Oilthigh Dhùn Èideann "gu math mothachail cho cudromach 's a tha a' Ghàidhlig"

Oilthigh Dhùn ÈideannTùs an deilbh, PA
  • Air fhoillseachadh

Thuirt cathair Roinn na Ceiltis aig Oilthigh Dhùn Èideann gu bheil an t-oilthigh gu math mothachail air cho cudromach 's a tha a' Ghàidhlig is gu bheil iad ann an deagh shuidheachadh àite a' chànain a leasachadh.

Bha an t-Ollamh Rob Dunbar a' bruidhinn is Plana ùr Gàidhlig Oilthigh Dhùn Èideann, taobh a-muigh ga fhoillseachadh sa bhaile oidhche Dhiardaoin.

Tha an t-Oll Dunbar ag ràdh gu bheil am plana a' togail air an adhartas a rinneadh ann am planaichean a bh' ann mar-tha.

Thog e mar eiseimpleir air mar a shoirbich le dreuchd Sgrìobhadair Gàidhlig air Mhuinntireas.

""Tha an dàrna sgrìobhadair air muinntireas againn. Fhuair sinn taic bho Bhòrd na Gàidhlig sa chiad dol a-mach, ach cho-dhùin an t-oilthigh gun robh an sgeama gu math soirbheachail agus gun robh iad airson a chumail a' dol le airgead an oilthigh fhèin," thuirt e.

Fo-thiotal,

Mirin Cowey a rinn Gàidhlig aig Oilthigh Dhùn Èieann is oifigear leasachaidh na Gàidhlig aig an oilthigh, Isla Parker.

A thuilleadh air sin, bidh oifigear Gàidhlig an oilthigh, Isla Parker, a' cumail a' dol san dreuchd aice.

Am measg nan leasachaidhean ùra tha àite-fuirich do dh'oileanaich aig a bheil a' Ghàidhlig.

Tha sgeama coltach ri seo air a bheil Taigh na Gàidhlig air a bhith a' ruith aig Oilthigh Ghlaschu anns na bliadhnaichean mu dheireadh.

Thuirt an t-Oll Dunbar gu bheilear an dòchas gum bi an t-àite-còmhnaidh seo do dh'oileanaich ann an Dùn Èideann aig a bheil Gàidhlig deiseil aig Pollock Halls an ath-bhliadhna.

Thog e cuideachd air mar a tha Oilthigh Dhùn Èideann an sàs ann an leasachadh a' chànain sa bhaile san fharsaingeachd tron iomairt Gàidhlig Dhùn Èideann, is e ag ràdh gu bheil obair an oilthighe fhèin air cur ri faicsinneachd a' chànain ann am meadhan a' bhaile.

Fo-thiotal,

An t-Oll Rob Dunbar a' bruidhinn ri Eilidh NicÌomhair

Aig cridhe ghnothaichean, thuirt e, tha a bhith a' cruthachadh barrachd chothroman do dh'oileanaich a' Ghàidhlig a chleachdadh is na sgilean cànain aca a leasachadh.

Is tha an t-Oll Dunbar misneachail mun t-slighe air adhart.

"Tha taic a-nise againn bhon oilthigh fhèin. Tha an t-oilthigh gu math mothachail a-nise cho cudromach 's a tha a' Ghàidhlig.

"Tha mi gu math, gu math earbsach gun tèid againn air na h-amasan a th' againn sa phlana a choileanadh, agus an uairsin nuair a thig an t-àm gus plana eile a chur air dòigh, gun tèid againn air barrachd leudachaidh a dhèanamh orra."

Tuilleadh air an sgeulachd seo