Gearanan às ùr mu na tha de luchd-turais air slighe an NC500

Tha slighe an NC500 na tharraing mhòir do luchd-turais
- Air fhoillseachadh
Tha ceistean as ùr ann mu shlighe turasachd an NC500 mun cuairt cheann a tuath na h-Alba an dèidh do na Poilis mòran dhràibhearan a chur fo chasaid air an deireadh-sheachdain.
Chlàir iad mu 12 cùis, nam measg a bhith a' dràibheadh gun chùram, a bhith a' dràibheadh ro luath, agus feadhainn a' dràibheadh fo bhuaidh deoch is drugaichean.
Tha an NC500 a' tòiseachadh an Inbhir Nis, a-null taobh siar Rois, suas costa an iar-thuath agus an costa a tuath 's a-nuas an costa an ear a-rithist air ais a dh'Inbhir Nis.
Tha barrachd 's barrachd ga chleachdadh bho thòisich e ann an 2015.

Bidh cuid de dhraibhearan air an sàrachadh air cùl bhanaichean-campachaidh a tha a' dol gu slaodach air an NC500
Bha iomairt shònraichte aig na Poilis air an deireadh-sheachdain a chaidh air an rathad.
Chuir iad an grèim no chuir iad casaid air còrr 's 20 neach airson laghan rathaid a bhriseadh.
Nam measg bha boireannach, 43, agus fireannach, 59, fo chasaid dràibheadh fo bhuaidh dhrugaichean.
Bha fireannach eile, 47, fo amharas dràibheadh fo bhuaidh na dibhe.
A bharrachd air sin bha daoine aig an robh drugaichean, feadhainn a' dràibheadh gu cunnartach agus a' dol ro luath.

Tha luchd-iomairt ag ràdh gum faod tubaist a bhith ann nuair dh'fheuchas cuid ann an càraichean cumhachdach faighinn seachad air rothairean a tha gan cumail air ais
Tha luchd-iomairt an aghaidh an NC500 air a bhith a' gearain bho chionn fhada air a' bhuaidh a tha uiread de luchd-siubhail a' toirt air na sgìrean tro bheil e a' dol 's air na rathaidean gu h-àraid.
Nam measg tha Robin Pettigrew à Loch Carrann a tha ag ràdh gu bheil an Samhradh seo buileach dona.
"Tha tric grunn chàraichean cumhachdach a' dràibheadh còmhla agus aig astar air rathaidean singilte agus nuair a tha sin ann agus buidhnean de rothairean a' dol nas slaodaiche tha suidheachadh cunnartach ag èirigh.
"Tha tric sreath de charbadan ann le bhana-campachaidh aig a cheann a' siubhal gu mall agus tha seo a' fàgail daoine sàraichte agus iad a' feuchainn ri faighinn seachad orra a dh'fhaodadh tubaist adhbhrachadh," mhìnich e.