Plana ChalMac airson seirbheis Chaolas na Hearadh thar a' gheamhraidh

Tha an MV Loch Portain as àbhaist a bhith a' seòladh air Caolas na Hearadh ga càradh ann an Grianaig agus trioblaid theicnigeach oirre
- Air fhoillseachadh
Dh'fhoillsich Caledonian Mac a' Bhriuthainn barrachd fhiosrachaidh mun phlana aca seirbheisean eadar an t-Òb agus Beàrnaraigh a chumail a' dol tro chlàr-ama a' gheamhraidh. , taobh a-muigh
Tha còrr is mìos bho nach robh ach seirbheis do luchd-siubhail air chois a-mhàin eadar an dà phort.
Tha dùil nach bi an Loch Portain as àbhaist a bhith air slighe Chaolas na Hearadh air ais bhon doc far a bheil i ga càradh.
Dhearbh CalMac roimhe gur e an Loch Bhrùsda - as àbhaist a bhith air Caolas Bharraigh - as motha a bhios a' cumail nan seirbheisean eadar Beàrnaraigh agus na Hearadh a' dol.
Tha dùil gun tòisich i air an 28mh den t-Sultain agus i an-dràsta a' seòladh a-mach à Malaig chun nan Eileanan Tarsainn.
Dhearbh a' chompanaidh aiseig nach bi an Loch Bhrùsda a' tilleadh gu Caolas Bharraigh, taobh a-muigh nuair a bhios an soitheach a th' air an t-slighe an-dràsta, an Loch Àlainn, a' faighinn na seirbheis bliadhnail aice.
Bidh an Loch Riddon, as àbhaist a bhith a' dol eadar Tobair Mhoire agus Chille Chòmhain, air a gluasad gu Caolas Bharraigh eadar an 9mh là den t-Samhain agus an 7mh là den Dùbhlachd.
An Loch Bhrusda dearbhte airson Caolas na Hearadh air a' gheamhradh-sa
- Air fhoillseachadh16 An t-Sultain
Caolas na Hearadh gu bhith às aonais aiseig gu faisg air deireadh na Sultaine
- Air fhoillseachadh7 An t-Sultain
Thuirt CalMac gu bheil còmhraidhean air a bhith aca le Buidheann na Mara is nan Cladaichean mu bhith a' ceadachadh soitheach eile airson Caolas na Hearadh nuair a bhios an Loch Bhrùsda a' faighinn seirbheis bliadhnail san Fhaoilleach an ath-bhliadhna.
Air sgàth cho eu-domhain agus a tha na h-uisgeachan air an t-slighe tha glè bheag de bhàtaichean as urrainn seòladh tarsainn.
Tha gnothachasan am Beàrnaraigh agus san t-Òb air a bhith a' gearan mun bhuaidh orra leis nach eil seirbheis do charbadan air a bhith ann.
Thuirt Ceannard Sheirbheisean le CalMac, Fionnlagh MacRath, gu bheil iad ag aithneachadh cho cudromach 's a tha na seirbheisean eadar na h-eileanan do na coimhearsnachdan air a bheil iad a' frithealadh.
Thuirt e: "Tha sinn ag obair gus plana iomlan airson clàr-ama a' gheamhraidh a dhealbh agus dùil nach bi an Loch Portain ri fhaotainn.
"Sgaoilidh sinn fiosrachadh mu na planaichean airson an Fhaoillich 2027 cho luath agus a ghabhas."