Cathraiche ùr Bòrd Coimhearsnachd ChalMac a' gealltainn èisteachd ris an t-sluagh

Màiri NicAonghais
  • Air fhoillseachadh

Tha cathraiche ùr Bòrd Coimhearsnachd nan Aiseagan ag ràdh gu bheil an doras aice fosgailte is gu bheil i deiseil is deònach dragh an t-sluaigh a thogail le buidhnean aig an ìre as àirde.

Tha Mairi NicAonghais ag ràdh gum feum seirbheisean aiseig a bhith earbsach is stèidhichte air feumalachdan nan coimhearsnachdan.

Chaidh h-ainmeachadh san obair air an deireadh-sheachdain.

Bha Màiri, à Uibhist a Deas, fad iomadach bliadhna na ceannard air Sgoil an Ìochdair.

Bha i cuideachd na cathraiche air Ceòlas is bha i anns na bliadhnaichean mu dheireadh na cathraiche air Bòrd na Gàidhlig.

Thuirt Raibeart Moireasdan aig CalMac gun robh pròiseas fastaidh gu math farpaiseach ann ach gun robh Màiri NicAonghais a' seasamh a-mach mar thagraiche.

Chuir Rùnaire ùr na Còmhdhail, Stephen Flynn, fàilte oirre san obair is e ag ràdh gu bheil i a' toirt eòlas is tuigse chun na h-obrach.

Thuirt Mgr Flynn gu bheil àite gu math cudromach aig Bòrd Coimhearsnachd nan Aiseagan ann a bhith a' dèanamh cinnteach gu bheil beachdan nan daoine a' ruighinn an fheadhainn a tha a' dèanamh cho-dùnaidhean mu lìonra nan aiseagan.

Thuirt Màiri NicAonghais gu bheil i a' tuigsinn cho cudromach 's a tha ceanglaichean aiseig a thaobh eaconomaidh nan eilean agus cuideachd dàimhean sòisealta agus cultarail.

Dh'innis i gu bheil i airson is gum bi seirbheisean stèidhichte air feumalachdan nan coimhearsnachdan is gun obraich i leis a' chòrr den bhòrd, Còmhdhail Alba, CalMac is CMAL gus leasachaidhean a chur an sàs.

Ann am brath air na meadhanan-sòisealta thuirt i: "Tha mi toilichte an obair seo a ghabhail nuair a tha dùbhlain agus cothroman air beulaibh ar coimhearsnachdan.

"Bidh an doras agam fosgailte is bidh mi toilichte èisteachd agus beachdan nan coimhearsnachdan eileanach a thogail leis na diofar bhuidhnean aig a bheil cumhachd."

'S e Aonghas Caimbeul, a bha uair na cheannard air Comhairle nan Eilean Siar, an cathraiche a bha Bòrd Coimhearsnachd nan Aiseagan bho chaidh a stèidheachadh ann an 2017 gu 2025.