Gnothachas Uibhisteach "sìos còrr is £100,000" air sgàth staing nan aiseagan

Tha Calum MacAmhlaigh bho Thaigh-òsta Loch Baghasdail ag ràdh gu bheil dìth luchd-tadhail bho na bàtaichean-aiseig a' toirt buaidh mhòr orra
- Air fhoillseachadh
Tha luchd-gnothaich ann an Uibhist ag ràdh gu bheil "an geamhradh as duilghe fhathast" rompha agus dragh ann nach eil piseach a' tighinn air suidheachadh nam bàtaichean-aiseig.
Tha cuid mì-thoilichte leis an taic-airgid a fhuair iad bho Mhaoin ùr Seasmhachd nan Eilean, a chaidh ainmeachadh le Riaghaltas na h-Alba ron taghadh Albannach mar thaic do na gnothachasan agus buidhnean air a bheil trioblaidean aiseig a' toirt buaidh.
Tha an riaghaltas a' gealltainn £10m uile gu lèir ach dh'innis iad san Lùnastal, taobh a-muigh nach tèid ach £3m a thoirt seachad ann an 2026-27.
Am measg nan trioblaidean a tha air bualadh air Uibhist, tha aisgean air a bhith dheth no air slighean eadar-dhealaichte eadar Loch Baghasdail, an t-Òban agus Malaig aig diofar amannan tron bhliadhna.
Tha troimh-chèile cuideachd air a bhith ann air seirbheisean Caolas na Hearadh agus an Loch Portain a-mach à seirbheis.

Tha buaidh bho throimh-chèile air aiseagan Uibhist agus Caolas Bharraigh air a bhith ga faireachdainn ann an Èirisgeigh
Tha gnothachasan turasachd ag ràdh gun do dh'fhuiling iad call mòr ri linn staing nan aiseagan.
Aig taigh-seinnse am Politician ann an Èirisgeigh, tha Julia Chaimbeul ag ràdh gun do mhothaich iad diofar mhòr am-bliadhna.
"Tha e air a bhith mòran nas sàmhaiche", thuirt i.
"Bha an t-earrach agus an t-Sultain gu math dona, mar a bha a' bhliadhna air fad.
"As t-earrach, bha mòran sheòlaidhean dheth agus tha coltas ann gun robh sin mar bhun-stèidh air cùisean a bhith nas slaodaiche agus nas sàmhaiche."
Tha luchd-gnothachais a' cumail a-mach gun robh nas lugha de luchd-tadhail san sgìre san fharsaingeachd.
Aig Taigh-òsta Loch Baghasdail, thuirt Calum MacAmhlaigh gu bheil an ceangal leis na h-aiseagan follaiseach.
"Ma tha thu a' faighinn aiseagan a-mach agus a-staigh a h-uile là, an uairsin tha daoine a' tighinn a-staigh," thuirt e.
"Agus an ceann a deas, sin an t-àite a bha nas miosa dheth na àite sam bith eile ann an Uibhist airson aisgean gun a bhith a' tighinn a-staigh."

Tha an taigh-òsta, a fhuair taic-airgid ron seo bho Mhaoin Seasmhachd nan Gnothachasan Eileanach, ag ràdh gu bheil na cunntasan aca a' sealltainn buaidh nas motha bho chaidh a' mhaoin sin a stèidheachadh.
Bha £4.4m de dh'airgead riaghaltais ri fhaighinn san stòras taice sin airson 2025-26.
"Bha an-uiridh sgrathail doirbh dhuinn," thuirt Calum.
"Nuair a bha sinn a' coimhead air a' bhliadhna ron sin agus an uairsin air deireadh na bliadhna an-uiridh, bha sinn sìos còrr is £100,000."
Tha gnothachasan ag ràdh gun robh iad an dùil ris an £10m air fad airson 2026-27, seach an £3m a dhearbh an riaghaltas a bhiodh ri fhaighinn.
"Chaidh innse dhuinn gu bheil sinn dol a dh'fhaighinn sin, agus gun tigeadh e anns a' chiad 20 là de phàrlamaid ùr," thuirt Calum.
"An uairsin chaidh 20 là seachad, an uairsin 40 là, agus 60 là, is thuirt iad 'Ò, feumaidh sinn rudeigin a dhèanamh."
£3m do ghnothachasan eileanach fo bhuaidh staing nan aiseagan
- Air fhoillseachadh10 An Lùnastal
Maoin ùr aiseig ga iarraidh gun dàil
- Air fhoillseachadh28 An Cèitean
Thuirt Ministear nan Eilean, Jim Fairlie, gun tèid an £10m gu lèir a thoirt seachad tron phàrlamaid seo.
Thuirt e nach e airgead-dìolaidh a th' anns a' mhaoin ach taic dha na companaidhean a dh'fhuiling as motha ri linn duilgheadasan nan aiseagan.
A thuilleadh air an seo, thuirt e gu bheil Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean a' dèanamh measadh neo-eisimeileach air na tagraidhean.
Air ais ann an Èirisgeigh, tha dragh mòr ann mu na dh'fhaodadh a bhith air thoiseach sa gheamhradh.
"Tha an geamhradh an-còmhnaidh dùbhlanach co-dhiù," thuirt Julia Chaimbeul bho thaigh-seinnse am Politician.
"Tha sinne fhathast fosgailte airson muinntir an àite agus luchd-tadhail tron bhliadhna.
"Chan eil teagamh nach e seo an geamhradh as duilghe a bhios againn, a bhith a' cumail a' dol chun earraich an ath-bhliadhn'.
"Tha e a' fàs nas dorra."