CalMac: Cùisean air tilleadh chun na h-àbhaist

An Clansman
  • Air fhoillseachadh

Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn ag ràdh gu bheil gnothaichean a-nise air ais mar bu chòir air lìonra nan aiseagan.

Dhearbh a' chompanaidh cuideachd gum bi an MV Alfred a-nise aca gu deireadh clàr-ama an t-samhraidh.

Tha staing mhòr air bualadh air CalMac anns na seachdainean mu dheireadh is sreath de bhàtaichean a-mach à seirbheis.

Dh'aidich a' chompanaidh gur dòcha nach robh iad riamh ann an suidheachadh cho doirbh agus troimh-chèile a' bualadh air coimhearsnachdan air feadh a' chosta an iar.

Dh'fhàg an staing a bh' ann cuideachd gun robh ceist nan aiseagan gu mòr air aire luchd-poileataigs ann an iomairt taghadh Pàrlamaid na h-Alba.

Tha piseach air tighinn air gnothaichean mean air mhean ge-tà, is adhartas mòr ann an t-seachdain seo leis an MV Hebrides agus a-nise MV Isle of Lewis a' tilleadh gu seirbheis.

'S e an MV Finlaggan am bàta mòr mu dheireadh a tha san doc ach tha dùil rithe air ais bho Dhiciadain seo tighinn.

Tha dearbhadh ann cuideachd gu bheil an Alfred, an catamaran a th' air a bhith aig CalMac air màl bho Pentland Ferries bho 2023, a' fuireach sa chablach gu deireadh clàr-ama an t-samhraidh san Dàmhair.

Bha còr aig an aonta tighinn gu ceann aig toiseach a' Mhàirt.

Tha dùil gum bi an t-aonta air còrr air £40m a chosg dha Riaghaltas na h-Alba air a' cheann thall.

"Nas tràithe an t-seachdain seo, thill sinn seirbheisean Cholla, Cholbhasa, Mhuile, Uibhist a Deas agus Thiriodh chun na h-àbhaist nuair a thill an Hebrides," thuirt àrd-oifigear ChalMac, Donnchadh Mackison.

"Tha an Isle of Lewis a-nise a' tilleadh cola-deug nas tràithe na bha dùil agus 's urrainn dhuinn coimhead air adhart le tomhas de mhisneachd.

"Tha sinn air ar dòigh gu bheil an Alfred a' fuireach chun na Dàmhair agus nuair a tha gach bàta mòr againn, bidh a-nise tè a bharrachd againn tro mhìosan trang an t-samhraidh.

"Tha sin a' fàgail gun urrainn dhuinn gluasad gu luath ma tha bàtaichean a' briseadh sìos, agus cuideachd deuchainnean a dhèanamh le bàtaichean aig puirt eadar-dhealaichte".

Dhearbh CalMac gum bi an Alfred a' dol eadar An Truthail agus Brodaig, ag obair còmhla ris an Caledonian Isles a bhios a' seòladh eadar Àird Rosain is Brodaig.

Ged a tha seirbheisean air ais aig an ìre àbhaistich, tha ceistean a' leantainn ann an cuid de choimhearsnachdan.

Chualas iarrtas an t-seachdain seo bhon bhuidhinn iomairt SUBIG gun rachadh faraidhean eadar Malaig is Loch Baghasdail a ghearradh 50% airson a' chòrr den t-samhradh mar thoradh air na trioblaidean san dà mhìos mu dheireadh.

Cha robh seirbheis idir ann eadar Malaig is Loch Baghasdail bho dheireadh a' Mhàirt mus do thòisich i às ùr an t-seachdain seo.

Tuilleadh air an sgeulachd seo