Naidheachdan 11:00m
Comhairle Bhaile Ghlaschu
Tha Comhairle Bhaile Ghlaschu ag ràdh gun do rinn iad na b' urrainn dhaibh gus aonta a ruighinn le na h-aonaidhean ciùird mus do roghnaich iad gum feumadh iad còrr air 23,000 a chur a-mach à dreuchd, agus am fastadh às ùr air cùmhnantan ùra. Bha còmhraidhean air a bhith a' dol le na h-aonaidhean ciùird mu phàigheadh agus mu chùmhnantan ann am pròiseas a dh'èirich gu ìre ath-breithneachaidh laghail mu ìrean pàighidh aig luchd-obrach fireann agus boireann. Bidh litrichean a' dol a-mach gu luchd-obrach na comhairle, a thuilleadh air luchd-teagaisg, an ath-sheachdain le dùil gum bi cùmhnantan ùra a' tighinn orra bho thoiseach na bliadhna. Tha mòran air am poileasadh agus am plana a chàineadh gu dubh ge-tà.
Ùghdarrasan ionadail
Tha ceannardan chomhairlean na h-Alba gu bhith a' coinneachadh an-diugh gus bruidhinn air molaidhean a tha ann airson atharrachadh mòr a thoirt air cruth agus cumadh ùghdarrasan ionadail na dùthcha. Tha Riaghaltas na h-Alba air moladh an àireamh aca a ghearradh gu mòr, ach tha an t-uabhas cheistean ag èirigh mu mar a dh'obraicheadh sin.
Sgeama-taice teasachaidh
Leanaidh sgeama-taice dha cuid de dhachannan a tha a' cleachdadh ola no gas LPG airson teasachadh nas fhaide. Thòisich Sgeama Èiginn na h-Alba airson Ola Teasachaidh anns a' Ghiblean, nuair a dh'èirich prìsean ola gu mòr le cogadh anns an Ear-Mheadhanach. Bha sin ag amas air feadhainn air an teachd-a-steach as ìsle a chuideachadh. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun lean sin a-nis ged a tha prìsean air tuiteam beagan, leis a' mhì-chinnt a th' ann air prìsean anns na mìosan ri teachd.
Urchairean Patriot
Thuirt an Ceann-suidhe Zelensky gu bheil Dòmhnall Trump às ùr air gealltainn dha gum bi na Stàitean Aonaichte a' toirt cead dhan Ucràin siostaman urchairean dìon Patriot a dhèanamh dhaibh fhèin. Bha sin air a ghealltainn an toiseach san Iuchar, ach chaidh Mgr Trump air ais air sin bhon uairsin. Chan eil dearbhadh ann fhathast air seo bhon Taigh Gheal ge-tà.
Hacairean
Tha feachd poilis anns a' Chuimrigh ag ràdh gu bheil iad air ionnsaigh shaidhbeir fhulang. Tha feachd Dyfed-Powys ag ràdh nach eil seo a' toirt buaidh air na siostaman èiginn aca, ach gur dòcha gun robh fiosrachadh pearsanta an luchd-obrach aca a-nis air fhaotainn aig na hacairean.
CalMac
Tha CalMac air tuilleadh fiosrachaidh fhoillseachadh mu na planaichean a th' aca airson seirbheisean nan Eilean Siar tron gheamhradh. Bidh an Loch Bhrùsda air a chumail air seirbheis Chaolas na Hearadh, le CalMac ag ràdh gu bheil còmhraidhean a' leantainn mu bhàta eile a cheadachadh dhan t-slìghe sin, nuair a tha an Loch Bhrùsda fhèin feumach air obair càraidh bhliadhnail. Thathas an dùil cuideachd an Glen Sannox a chur air slìghe bathair Steòrnabhaigh, nuair a thèid an Loch Seaforth gu doc, leis an Isle of Lewis a' ruith nan seirbhisean eile a dh'Ulapul aig an aon àm.