Maoin ùr aiseig ga iarraidh gun dàil

- Air fhoillseachadh
Tha ceannard còmhdhail Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil e deatamach gun tèid maoin ùr £10m airson ghnothachasan eileanach a tha air fulang ri linn staing nan aiseagan a stèidheachadh cho luath 's a ghabhas.
Bha an stòras am measg ghealltanasan a thug an SNP seachad ann an iomairt taghadh Pàrlamaid na h-Alba.
A' bruidhinn is e a' tadhal air Steòrnabhagh san iomairt, thuirt Iain Swinney gun rachadh an stòras taice fhoillseachadh taobh a-staigh 20 là de riaghaltas ùr SNP.
Gheall e cuideachd aig an àm barrachd eileanach air bùird nam buidhnean aiseig.
Tha an comhairliche Ùisdean Robasdan ag ràdh gu bheil feum a-nise air gnìomh.
"Cha chuala sinn dad chun na h-ìre seo is feumaidh sinn an gnothach a phutadh - bhiodh e gu math feumail aig an àm seo," thuirt Mgr Robasdan is e a' bruidhinn air Aithris na Maidne Diardaoin.
Maoin Seasmhachd nan Gnothachasan Eileanach air a leudachadh
- Air fhoillseachadh8 An Dùbhlachd 2025
Aiseagan air aire luchd-poileataigs is iomairt an taghaidh a' leantainn
- Air fhoillseachadh8 An Giblean
Iarrtas gus faraidhean aiseig Uibhist a Deas a ghearradh 50%
- Air fhoillseachadh14 An Cèitean
Thog Mgr Robasdan ceist mun stòras taice a chuireadh air bhonn an-uiridh, Maoin Seasmhachd nan Gnothachasan Eileanach, is mar a bha connspaid ann timcheall air cò na h-eileanan a bha mar phàirt dheth is cò na gnothachasan a fhuair taic às.
Tha e ag ràdh gu bheil feum air leasanan ionnsachadh.
"Bha £4.4m air a sgaoileadh a-mach roimhe is bha e gu math feumail do dh'fheadhain ach bha feadhainn eile nach robh soirbheachail is fhuair mi gearanan gu leòr timcheall air sineach.
"Tha mi a' smaoineachadh an turas seo gum feum iad coimhead gu geur air dè na slatan-tomhais a bhios aca ma thèid an £10m seo a sgaoileadh a-mach."
Thog Mgr Robasdan cuideachd nach robh e soilleir carson a chaidh cuid de dh'eileanan fhàgail a-mach às an sgeama a bh' ann, fiù 's às dèidh dha a bhith air a leudachadh.
Dh'innis e gu bheil mòran anns na Hearadh air gearanan a thogail leis nach d' fhuair iadsan cothrom air taic idir.
CalMac: Cùisean air tilleadh chun na h-àbhaist
- Air fhoillseachadh15 An Cèitean
Troimh-chèile às ùr an seirbheisean aiseig Uibhist, Leòdhais is na Hearadh
- Air fhoillseachadh20 An Cèitean
Iarrtas "gun seas rùnaire ùr suas ri Còmhdhail Alba"
- Air fhoillseachadhBho chionn 6 làithean
Ach ged a tha Mgr Robasdan ag ràdh nach tèid £10m fhèin fada gu leòr, thuirt e gun dèan e feum mar a rinn an sgeama a bh' ann.
"An £4.4m - gnothachasan a fhuair e - rinn e diofar mòr dhaibh is thuirt iad rium gun d' fhuair iad cumail a' dol air sgàth na taice sineach agus a thaobh an £10m, ma thèid a sgaoileadh a-mach nì e cuideachadh.
Thuirt Ministear nan Eilean, Jim Fairlie, gu bheil obair a' dol air barrachd taice a thaobh aiseagan agus gun tèid tuilleadh fiosrachaidh fhoillseachadh nuair a bhios e freagarrach sin a dhèanamh.
'S iad HIE a bha os cionn an sgeama taice a bh' ann.
Thuirt iadsan gun deach measadh a dhèanamh air a h-uile tagradh a fhuair iad fo riaghailtean an sgeama.
Dh'innis iad gu bheil sgrùdadh neo-eisimeileach ga dhèanamh an-dràsta air buaidh an sgeama is gu bheil beachdan gan sireadh bho ghnothachasan is coimhearsnachdan eileanach.