Rathad ùr Phort Rìgh a' fosgladh gu h-oifigeil

Càr is bhan aig cearcall-rathaid air rathad ùr Phort Rìgh
LeAlasdair MacLeòid
BBC NaidheachdanAg aithris àPort Rìgh
  • Air fhoillseachadh

Tha rathad ùr a chaidh a thogail leis an amas trafaig a thoirt a-mach à meadhan Phort Rìgh a' fosgladh gu h-oifigeil Dihaoine.

'S ann a tha an rathad ùr gu tuath air a' bhaile a' ceangal eadar Rathad Dhùn Bheagan, an A87, is Rathad Stafainn, an A855.

Chaidh a' mhòr-chuid den cheangal a stèidheachadh roimhe mar phàirt de leasachaidhean taigheadais is tha air a bhith na amas aig Comhairle na Gàidhealtachd 'son grunn bhliadhnaichean an rathad a chrìochnachadh is an ceangal a dhèanamh eadar an A87 is A855.

Gailearaidh dhealbhanLeum seachad air gailearaidh dhealbhanDuilleag1 de 3, Càr air an rathad ùr a' tighinn a dh'ionnsaigh cearcall-rathaid, Tha an rathad ùr a' ceangal an A87 is an A855

Dh'aontaich comhairlichean ann an 2021 am pìos mu dheireadh a dhèanamh le dùil aig an àm gum biodh e deiseil ro dheireadh 2022 ach chaidh dàil air cùisean.

Tha dùil leis an rathad a-nise deiseil gun tèid trafaig ann am meadhan Phort Rìgh a lùghdachadh.

Bidh an rathad cuideachd na mheadhan air talamh fhosgladh suas 'son leasachaidhean taigheadais eile, cho math ri goireasan mar 'bhaile cùraim' is bùthan.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd den bheachd gun cosg pròiseact an rathaid mu £2.5m air a' cheann thall.

Tha dùil aca cuibhreann den airgead sin fhaighinn air ais bho luchd-leasachaidh mar a tha pròiseactan togail an cois an rathaid a' dol air adhart anns na bliadhnaichean ri thighinn.

Ged a dh'fhosgail an rathad ùr bho chionn seachdain, 's ann Dihaoine a bhios am fosgladh oifigeil ann.