Rabhadh CnES mu bhuaidh riaghailtean iasgaich nas cruaidhe air an sgìre

bàtaichean-iasgaich ceangailte aig cidhe air là ciùin Tùs an deilbh, Getty Images
LeAilig John Moireasdan
BBC NaidheachdanAg aithris àLeòdhas
  • Air fhoillseachadh

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gum faodadh molaidhean Riaghaltas na h-Alba cuingealaichean ùra a chur air iasgach an sgìrean glèidhte aig muir buaidh mhòr a thoirt air a' ghnìomhachas, obraichean agus seasmhachd choimhearsnachdan eileanach.

Tha seo mar phàirt de fhreagairt an ùghdarrais ionadail dhan cho-chomhairle mu na ceumannan ùra a bheireadh buaidh air còrr 's 160 làrach a tha air an comharrachadh mar-thà.

Tha a' mhòr-chuid dhiubh sin air costa siar na h-Alba agus grunnan timcheall air na h-Eileanan an Iar.

Bha 600 ceist an lùib a' cho-chomhairleachaidh mu sgìrean MPA - Marine Protected Areas - agus sgìrean PMF - Priority Marine Features.

Ann an cuid de sgìrean bhiodh cuingealaichean air dòighean sònraichte iasgaich, ach ann an cuid eile thathar a' moladh sgìrean a dhùnadh buileach.

Tha iomadh làrach anns na h-Eileanan Siar air a bheil iad a' coimhead, 31 dhiubh gu lèir (14 MPA agus 17 PMF).

Tha dragh aig iasgairean agus aig Comhairle nan Eilean Siar mun bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith air a' ghnìomhachas ionadail, gu h-àraidh daoine a tha ag obair an Caolas Bharraigh agus Caolas na Hearadh.

Tha a' chomhairle agus riochdairean a' ghnìomhachais ag ràdh gu bheil tòrr a bharrachd de na làraichean suidhichte air taobh an iar na h-Alba agus timcheall nan eilean na tha anns na sgìrean eile.

Tha iad den bheachd gum faodadh cuingealaichean a bharrachd iasgairean a phutadh a-mach à cuid de na h-àitichean far a bheil iad ag obair an-dràsta.

Tha dragh orra cuideachd gum faodadh buaidh a bhith cuideachd air na factaraidhean, air cosnaidhean agus air an eaconamaidh san fharsaingeachd.

Tha Comhairle nan Eilean Siar fiù 's a' toirt rabhadh gum faodadh sin cur ri duilgheadas crìonadh-sluaigh, agus nì iad sin gu math follaiseach anns an fhreagairt aca.

Tha an riaghaltas ag ràdh gu bheil na ceumannan riatanach gus àrainnean mara agus gnèithean mara a ghlèidheadh san àm ri teachd.

Connspaid

Bha connspaid mhòr ann nuair a chumadh co-chomhairleachadh mu Sgìrean Fìor-ghlèidhte aig Muir (HPMA) a stèidheachadh.

Bhathas airson an inbhe seo a bhith aig 10% de dh'uisgeachan na h-Alba ro 2026.

Tha trì bliadhna bho chuir Riaghaltas na h-Alba am poileasaidh chun an dàrna taobh.

Thuirt Ministear an Àiteachais, Jim Fairlie, ri BBC Naidheachdan bho chionn dà mhìos gur e mearachd a bh' anns na molaidhean sin, ach ghabh e ris gum bi na tha iad a-nis a' moladh fhathast connspaideach.

Dh'iarr e gun tèid daoine an sàs sa cho-chomhairle.

"Cha tèid aontachadh ri càil gus am bi co-dhùnadh ann. Mar sin, feumaidh iasgairean freagairtean a thoirt seachad," thuirt e.

"Thigibh thugainn le fuasglaidhean, airson ar cuideachadh dìon a chur air an roinn aca agus dìon àrainneachd a chur an gnìomh aig a' cheart àm."

'S e an 18mh den Fhaoilleach an ceann-là airson freagairt a chur a-steach.