NC500: Casg air bhanaichean-campachaidh?

- Air fhoillseachadh
Tha fear-iomairt ag ràdh gum bu chòir smachd de sheòrsa air choireigin a chur air bhanaichean-campachaidh agus carabhanaichean air slighe an NC500.
Tha Robin Pettigrew, a tha a' fuireach ann an Loch Carrann, air a bhith ag iomairt fad bhliadhnaichean mu bhuaidh turasachd air na sgìrean a th' air an t-slighe.
"Tha an lagh ag ràdh gu bheil còir aig dràibhearan stad ann an camas-rathaid ma tha iad sgìth, agus tha a' bheàrn sin san lagh ga cleachdadh mar leisgeul airson camasan-rathaid a chleachdadh mar làraichean campachaidh," thuirt Mgr Pettigrew 's e a' bruidhinn ris a' phàipear-naidheachd an National.
"Saoilidh mi gum bu chòir riaghailt choitcheann a bhith ann airson stad a chur air daoine o bhith a' campachadh ann an camasan-rathaid, agus saoilidh mi cuideachd gu bheil corra àite ann gu h-àraid far a bheil gainnead soidhnichean ag ràdh nach bu chòir parcadh ann.
"Gu mì-fhortanach ge-tà, chan eil na goireasan no an t-ionmhas aig Comhairle na Gàidhealtachd airson a leithid a chur an gnìomh.
"Cha bu chòir, nam bheachdsa, cead a bhith aig bhanaichean-campachaidh is carabhanaichean parcadh ann an cuid de sgìrean - gun teagamh air beulaibh dhachannan dhaoine, can.
"Bidh daoine a' parcadh far an coimhead iad a-steach air seòmraichean-suidhe 's seòmraichean cadail dhaoine, 's tha sin caran mì-mhodhail 's sàithteach.
"Mar sin, saoilidh mi gum bu chòir casg a bhith air parcadh thar na h-oidhche 's cadal ann an carbadan ann an sgìrean far a bheil taighean dhaoine, gu h-àraid air beulaibh thaighean," thuirt e.
Bealach na Bà
Bha Mgr Pettigrew a' bruidhinn agus na h-ùghdarrasan ann an ceann a tuath Yorkshire ann an Sasainn air smachd gu ìre a chur air bhanaichean campachaidh.
Tha Gòrdan Camshron, a tha a' fuireach air a' Chomraich - sgìre a tha cuideachd air na NC500 - ag ràdh gum bu chòir airgead tighinn bho na gnìomhachasan a tha a' faighinn buannachd à turasachd mu choinneimh a bhith a' cur an gnìomh riaghailtean.
"Rinn na maoir-dhùthcha, an t-seirbheis a bha siud, diofar mòr às dèidh Chovid," thuirt e.
"Bha iad air an àireamh de rudan mì-shòisealta a lùghdachadh gu mòr le bhith a' dol a-mach 's a' bruidhinn ri luchd-turais agus gan stiùireadh a dh'àiteachan oifigeil campachaidh 's ag innse dhaibh gun a bhith a' cur teintean agus carson nach bu chòir dhaibh a bhith a' dèanamh rudan.
"Ach cion-airgid, 's tha na seirbheisean sin a dhìth.
"Gu pearsanta theirinnsa gum bu chòir dha na gnìomhachasan mòra a tha a' dèanamh airgid a-mach à turasachd barrachd a chur a-steach.
"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e nas fhasa ann an cuid de sgìrean.
"Mar eisimpleir an sgìre agam fhìn, sgìre na Comraich, dh'fhaodadh gum bu chòir dhaibh stad a chur air na bhanaichean-campachaidh a' dol air Rathad a' Bhealaich.
"Dhèanadh sin diofar mòr. Bha mi fhìn air mo chumail air ais bho chionn dà sheachdain air an oidhche 's bha an rathad dùinte air sgàth 's gun robh bhanaichean-campachaidh 's nach robh iad deònach a dhol air ais agus bha 'logjam' air an rathad.
"Ach cha bhi e furasta anns a h-uile h-àite.
"Tha sinn an eisimeil turasachd gu ìre ro mhòr 's dòcha.
"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil seo na phàirt de cheist nas motha 's nas fharsainne.
"Tha sinn tuilleadh is tric a' cur turasachd air adhart mar fhreagairt, ach gu cinnteach tha e na phàirt de dh'eaconomaidh a tha fallain, ach cha bu chòir dha a bhith na phàirt as motha.
"Sin an trioblaid - ciamar a tha sinn a' dol a chur às den t-suidheachadh a tha sin?"