Naidheachan 10:00m
An Ear-Mheadhanaich
Bha ionnsaighean rocaid a' dol eadar Israel agus Iran tron oidhche airson a' chiad uair bho chaidh fosadh anns a' chogadh aontachadh anns a' Ghiblean. Chaidh aithris gun tugadh ionnsaigh air ceann a tuath agus meadhan Israel agus aig ionad petro-cheimigeach ann an iar-dheas Iran. Thuirt neach-labhairt airson ministreachd cèin Iran gun robh an t-uallach gu lèir air na Stàitean Aonaichte agus nach b' urrainn sgaradh a dhèanamh eadar na nì Israel agus poileasaidhean nan Stàitean Aonaichte.
Prìs na h-ola
Tha prìs na h-ola air leum suas air sàilleabh an t-sabaid. Dh' èirich prìs brent crude còrr air 5% agus tha a' phrìs a-nis aig beagan nas lugha na $100 gach baraille.
An Ucràin
Tha am Prìomhaire agus ceannardan na Frainge agus na Gearmailt air taic a chur ri moladh na h-Ucràin còmhraidhean dìreach a chumail le Vladimir Putin. Seo an dèidh dhaibh coinneachadh ris a' Cheann-suidhe Zelensky aig Sràid Dhowning a-raoir. Ann an aithris sgrìobhte eatorra, thuirt iad gum bu chòir àite a bhith aig na Stàitean agus aig an Roinn Eòrpa ann an còmhraidhean sam bith mu bhith a' toirt an t-sabaid gu ceann.
Crith-thalmhainn
Bhuail crith-thalmhainn chumhachdach far chosta eilean Mindanao ann an ceann a deas nam Filipìnoan. Tha oifigich a' tomhais gun deach co-dhiù còig duine deug a mharbhadh anns a' chrith-thalmhainn, a bh' aig neart 7.8.
CalMac
Thuirt an tè a chaidh fhastadh mar chathraiche air Bòrd Coimhearsnachd nan Aiseagan aig CalMac gun robh i a' coimhead air adhart ris an dreuchd, aig àm far a bheil an dà chuid dùbhlain agus cothroman air beulaibh nan coimhearsnachdan. Bha Màiri NicAonghais, à Uibhist a Deas, a' sgrìobhadh air na meadhanan-sòisealta an dèidh mar a chaidh a h-ainmeachadh mar chathraiche a' bhùird aig an deireadh-sheachdain. Bha i roimhe na cathraiche air Bòrd na Gàidhlig agus air Ceòlas. Thuirt i gun robh an doras aice fosgailte, gun robh i toilichte èisteachd ri daoine agus beachdan nan coimhearsnachdan eileanach a thoirt gu diofar bhuidhnean.
Mathan an Iapan
Tha baile Utsunomiya ann an Iapan air na bun-sgoiltean agus na sgoiltean meadhain aca air fad a dhùnadh - 94 dhuibh - an dèidh mar a chaidh mathan fhaicinn anns a' bhaile airson a' chiad turas. An t-seachdain seo chaidh, dh'fhàg ionnsaigh mathain ann am baile Fukushima co-dhiù ceathrar air an droch ghoirteachadh.