Geàrr-chunntas

  • Tha gairmean air tòiseachadh tighinn a-steach ann an taghadh Pàrlamaid na h-Alba

  • Thàinig a' chiad thoradh ann an Arcaibh - a chùm na Lib Deamaich

  • Tha feum air 65 seat 'son mòr-chuid fhaighinn

  • Tha na nochd 'son bhòtadh anns na h-Eileanan an Iar aig an ìre as ìsle riamh 'son taghadh Holyrood

  • Tha Reform air adhartas mòr a dhèanamh anns na toraidhean a th' ann aig an ìre seo ann an taghaidhean ionadail Shasainn

  • Thuirt Sir Keir Starmer gu bheil esan "cunntachail" ach gu bheil e fhathast gu daingeann airson na h-atharrachaidhean a gheall e bho thùs a chur an sàs

  • Cuiribh na beachdan agaibh thugainn aig naidheachd@bbc.co.uk air neo le #taghadh air na meadhanan-sòisealta

  1. "Tha sinn air sàr riochdairean Làbarach a chall"air fhoillseachadh aig 13:32 TSB

    Barrachd bho Sir Keir Starmer. Tha am Prìomhaire ag ràdh gum feum na Làbaraich "meòrachadh às ùr" às dèidh an t-uabhas de chomhairlichean a chall ann an Sasainn.

  2. Atharrachadh eachdraidheil an Sealtainnair fhoillseachadh aig 13:32 TSB

    Seo a' chiad uair riamh nach do chuir Sealtainn ball Lib Deamach gu Holyrood. B' e Tavish Scott a bha a' riochdachadh na sgìre roimhe, agus Beatrice Wishart roimhe.

  3. Cùisean "uabhasach" dha na Làbaraich an Glaschuair fhoillseachadh aig 13:28 TSB

    A rèir Paris Gourtsoyannis, fear-naidheachd a' BhBC, tha neach anns a' Phartaidh Làbarach ris an robh e a' bruidhinn air innse dha gun robh cùisean air a bhith "uabhasach" dhaibh ann an Glaschu.

    Tha e ag ràdh gun robh an neach air a ràdh ris gun robh iad a' dèanamh a cheart cho math ri Reform UK ann an cuid de sgìrean air taobh deas a' bhaile agus gun robh na h-Uainich air dèanamh na b' fheàrr na iad.

  4. Cille Meàrnaig is Gleann Irbhinnair fhoillseachadh aig 13:25 TSB

    Cille Meàrnaig
  5. SNP air Sealtainn a bhuannachadh bho na Lib Deamaichair fhoillseachadh aig 13:20 TSB

    Sealtainn
  6. Obar Dheathain Meadhanair fhoillseachadh aig 13:17 TSB

    Aberdeen
  7. Sùil eile air sùlaire Dhùn Èideannair fhoillseachadh aig 13:13 TSB

    Cha robh guth idir aig Ailean an sin mu Robert Pownall ann am Meadhan Dhùn Èideann - mar sin tha e coltach nach eil muinntir Mheadhan Dhùn Èideann air guga a chur a Holyrood.

  8. Lorna Slater misneachailair fhoillseachadh aig 13:07 TSB

    Ailean Peutan
    Ag aithris à Dùn Èideann

    Tha coltas gu math frogail air Lorna Slater, an tagraiche Uaine 'son roinn Meadhan Dhùn Èideann. "Cha chan mi dad gus an tèid gach billeag a chunntais," thuirt i le gàire air a h-aodann. Tha an sgioba aice ag innse gu bheil iad a' fàs nas misneachaile gun dèan iad a' chùis air a faighinn gu Holyrood mar a' chiad BhPA roinneil aca.

    Chan eil sgeul air tagraiche an SNP Aonghas Robasdan fhathast. Tha fear-naidheachd a' BhBC Seumas Cook ag aithris gu bheil an SNP a' tomhas gun caill iad a-mach san roinn seo. A rèir nan Uaineach, tha an SNP is na Làbaraich a' strì 'son an dàrna àite.

  9. Dithis a bha thall is a chunnaicair fhoillseachadh aig 13:03 TSB

    Ceit Fhoirbeis is Rhoda Ghrannd

    Ceit Fhoirbeis is Rhoda Ghrannd aig cunntadh nam bhòtaichean ann an Inbhir Nis.

    Cha bhi iad san ath phàrlamaid agus a rèir choltais 's iad a tha toilichte mun sin!

  10. Na chleachd a' bhòt aca anns na h-Eileanan an Iar sìosair fhoillseachadh aig 12:58 TSB

    'S e 57.01% a th' air bhòtadh anns na h-Eileanan an Iar.

    Seo an ìre as ìsle san sgìre riamh airson taghadh Pàrlamaid na h-Alba agus an ìre as ìsle ann an taghadh sam bith sna h-eileanan bho 1950.

    Tha Dòmhnall MacLaomainn ann an Steòrnabhagh cuideachd air cluinntinn gu bheil an SNP air dèanamh math anns na h-eileanan mu dheas.

    Tha e ag ràdh ma tha sin fìor gur e droch chomharra a th' ann airson oidhirp nan Làbarach an taghadh anns na h-Eileanan an Iar a chleachdadh mar "reifreann air na h-aiseagan."

  11. Làn-bhòt Baile Dhùn Dè an Iarair fhoillseachadh aig 12:49 TSB

    Dunde an iar
  12. Baile Dhùn Dè an Iarair fhoillseachadh aig 12:47 TSB

    An dàrna toradh againn a-nise - tha an SNP air Baile Dhùn Dè an Iar a chumail, ged a bha a' bhòt aca sìos.

  13. Fiosair fhoillseachadh aig 12:44 TSB

    Iain MacDiarmaid
    Ag aithris à Fìobha

    Fios air tighinn mu na nochd ann an Cathair Challdainn - 45.49%.

    Tha sin sìos gu mòr - 28, 390 bhòtaichean.

    Tha an fheadhainn eile mar a leanas:

    Cùl Dùn Beithe 27,146 - 47.44%

    Dùn Phàrlain 34,307 - 53.4%

    Meadhan Fhìobha is Gleann Rathais 25,821 - 46.59%

    Fìobha an Ear-Thuath 33,625 - 58.63%

  14. Na nochd ann an Glaschuair fhoillseachadh aig 12:43 TSB

    Calum MacAmhlaigh
    Ag aithris à Glaschu

    Seo na nochd airson bhòtadh ann an Glaschu:

    Glaschu Fearann Anna: Roinn-taghaidh – 51.53%, Roinn-sgìreil – 51.62%

    Glaschu Easterhouse is Springburn: Roinn-taghaidh – 43.02%, Roinn-sgìreil – 43.07%

    Glaschu Coille Chart is Pollock: Roinn-taghaidh – 48.87%, Roinn-sgìreil – 48.88%

    Glaschu Ceilbhin is Cnoc Màiri: Roinn-taghaidh – 54.90%, Roinn-sgìreil – 54.89 %

    Glaschu Baile a' Bhàilidh is Shettleston: Roinn-taghaidh - 46.52%, Roinn-sgìreil - 46.50%

  15. Coltas gu bheil an SNP a' dèanamh math an Earra-Ghàidhealair fhoillseachadh aig 12:39 TSB

    Andreas Wolff
    Ag aithris à Earra-Ghàidheal

    Aig a‘ chiad shealladh is coltach gu bheil Jenni Minto bhon SNP a‘ dèanamh gu math ann an Earra-Ghàidheal is Bòd. Ged a bha na Tòraidhean san dàrna àite an turas mu dheireadh, dh‘fhaodadh gun dèan an Comh. Ailean Reid bho na Libearalaich Dheamocratach a bha roimhe na bhall-pàrlamaid aig Westminster math cuideachd. Tha Reform UK a’ dèanamh math air bhòt na liosta a rèir choltais. Gu h-iongantach, is coltach gun d' fhuair an tagraiche neo-eisimeileach Tòmas Mac a‘ Phearsain àireamh shusbainteach de bhòtaichean.

  16. Ooh to be a.......Lib Deamach?air fhoillseachadh aig 12:37 TSB

    Fhad 's a tha sinn a-mach air na Lib Deamaich - 's iomadh rud inntinneach is annasach a chuala sinn tron iomairt - ach saoil an robh fios aig duine agaibh gu bheil Ailig Cole-Hamilton a' cur taic ri Ross County?!

    Bhiodh an naidheachd sin air còrdadh ri gu leòr anns na sgìrean aig tuath far a bheil na Lib Deamaich gu mòr ag amas air adhartas a dhèanamh an-diugh.

    Aig an dearbh àm, bidh Mgr Cole-Hamilton fhèin an dòchas nach bi seusan truagh na Staggies na shamhla airson a' phartaidh aige san taghadh.

    Declan GallagherTùs an deilbh, SNS
  17. "Buaidh eachdraidheil"air fhoillseachadh aig 12:32 TSB

    Bho aon Lib Deamach toilichte ann ceann a tuath na h-Alba gu fear eile ann an Tòin Shasainn.

    Tha ceannard nan Lib Deamach aig Westminster Sir Ed Davey air a bhith a-muigh ann am Portsmouth far an d' fhuair am partaidh smachd air a' chomhairle an sin.

    Tha buil measgaichte air a bhith aca ach tha iad air cha mhòr 30 seat a bharrachd a bhuannachadh thuige seo. Tha iad a' sùileachadh gum faigh iad tuilleadh tron là an-diugh.

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Sir Ed Davey

  18. Na toraidhean slàn à Arcaibhair fhoillseachadh aig 12:25 TSB

    Arcaibh

    'S e buaidh gu math cofhurtail a bh' ann do Liam MacArtair agus na Lib Deamaich ann an Arcaibh.

  19. Buill na bhòt an Arcaibhair fhoillseachadh aig 12:23 TSB

    Tha a' chiad thoradh den là againn ann an Taghadh na h-Alba.

    'S ann an Arcaibh a bha e - agus tha Liam MacArtair air an seat a chumail 'son nan Lib Deamach.

  20. "Tillidh na Tòraidhean"air fhoillseachadh aig 12:21 TSB

    Tha ceannard nan Tòraidhean Kemi Badenoch air a ràdh nach e seo an deireadh dhan phartaidh. Bha i a' bruidhinn agus mòran chomhairlichean air na seataichean aca a chall ann an Sasainn.

    Thuirt seann cheannard nan Tòraidhean Albannach, Dùghlas Ros nach bi am partaidh anns an dàrna àite an seo. Tha dragh air nach bi luchd-bhòtaidh air taic a chur ris na Tòraidhean air pàipear na liosta.

    Bha 31 seat aig a' phartaidh aig Holyrood an dèidh an taghaidh ann an 2021 ach chan eil dùil gun dèan iad cho math an turas seo.