Misneachd aig Ionad Gàidhlig an t-Sàilein

Tha an Dr Alasdair MacIlleBhàin ag ràdh gu bheil iad "gu mòr airson 's gum bi ionad foghlaim againn an seo"
- Air fhoillseachadh
Tha Ionad Gàidhlig an t-Sàilein ann am Muile an dòchas £100,000 fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba, ach tha iad ag ràdh gum feum iad £2m a bharrachd airson an cuid amasan a thoirt gu buil.
Chaidh an goireas a stèidheachadh sa Mhàrt am-bliadhna gus fàs a thoirt air a' Ghàidhlig san t-Sàilean agus san eilean air fad.
Chaidh a chur air adhart le Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid airson airgead luach £100k bho Mhaoin Prògram nan Eilean aig Riaghaltas na h-Alba.
Thuirt an Dtr Alasdair MacIlleBhàin, a bhuineas don t-Sàilean agus a tha an sàs sa phròiseact, gun leigeadh sin leotha ailtire fhastadh gus sgrùdadh a dhèanamh air togalach a dh'fhaodadh a bhith na ionad foghlaim.
Stèidhich an Dr MacIlleBhain companaidh gus sin a thoirt gu buil le stiùireadh bho Oilthigh Ghlaschu far a bheil e na òraidiche.
Thuirt e: "Tha dà sgoil san eilean a-nis ach tha sgoilearan, pàrantan, luchd-cùraim agus tidsearan, tha taic a dhìth orra a thaobh na Gàidhlig taobh a-muigh na sgoile, a' Ghàidhlig sa choimhearsnachd, a' Ghàidhlig ann an dachannan an eilein."

Tha Muilich air innse dhaibh gur e cothroman foghlaim sa Ghàidhlig a tha iad ag iarraidh san ionad a dh'fhosgail sa Mhàrt
A bharrachd air ionad foghlaim a stèidheachadh, tha iad ag amas air àitichean-fuirich a bhith ann le cidsin agus bùth.
Tha iad misneachail gum faigh iad am maoineachadh calpa luach £2m a bhios a dhìth orra airson na h-amasan a thoirt gu buil, tha an Dr MacIlleBhàin ag ràdh.
"Tha sinn air modail-ionmhais agus plana-gnìomhachais a dhèanamh a tha aig àrd-ìre. Tha sinn air sin a choileanadh còmhla ri sàr eòlaichean le taic Oilthigh Ghlaschu.
"Leis an dàimh a th' againn leis an oilthigh tha sinn gu mòr airson 's gum bi ionad foghlaim againn an seo.
"Tha sean is òg air a ràdh rinn gu bheil cothroman foghlaim a dhìth orra gus na tha aca de Ghàidhlig an àite a leasachadh, na th' aca de dhualchas an eilein a thuigsinn agus a thaisbeanadh às ùr," thuirt e.
Tha dùil ri fios nas fhaide sa bhliadhna cò na pròiseactan a tha air soirbheachadh 'son taic fhaighinn bho Mhaoin Prògram nan Eilean.