera le an cuid chloinne Dylan, Nicole is Caterina.Tùs an deilbh, Alan Weir
Fo-thiotal an deilbh,

Na h-Albannaich Eadailteach - Piera is Alan le an cuid chloinne Dylan, Caterina is Nicole

"Feumaidh tu ionnsachadh a bhith a' tighinn beò mar a tha na daoine às an àite is spèis a shealltainn dhaibh.

"Tha cuimhne agam a bhith aig partaidhean far an robh an deoch saor an asgaidh is bhithinn nam sheasamh aig a' bhàr a' sgobadh an fhìona is bhiodh a h-uile mac màthar a' coimhead orm!

"Ach fhuair mi seachad air sin, thuig mi gum feum thu a dhol le cultar an àite seach a bhith a' seasamh a-mach.

"A-nise 's e 'O' Scozzese Napolitano' a th' aca orm."

Tha na h-Albannaich Neapolitanach air a dhol am meud ann am Battipaglia thar nam bliadhnaichean is triùir chloinne aig Alan is Piera.

Eadailtich òga le gaol cuideachd do dh'Alba, do bhall-coise is fiù 's do Hibs.

Tha teans gu bheil an wanderlust a chuir Cupa na Cruinne ann an Alan fhèin bho thùs air a dhol dhan ath-ghinealach cuideachd.

"Tha rudeigin annta - tha iad airson a bhith a' siubhal is tha iad a' faicinn gu bheil saoghal mòr a-muigh an siud," tha an athair ag ràdh.

Scott McTominay mu choinneimh luchd-taic Napoli an oidhche a bhuannaich iad Serie A ann an 2025Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Scott McTominay mu choinneimh luchd-taic Napoli an oidhche a bhuannaich iad Serie A ann an 2025

'S e rud ris nach robh dùil aig Alan gun nochdadh dithis Albannach Neapolitanach ann an sgioba Napoli fhèin.

Tha moladh mòr aige do Bhilly Gilmour is do Scott McTominay gu sònraichte.

Bha Alan ann am meadhan Naples le èileadh is lèine Napoli air an oidhche a chuir McTominay tadhal iongantach gus Serie A a bhuannachadh dhaibh an-uiridh.

"'Son dithis Albannach a bhith air a' phàirc nuair a bhuannaich Napoli an lìog - a thaobh ball-coise, sin cho pròiseil 's a bha mi a-riamh.

"Nuair a chaidh an tadhal aige a-steach, chan urrainn dhomh mìneachadh cò ris a bha sin coltach. Ach an uairsin rinn e an aon rud do dh'Alba an aghaidh na Danmhairge!

"Thuig McTominay an t-àite seo sa bhad. Tha mi a' smaointinn gu bheil e a' faireachdainn a' ghaoil - tha iad cho cianail fhèin measail air an duine an seo".

Rud a bhios a' ciallachadh gum bi taic gu leòr ann do dh'Alba ann an Naples anns na seachdainean ri thiginn.

Dylan, Alan is FabrizioTùs an deilbh, Alan Weir
Fo-thiotal an deilbh,

Dylan is Alan còmhla ris an deagh charaid aca Fabrizio air an oidhche a rinn Alba an gnothach air An Danmhairg

Cha tig an aois leatha fhèin is eadar sin is cosgais, bidh Alan e fhèin a' coimhead McTominay is an còrr às an Eadailt seach anns na Stàitean.

Còmhla ris bidh Neil, caraid bho Dhùn Èideann a bha cuideachd ann an Saint-Étienne is a tha a' dol dhan Eadailt gus geamaichean na h-Alba a choimhead còmhla ri Alan.

Tha Alan misneachail gun urrainn do dh'Alba a dhol ceum nas fhaide an turas seo na rinn iad ann an 1998 agus adhartas a dhèanamh a-mach às a' bhuidhinn aca.

Gabhaidh e mionaid cuideachd airson beachdachadh air an t-slighe iongantach a rinn e fhèin san 28 bliadhna mu dheireadh.

"Tha mo bheatha air atharrachadh gu mòr. Phòs mi is tha teaghlach againn, thachair mi ri tòrr dhaoine sònraichte is chunnaic mi àitichean air leth.

"Tha mi cho taingeil airson na th' agam: teaghlach an toiseach - ach ball-coise faisg san dàrna àite.

"Tha mi a' faireachdainn gun do lorg mi an t-àite agam. Chan e Alan a th' annam a-nise, 's e Alan lo Scozzese".

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte

Tuilleadh air an sgeulachd seo