Iarrtas "gun seas rùnaire ùr suas ri Còmhdhail Alba"

- Air fhoillseachadh
Thuirt cathraiche còmhdhail Comhairle nan Eilean Siar gu bheil e an dòchas gum bi Rùnaire ùr na Còmdhail "làidir gu leòr gus seasamh suas ri oifigearan Còmhdhail Alba" a thaobh staing nan aiseagan.
Chaidh Stephen Flynn a thaghadh mar Rùnaire na h-Eaconamaidh, na Còmhdhail is na Turasachd sa chaibineat ùr a dh'fhoillsich Iain Swinney Diciadain.
Aig an dearbh àm ge-tà, bha trioblaidean ùra a' nochdadh ann an lìonra nan aiseagan is duilgheadasan a' bualadh air an Hebrides, Lord of the Isles, Isle of Lewis, Loch Portan, is cuideachd an Isle of Mull.
Bha cuid dhiubh sin dìreach air tilleadh bhon doc.
Ged a tha piseach a-nise air tighinn air cùisean san fharsaingeachd, 's ann gu ruige an Òbain seach Malaig a tha an Lord of the Isles a' seòladh Diardaoin air sgath trioblaid le a thruster toisich, is tha an Isle of Lewis fhathast a-mach à seirbheis.
Thàinig an troimh-chèile ùr seo dìreach beagan làithean bho dh'innis CalMac gun robh cùisean air "tilleadh chun na h-àbhaist" às dèidh nan trioblaidean mòra a bh' aca anns na seachdainnean mu dheireadh.
Troimh-chèile às ùr an seirbheisean aiseig Uibhist, Leòdhais is na Hearadh
- Air fhoillseachadhBho chionn 20 uair
CalMac: Cùisean air tilleadh chun na h-àbhaist
- Air fhoillseachadhBho chionn 5 làithean
Thuirt cathraiche còmhdhail CnES, Ùisdean Robasdan, gun robh "na cluasan agam gu math teth" is daoine a' gearan.
"Ann an còmhraidhean ri CalMac bha iad ag ràdh nuair a thèid obair mhòr a dhèanamh air aiseagan gum bi an-còmhnaidh duilgheadasan mar seo ann gus an seatlaig a h-uile rud sìos.
"Bhiomaid an dòchas an dèidh na seachdain seo gum bi cùisean gu math nas fheàrr.
Tha sreath fada de dhaoine air a bhith ann an obair Rùnaire na Còmdhail aig Riaghaltas na h-Alba anns na bliadhnaichean aig Mgr Robasdan fhèin mar chathraiche na còmhdhail aig CnES.
Thuirt e gum bi an t-ùghdarras ionadail airson bruidhinn ri Stephen Flynn san aithghearrachd is e fhèin a-nise a' gabhail obair na còmhdhail.
Ach 's ann a tha Mgr Robasdan a' cumail a-mach gu bheil trioblaidean nas bunaitiche ann.
Dleasdanas 'son na Gàidhlig air Màiri NicAilein
- Air fhoillseachadhBho chionn 18 uairean
"Tha còmhraidhean math air a bhith againn thairis nam bliadhnaichean le CalMac is le CMAL is tha mi a' smaoineachadh gu bheil sinn ann an deagh àite leotha a thaobh nan duilgheadasan," thuirt e.
"An rud a tha doirbh dhuinn 's e dèiligeadh ri Còmhdhail Alba. 'S iad aig deireadh an là a tha a' dèanamh nan co-dhùnaidhean agus chan eil iad a' tuigsinn idir, idir - is tha sin gu math soilleir - na duilgheadasan a tha na co-dhùnaidhean aca ag adhbharachadh anns na h-eileanan a tha seo.
"Bhithinn an dòchas gum bi Stephen Flynn làidir gu lèor airson seasamh suas ris na h-oifigearan a tha air a bhith a' dèiligeadh rinn 'son grunn bhliadhnaichean".
Tha BBC Naidheachdan air beachd iarraidh bho Chòmhdhail Alba.
Thuirt neach-labhairt bho ChalMac gu bheil iad duilich airson mar a tha troimh-chèile a' toirt buaidh air luchd-siubhail.
Gheibhear am fiosrachadh as ùire mu sheirbheisean ChalMac air làraich-lìn na companaidh, taobh a-muigh.