Naidheachdan 11:00m

NHS Sgìre a' Mhonaidh

Chaidh iarraidh nach leanadh àrd-oifigear NHS Sgìre Roinn a' Mhonaidh na dreuchd le fear-lagha lannsair a tha air draghan mòra a thogail mu dhòighean-obrach a' bhùird-slàinte. Thuirt Aamer Anwar, a tha a' riochdachadh an Dotair Mohammed Habib, nach robh còir aig Laura Skaife Knight leantainn na dreuchd às dèidh mar a chaidh nochdadh gun do bhàsaich 19 daoine gun adhbhar a bha fo chùram a' bhùird-slàinte. Tha Rùnaire Slàinte na h-Alba, Angela Constance, mu thràth air misneachd a nochdadh anns an àrd-oifigear ge-tà. Tha i cuideachd air ath-sgrùdadh oifigeil iarraidh air mar a chaidh dèiligeadh ri draghan mu obair-lannsa grùthain agus pancreas aig NHS Sgìre Roinn a' Mhonaidh. Tha am bòrd-slàinte air fàilte a chur air an ath-sgrùdadh a tha sin.

Feise air-loidhne

Chaidh sianar fhireannach agus balach na dheugachan a chur fo chasaid ann an co-cheangal ri cùisean far an deach brath a ghabhail air cloinn airson feise air-loidhne. Bha iad air an cur an greim ann an sreath de dh'iomairtean poilis bho Dhiluain sa chaidh. Tha dùil ri balach aois 16, agus fireannaich aois eadar 20 agus 51 anns a' chùirt - le fear eile, aois 42, air a chur an grèim agus air a shaoradh fo rannsachadh. B' iad Poileas Alba a rinn an iomairt-sa.

Aonta leis an EU

Tha Ciad Rùnaire na Stàite - Louise Haigh - air innse dhan cho-labhairt bhliadhnail aig an CBI gum bi an t-aonta a rinn am Prìomhaire leis an EU an t-seachdain sa chaidh a' toirt a-nuas cosgaisean dha luchd-gnothaich agus a' cur às do bhiùrocrasaidh gun adhbhar. Tha dùil ri tuilleadh fiosrachaidh mun aonta an-diugh fhathast, agus Andy Burnham gu bhith a' bruidhinn ann an Taigh nan Cumantan. Thuirt na Tòraidhean mu thràth gun cuireadh iad às don aonta nan tilleadh iad gu cumhachd.

Obair shòisealta an Earra-Ghàidheal

Tha gainnead luchd-obrach sòisealta ann an Earra-Ghàidheal a' ciallachachadh gu bheil cuid a' feitheamh còrr is bliadhna airson sgrùdadh a thaobh ciorraim fhaighinn. Tha sin a rèir aithisg a thèid mu choinneamh chomhairlichean Earra-Ghàidheal is Bhòid an t-seachdain-sa a tha ag ràdh gu bheil ceithir a-mach a còig dreuchdan oifigeach sòisealta san Òban bàn. Thuirt an Comhairliche Dougie MacPhàidein gu bheil an gainnead a' toirt fìor dhroch bhuaidh air teaghlaichean.

An Ucràin

Dhearbh an Ucràin gur iad na feachdan acasan a bu chòireach airson ionnsaighean air dà bhàta Ruiseanach far chosta Libya. Bha soitheach-cogaidh adhartach agus bàta-bàthair air am bualadh. Thuirt an Ceann-suidhe Zelensky gur e drònaichean mara a rinneadh anns an Ucràin a chaidh a chleachdadh sna h-ionnsaighean agus gun robh iad air am bàta-cogaidh a chur fodha.

Co-op Live Arena

Tha na poilis ann am Manchester fhathast a' rannsachadh dè seòrsa stuth a bha air sgaoileadh dhan adhair am measg an t-sluaigh aig cuirm-chiùil anns a' bhaile a-raoir. Bha còrr air 50 duine a fhuair cobhair agus iad a' gearan gun robh rudeigin air buaidh a thoirt air an sùilean agus air an sròinean. Bha na mìltean dhaoine a b' fheudar cur a-mach às a' chuirm aig an rapper Aimeireaganach Dan Toliver aig a' Cho-op Live Arena.