Dòchas gun toir Drochaid Nabhair ùr piseach air trafaig air Slighe NC 500

Drochaid liath aig cùl an deilbh le daoine, clann nam measg, cruinn còmhla agus coltas orra gu bheil iad ri gàirdeachas Tùs an deilbh, COMHAIRLE NA GÀIDHEALTACHD
Fo-thiotal an deilbh,

Tha dòchas nach bi na h-uimhir de dhàil air draibhearan leis gu bheil drochaid le rathad dùbailte aca a-nis

  • Air fhoillseachadh

Chaidh cuirm a chumail Dihaoine airson an drochaid ùr tarsainn Abhainn Nabhair faisg air a' Bhlàran Odhar an Cataibh fhosgladh gu foirmeil.

Tha Drochaid Nabhair a-nis le rathad dùbailte seach an aon slighe a bh' air an t-seann drochaid iarainn a thogadh sna 1880an a bha tric a' tachdadh trafaig air slighe turasachd ainmeil NC 500.

Chosg am pròiseact ùrachaidh aig Comhairle na Gàidhealtachd £15m, agus 's e a' chompanaidh Wills Bros Civil Engineering a rinn an obair-togail.

Chaidh an drochaid ùr fhosgladh le cathraiche Comataidh na h-Eaconomaidh is a' Bhun-structair, Ken Gowans.

Fosgladh oifigeal Drochaid Nabhair. Tha fear ann an deise dorcha a' gearraidh riebein le siosar agus tha dithis fhear eile a' cumail greim air an ribean. Tha clann còmhla riutha agus tòrr dhaoine air an cùlaibh le laraidh gheal. Tùs an deilbh, COMHAIRLE NA GÀIDHEALTACHD
Fo-thiotal an deilbh,

Thàinig a' choimhearsnachd a-mach airson an drochaid ùr fhosgladh gu foirmeil

Thuirt an Comh Gowans: "'S e latha mòr a th' ann an-diugh don choimhearsnachd ionadail, don a h-uile duine air a' chost a tuath, agus dhaibhsan a tha a' crochadh air an t-slighe chudromach seo."

Thug e taing na òraid do mhuinntir na sgìre airson an cuid foighidinn fhad 's a bha an obair a' dol air adhart.

A' bruidhinn às leth muinntir a' Bhlàran Odhair, Allt na h-Eirbhe agus Srath Nabhair thuirt Jim Johnston gun robh an seann drochaid air a bhith feumach air ùrachadh.

Thuirt e: "Tha sinn toilichte gu bheil goireas ùr a-nis ann a tha a' freagairt air feumalachdan na coimhearsnachd agus as urrainn dèiligeadh ri na tha de thrafaig a th' ann an cois NC 500."

Tuilleadh air an sgeulachd seo