Ceannardan Oilthigh Dhùn Èideann "mothachail" air cudromachd na Gàidhlig

Seann Cholaiste Oilthigh Dhùn Èideann air là soilleir, brèagha. Tha seann togalaichean cloiche timcheall ceàrnag feòir.Tùs an deilbh, PA
  • Air fhoillseachadh

Thuirt Ollamh na Ceiltis aig Oilthigh Dhùn Èideann gu bheil e a' tuigsinn carson a tha daoine frionasach mu ghearraidhean ann an cùrsaichean aig an oilthigh, ach nach bi atharrachaidhean mòra anns na tha an roinn a' dèanamh.

Tha An t-Oll Rob Dunbar ag ràdh cuideachd gu bheil e den bheachd gu bheil ceannardan an oilthigh a' tuigsinn cho cudromach is clìuteach 's a tha a' Ghàidhlig agus Roinn na Ceiltis.

Tha connspaid is mì-thoileachas air a bhith ann anns na làithean mu dheireadh às dèidh do mholaidhean tighinn am bàrr gus 90 cùrsa-ceum ann an Colaiste nan Ealan, nan Daonnachdan, agus nan Saidheansan Sòisealta aig an oilthigh a ghearradh.

Tha ceum singilte ann an Ceiltis agus cuid de na ceumannan dùbailte leis a' chuspair sin nam measg.

A' bruidhinn air Aithris na Maidne Diluain, mhìnich An t-Oll Rob Dunbar mar a bhuaileas na planaichean air Roinn na Ceiltis agus Eòlas na h-Alba.

"Tha trì ceumannan singilte an-dràsta ann: Ceiltis, Eòlas na h-Alba, Eitn-eòlas na h-Alba."

"'S e am prìomh mholadh nach bi ach aona cheum ann an Ceiltis agus Eitn-eòlas na h-Alba - mar sin bidh ceum ann an Ceiltis fhathast ann.

"Taobh a-staigh a' cheum bidh slighean a leigeas le oileanaich cùrsaichean Ceiltis a-mhàin a dhèanamh, cùrsaichean ann an Gàidhlig.

"Mar sin, a thaobh susbaint na tha sinn a' dèanamh cha bhi atharrachaidhean mòra ann idir."

An t-Ollamh Rob Dunbar

Tha cuid de cho-cheumannan - Ceiltis còmhla ri cuspair eile - cuideachd gus falbh.

Thuirt an t-Oll Dunbar gu bheil cuid a tha a' falbh nach do rinn duine anns na beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh, ach gum bi ochd ceumannan dùbailte ann fhathast is far a bheil na h-àireamhan air a bhith nas fhallaine.

Thàinig an naidheachd is stailcean gus tòiseachadh am measg luchd-obrach Oilthigh Dhùn Èideann ann an co-cheangal ri planaichean gus sàbhalaidhean £140m a dhèanamh is le call-cosnaidh na chois.

Bidh 25 là de stailcean ann thairis air còig seachdainean bhon 28mh den t-Sultain.

Thuirt rùnaire Aonadh nan Oilthighean is Colaistean, Jo Grady, roimhe gur e "milleadh acadaimigeach" a tha anns na planaichean ud.

"Frionasach"

'S e Dùn Èideann an roinn Cheiltis as sine ann an Alba is tha cuid air dragh a nochdadh gu bheil cunnart ann gun tèid inbhe na roinne a lùghdachadh.

Ghabh an t-Oll Dunbar ris gum bi uallach air daoine mu na h-atharrachaidhean.

Thuirt e gu bheil e fhein "frionasach" mun t-suidheachadh ann an Dùn Èideann agus ann an oilthighean na h-Alba san fharsaingeachd, is mòran eile le dùbhlain ionmhais.

Tha e ag ràdh, ge-tà, gu bheil tuigse aig ceannardan Oilthigh Dhùn Èideann mu eachdraidh is cliù Roinn na Ceiltis.

"'A rèir na tha an t-oilthigh ag ràdh rinne tha fios aca gu bheil Ceiltis agus Eitn-eòlas na h-Alba anabarrach fhèin cudromach.

"Tha sinn air a bhith a' teagasg na Ceiltis is na Gàidhlig aig an oilthigh bho 1882 is tha iad mothachail air sin, is air cho cudromach 's a tha a' Ghàidhlig agus Eitn-eòlas na h-Alba gu nàiseanta agus gu h-eadar-nàiseanta, is nach eil ach glè bheag de roinnean ann an Alba is air feadh an t-saoghail a tha a' dèanamh seo.

"Tha sinn aig àm doirbh anns na h-oilthighean air fad agus fo na planaichean co-dhiù, tha mi a' smaoineachadh gu bheil adhbhar againn a bhith rud beag dòchasach".

Ann am brath, thuirt an t-Oll Alex Thomson, ceannard Sgoil nan Litreachasan, Cànanan is Cultaran aig Oilthigh Dhùn Èideann, nach tig atharrachadh air àite an oilthigh mar fhear de na h-àitichean as fheàrr san Rìoghachd Aonaichte a thaobh teagasg chànanan is Ceiltis is Eòlas na h-Alba.

"Tha sinn a' toirt ùrachaidh air a' phrògram againn gus na tha sinn a' tabhann do dh'oileanaich a neartachadh agus na slighean aca tro na ceumanan aca a dhèanamh nas fhasa.

"Le a bhith a' dùnadh cuid de phrògraman anns nach robh oileanaich sam bith no glè bheag dhiubh fad bhliadhnaichean, tha sinn den bheachd gu bheil sinn a' neartachadh ar prògraim.

"Rinn sinn na co-dhùnaidhean seo às dèidh dhuinn beachdachadh orra gu faiceallach is tha sinn den bheachd gun dèan an t-ùrachdadh feum dhan Sgoil againn thairis air iomadh bliadhna."