Dleasdanas 'son na Gàidhlig air Màiri NicAilein

- Air fhoillseachadh
'S ann air Màiri NicAilein a bhios dleasdanas airson na Gàidhlig ann an Riaghaltas ùr na h-Alba.
Dh'ainmich Iain Swinney an caibineat ùr aige feasgar às dèidh dha a bhòidean a ghabhail mar Phrìomh Mhinistear nas tràithe air an là.
'S e Rùnaire an Fhoghlaim, a' Chultair is na Gàidhlig a th' ann am Màiri NicAilein.
'S ann à Biggar ann an Siorrachd Lannraig a Deas a tha i bho thùs agus tha i air a bhith na ball aig Holyrood bho 2021.
'S ann le Ceit Fhoirbeis a bha uallach airson na Gàidhlig san riaghaltas mu dheireadh.
Cha do sheas Ceit Fhoirbeis san taghadh am-bliadhna agus 'son a' chiad uair bho chaidh Pàrlamaid na h-Alba mar a tha e a stèidheachadh ann an 1999, chan eil buill sam bith ann leis a' Ghàidhlig.
Tha an an caibineat slàn a dh'ainmich Iain Swinney mar a leanas:
Jenny Gilruth - Leas-Phrìomh Mhinistear agus Ionmhas
Ivan McKee - Ath-leasachadh Seirbheis Poblaich
Angela Constance- Slàinte
Màiri NicAilein - Foghlam, Cultar agus Gàidhlig
Neil Gray - Ceartas
Shirley-Anne Sommerville- Ceartas Sòisealta is Taigheadas
Gillian Martin - Gnìomh na Gnàth-shìde is Cùisean Dùthchail
Stephen Flynn - An Eaconamaidh, Còmhdhail is Turasachd
