Rabhadh mu chall cliù is inbhe an cois tilleadh gu iomain sgìreil

- Air fhoillseachadh
Thuirt Ceann-suidhe Camanachd an Òbain gun cailleadh iomain inbhe is cliù nan rachadh cur às dhan Phrìomh Lìog Nàiseanta.
Tha Pat Steeman ag ràdh gum faodadh tilleadh gu iomain sgìreil droch bhuaidh a thoirt air a' chluba aige fhèin a thuilleadh air an spòrs san fharsaingeachd.
Tha clubaichean an-dràsta a' beachdachadh air roghainnean 'son structar farpaisean na h-iomain atharrachadh.
Aig cridhe a' ghnothaich tha draghan mu cho fada 's a tha aig cuid de chlubaichean is cluicheadairean ri siubhal 'son a bhith a' cluich ann am farpaisean nàiseanta, agus na cosgaisean a tha na lùib.
Tha rabhaidhean air a bhith ann gu bheil cuid a' cur cùl ris an spòrs air sgàth an t-suidheachaidh a th' ann.
Structar na h-iomain ga dheasbad le rabhadh gu bheil an spòrs ann an cunnart
- Air fhoillseachadh17 An t-Sultain
Molaidhean radaigeach gus cruth-atharrachadh a thoirt air structar iomain nam fear
- Air fhoillseachadh30 An Dàmhair
Dh'iarr Comann na Camanachd air Caoimhin Thain is Anndra Watt coimhead air structar nan lìogaichean is diofar roghainnean 'son fuasgladh a thoirt air adhart.
'S iad seo na molaidhean a bh' aca:
Roghainn 1
Prìomh Lìog mu Thuath (10 sgiobaidhean) is Prìomh Lìog mu Dheas (8 sgiobaidhean)
Geama 'son an tiotail aig deireadh an t-seusain eadar na sgiobaidhean a bhuannaicheas na lìogaichean aig tuath is deas
Roghainn 2
Prìomh Lìog mu Thuath (8 sgiobaidhean) is Prìomh Lìog mu Dheas (8 sgiobaidhean)
Bhiodh na ceithir sgiobaidhean aig mullach gach lìog a' farpais an aghaidh a chèile airson an tiotal nàiseanta aig deireadh an t-seusain
Bhiodh na ceithir sgiobaidhean aig bonn gach lìog a' farpais le sgiobaidhean bho Lìog Tuath 1 is Lìog Deas 1 ann an Cupa a' Bhaile Mhòir
Roghainn 3
Prìomh Lìog Nàiseanta (8 sgiobaidhean)
Bhiodh geama aig deireadh an t-seusain eadar na sgiobaidhean aig mullach Lìog Tuath 1 is Lìog Deas 1 gus co-dhùnadh cò rachadh suas dhan Phrìomh Lìog Nàiseanta

Ross MacMhaolain às dèidh dha tadhal a chur a bhuannaich Cupa MhicAmhlaigh do Chamanachd an Òbain
Tha clubaichean air a bhith a' beachdachadh orra is tha dùil gun tèid an deasbad aig AGM Chomann na Camanachd oidhche Haoine, ged nach tèid co-dhùnadh sam bith a dhèanamh an uairsin.
Ach tha rabhadh làidir air tighinn bho cheann-suidhe Camanachd an Òbain is esan ag ràdh gum faodadh cuid de na roghainnean cron a dhèanamh.
Chrìochnaich an t-Òban sa cheathramh àite sa Phrìomh Lìog am-bliadhna agus 's iad an aon sgioba eile a thuilleadh air Ceann a' Ghiùthsaich a bhuannaich prìomh dhuaisean.
A thuilleadh air sin, chaidh an dà sgioba eile à deas a bha sa Phrìomh Lìog - Caol-Gleann is Caol Bhòid - sìos aig deireadh an t-seusain.
Tha Pat Steeman ag ràdh gum biodh an t-Òban air thoiseach air càch aig deas ann an lìog sgìreil nas laige mura biodh Prìomh Lìog Nàiseanta ann.
'S e ceum air ais dhaibh a bhiodh ann, tha e ag ràdh, seach a bhith a' farpais an aghaidh sgiobaidhean eile aig àrd-ìre bho thuath.
"Tha mi a' cur taic mhòr ri iomain sa cheann a deas is tha mi an-còmhnaidh airson is gum bi clubaichean eile mu dheas a' soirbheachadh, ach mar a tha cùisean an-dràsta tha sinn fada air thoiseach air càch san sgìre," thuirt e.
"'S e an targaid a th' againne a bhith a' cumail ceann a' mhaide ri Ceann a' Ghiùthsaich is Baile Ùr an t-Slèibh".
Thuirt Mgr Steeman gu bheil e a' tuigsinn gu bheil uallach air cuid de chlubaichean mu shiubhal is mu chosgaisean.
"Fìor oidhirp sgioba" a bhuannaich Cupa MhicAmhlaigh dhan Òban
- Air fhoillseachadh24 An Lùnastal
An t-Òban a-nise le sùil air fuamhairean Bhàideanach
- Air fhoillseachadh22 An t-Ògmhios
Tha e a' cumail a-mach ge-tà, gu bheil an t-Òban ann an suidheachadh far am faodadh iad cluicheadairean a chall mura bi dòigh aca farpais aig ìre nàiseanta gu cunbhalach.
"Tha na cluicheadairean againn airson a' Phrìomh Lìog is Cupa na Camanachd a bhuannachadh - 's e sin a tha gan cumail a' dol.
"Às aonais nan targaidean sin a bhith aca, dh'fhaodadh iad ùidh a chall is gun rachadh na h-ìrean againn sìos".
B' fheàrr le Camanachd an Òbain na stuctaran mar a tha a tha iad a chumail, thuirt e, air neo Prìomh Lìog Nàiseanta a chumail co-dhiù ged a bhiodh atharrachadh sam bith ann.
Thachradh sin fon treas roghainn aig Caoimhin Thain is Anndra Watt.
Nan rachadh cur às dhan Phrìomh Lìog Nàiseanta gu tur, tha Mgr Steeman ag ràdh gur e buille a bhiodh ann dha cliù is inbhe na h-iomain san fharsaingeachd.
"Tha tòrr dhaoine a' cumail taic rinn is tha companaidhean a' cumail taic rinn. Tha companaidhean a' cumail taic ris a' Phrìomh Lìog cuideachd.
"Tha mise den bheachd nach biodh sinn a' brosnachadh is a' leasachadh iomain aig an ìre as àirde nan cuireadh sinn às dhan Phrìomg Lìog Nàiseanta."
Tha Comann na Camanachd ag ràdh nach deach co-dhùnaidhean a dhèanamh aig an ìre seo.
Thuirt iad gum biodh deasbad is bhòt ann air thoiseach air atharrachadh sam bith.