Comann na Clàrsaich gu bhith ga chomharrachadh an Inbhir Pheofharain

- Air fhoillseachadh
Bidh tachartas ann an Inbhir Pheofharain air an deireadh-sheachdain a' comharrachadh 95 bliadhna bho chaidh Comann na Clàrsaich a stèidheachadh.
Chaidh an comann a chur air bhonn, taobh a-muigh aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail sa bhaile ann an 1931, leis an amas àite na clàrsaich ann am beatha nàiseanta na h-Alba a ghlèidheadh.
Tha 13 meur aca air feadh na dùthcha.
Bidh an tachartas Dihaoine, Harps Galore, a' toirt còmhla luchd-ciùil òg bhon sgìre fhèin agus cluicheadairean proifeasanta na clàrsaich aig Acadamaidh Inbhir Pheofharain.
Tha e a' tighinn agus 800 bliadhna bho fhuair Inbhir Pheofharain inbhe mar bhaile rìoghail cuideachd ga chomharrachadh.
Inbhir Pheofharain aig 800
- Air fhoillseachadh12 Am Faoilleach
Tè-chiùil a chluich do Mhadonna ag ath-bheòthachadh mòd ionadail
- Air fhoillseachadh14 An Cèitean
Am measg na bhios air an àrd-ùrlar, bidh Jennifer Port à Cataibh, a tha na ball den chomann.
"Tha e cho snog gu bheil ceann-bliadhna a' chomainn agus comharrachadh 800 bliadhna de dh'Inbhir Pheofharain air tighinn còmhla mar seo," thuirt i.
"Bidh sinn a' taisbeanadh tàlant na h-òigridh, agus às dèidh sin bidh còig luchd-ciùil proifeasanta air an àrd-ùrlar, a tha cuideachd uile a' fuireach ann an sgìre meur na Gàidhealtachd."

The Jennifer Port toilichte gu bheil cinn-bhliadhna a' chomainn agus Inbhir Pheofharain mar bhaile rìoghail a' tighinn còmhla
Cho math ri Jennifer, 's iad na luchd-ciùil proifeiseanta eile a bhios a' cluich aig a' chuirm, Cheyenne NicIlleDhuinn, Bill Mac an Tàilleir, Emma Wright agus Freya NicThòmais.
Mus tòisich an ceòl, thèid òraid a thoirt seachad mun chomann agus na tha e air coileanadh thairis air 95 bliadhna.
Tha a bhith a' leigeil clàrsaich a-mach air màl aig prìs reusanta, agus taic-airgid do luchd-ciùil òg, am measg na bhios iad a' dèanamh gus cèol na clàrsaich a bhrosnachadh an-diugh.