Troimh-chèile às ùr an seirbheisean aiseig Uibhist, Leòdhais is na Hearadh

An MV Hebrides a' seòladh a-mach à ÙigeTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an MV Hebrides air tè de na trì soithichean aig CalMac a tha le trioblaidean teicnigeach uair eile

  • Air fhoillseachadh

Tha trì bàtaichean-aiseig eadar tìr-mòr agus puirt sna h-Eileanan an Iar briste agus chaidh seirbheisean a chur dheth airson a' chòrr den là Diciadain is mì-chinnt ann mu sheòlaidhean Diardaoin.

Thuirt Caledonian Mac a' Bhriuthainn gu bheil trioblaidean teicnigeach le bow thruster an MV Lord of the Isles, a bhios a' dol eadar Malaig is Loch Baghasdail, as coireach nach eil i sin a' seòladh.

Bha an t-seirbheis air tòiseachadh às ùr an t-seachdain sa chaidh às dèidh dhi a bhith air a tarraing fad a' Ghiblein.

Tha trioblaid le prìomh einnsean an MV Hebrides a' fàgail nach eil seòlaidhean idir air na slighean eadar Ùige, an Tairbeart agus Loch nam Madadh.

A bharrachd air sin, tha trioblaid le fear de na h-einnseanan aig an MV Isle of Lewis a' toirt buaidh air seirbheisean eadar Steòrnabhagh agus Ulapul.

Chaidh an soitheach a thoirt a-steach airson taic a chumail ris an MV Loch Seaforth agus trioblaidean leis a' cheann-toisich aice a' ciallachadh nach gabh i na h-uimhir de charbadan.

Tha trioblaid leis an MV Isle of Mull cuideachd a' toirt buaidh air seòlaidhean eadar an t-Òban is Creag an Iubhair.

Thuirt neach-labhairt ChalMac gu bheil pàirtean airson na soithichean a chàradh air an t-slighe.

Tha sreath de thrioblaidean air buaidh a thoirt air seirbheisean ChalMac o chionn ghoirid a dh'fhàg aig aon àm gun robh cha mhòr an treas cuid den chabhlach aca a-mach à seirbheis.

Thuirt àrd-oifigear na companaidh, Donnchadh Mackison, gur dòcha nach robh cùisean riamh cho doirbh dhaibh.

Chan eil fiù 's seachdain ann bhon tùirt a' chompanaidh gun robh cùisean air ais chun na h-àbhaist air lìonra nan aiseagan.

Tha ceist ann fhathast mu sheirbheisean Diardaoin air na slighean le bàtaichean briste.

Tha seirbheisean a bharrachd gu bhith ann air seirbheis Chaolas Bharraigh airson cothrom a thoirt do luchd-siubhail faighinn gu tìr-mòr à Bàgh a' Chaisteil.

Bha dùil gun tòisicheadh an MV Isle of Lewis air an t-slighe eadar Barraigh is an t-Òban Diardaoin agus chan eil e soilleir aig an ìre seo dè thachras a-nis.

Gabhaidh am fiosrachadh as ùire mu sheirbheisean ChalMac air làraich-lìn, taobh a-muigh na companaidh.