Measadh ga dhèanamh air slighe an NC500

- Air fhoillseachadh
Thuirt a' chompanaidh a th' air cùl slighe turasachd an NC500 gu bheil iad air measadh iarraidh air an t-slighe agus iad air càineadh fhaighinn co-cheangailte ris o chionn ghoirid.
Tha am buidheann margaidheachd a' cur air adhart cuairtean do luchd-turais mu thimcheall air iar thuath na Gàidhealtachd.
Ach tha cuid de mhuinntir na sgìre ag ràdh gu bheil luchd-turais is carbadan a bharrachd air a bhith a' dèanamh cron air an sgìre agus a' cur uallach a bharrachd air bun-structur.
Tha NC500 air iarraidh air seirbheis co-chomhairleachaidh aithisg ullachadh air buaidh eaconamach is sòisealta na slighe agus tha dùil gum bi gnothachasan is coimhearsachdan nam pàirt den sgrùdadh.
Thuirt a' chompanaidh fhèin gu bheil an iomairt air cuideachadh le bhith a' cruthachadh dhreuchdan làn-ùine anns a' cheann a tuath de dh'Alba agus air taic a chur ris an eaconamaidh ionadail.
NC500: Casg air bhanaichean-campachaidh?
- Air fhoillseachadh25 An Dàmhair 2024
Luchd-stiùiridh an NC500 ag ràdh gu bheil e a' dèanamh feum
- Air fhoillseachadh25 Am Màrt 2025
Dùbhlain an NC500
- Air fhoillseachadh10 An t-Ògmhios 2025
Thuirt iad gu bheil iad airson togail air uireasbhaidhean sam bith a thuilleadh air buannachdan a tha an cois na slighe turasachd.
Thuirt Daibhidh Richardson bhon bhuidheann gum feumaiste obrachadh còmhla airson cùisean a chur am feabhas agus fuasgladh fhaighinn airson na trioblaidean a th' ann leis an NC500.
Thuirt e cuideachd gun robh tòrr rudan matha mu dheidhinn.
Tha Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus Comhairle na Gàidhealtachd a' cur taic ris an sgrùdadh.
Tha NC500 fhèin dòchasach gun tèid togail air soirbheachas na slighe agus gum gu fuasglaidhean na lùib do dhùbhlain sam bith.
Thuirt Gordan Camshron a tha a' fuireach air a' Chomraich gun robh esan dòchasach mun NC500 aig an toiseach - gur e cothrom a bhiodh ann don taobh tuath gu h-àraidh far nach robh cùisean cho trang.
Ach thuirt e nach eil e a' faicinn gun tàinig mòran adhartais an dèidh 10 bliadhna a thaobh bun-structair agus eaconamaidh.
Thuirt Mgr Camshron cuideachd gu bheil buidheann glè bheag a' dèanamh glè mhath às ach nach robh tòrr chosnaidhean air tighinn na chois.