Duais chliùteach do thaigh-bìdh anns na Hearadh

Chris agus Nicola Loye a' togail an duais aca ann an LunnainTùs an deilbh, Flavour
Fo-thiotal an deilbh,

Chris agus Nicola Loye a' togail na duaise aca ann an Lunnainn

  • Air fhoillseachadh

Chaidh inbhe trì rosette AA a bhuileachadh air taigh-bìdh Flavour anns na Hearadh.

Seo a' chiad turas riamh a chaidh an ìre seo de dhuais a thoirt to thaigh-bìdh anns na h-Eileanan an Iar.

Dh'fhosgail Chris agus Nicola Loye an taigh-bìdh ann an Urgha as t-samhradh 2021.

Tha Chris a' cleachdadh biadh ionadail aig Flavour agus a' mìneachadh gach rud a tha e a' dèanamh is e a' còcaireachd air beulaibh nan aoighean aige.

Tha Flavour air sreath dhuaisean a chosnadh thar nam bliadhnaichean mu dheireadh agus thuirt iad gun robh iad "air an dòigh glan" leis "an duais a b' fheàrr" a fhuair iad gu ruige seo.

Bha dà rosette aig taigh-bìdh Uig Sands ann an Ùige mar-tha, agus fhuair The Boatshed ann an Steòrnabhagh aon rosette cuideachd.

Tha 24 taigh-bìdh an Alba, taobh a-muigh a fhuair inbhe 3 Rosette.

Tuilleadh air an sgeulachd seo