Meacanaig ùr sgioba RNLI Phort Rìgh 'son boireannaich eile a mhisneachadh

Ellie Nic a' Phearsain na seasamh air bòrd bàta RNLI Phort Rìgh.Tùs an deilbh, RNLI/Robert MacInnes
  • Air fhoillseachadh

Tha meacanaig ùr sgioba RNLI Phort Rìgh ag ràdh gu bheil i moiteil dha-rìribh gur i a' chiad bhoireannach anns an obair - is gu bheil i airson is gum bi boireannaich eile a-nise ga leantainn.

Thogadh Ellie Nic a' Phearsain an am Flòdaigearraidh is i an-diugh a' fuireach ann am Port Rìgh.

Thòisich i le sgioba RNLI a' bhaile bho thùs ann an 2020.

Thairis air na bliadhnaichean mu dheireadh, tha i air trèanadh a dhèanamh am measg na sgioba fhèin is cuideachd aig Colaiste an RNLI ann an Sasainn.

Tha i a-nise air a dhol na leas-mheacanaig air bàta ùr na sgioba, Peter and Mary, a thàinig a-steach gu seirbheis sa Ghiblean.

"Timcheall air dà bhliadhna air ais cha robh meacanaig anns an sgioba is bha na balaich a' faighneachd an robh mi ag iarraidh a dhèanamh," dh' innis Ellie do BhBC Naidheachdan.

"Bha mi 'son a dhèanamh. Tha mi ag obair mar dhealanair, 's toigh leam càraichean agus a bhith ag obair air einnseanan san ùine agam fhìn."

Tha dleasdanas air na meacanaigean airson dèanamh cinnteach gu bheil bàta na sgioba daonnan deiseil airson a dhol an sàs.

Ellie Nic a' Phearsain na suidhe am broinn bàta RNLI Phort Rìgh.Tùs an deilbh, RNLI/Robert MacInnes

Seo a' chiad turas ann an eachdraidh sgioba RNLI Phort Rìgh, bho thòisich iad ann an 1991, a tha boireannach air a bhith ag obair mar mheacanaig.

Tha Ellie ag ràdh gu bheil i ga fhaicinn mar urram."

"Tha mi moiteil, tha e mìorbhaileach.

"Tha sinn ag iarraidh gun tig boireannaich eile airson an obair seo a dhèanamh."

Thuirt Meacanaig Làn-ùine RNLI Phort Rìgh, Iain "Clanky" MacNeacail gu bheil Ellie air obair mhòr a dhèanamh is air cur gu mòr ri obair na sgioba.

Thuirt e gu bheil cothroman air leth aig an RNLI a bhith ag ionnsachadh is a' dèanamh adhartais.