Seach rathad Phort Rìgh ceum nas fhaisge

  • Air fhoillseachadh
Port Rìgh

Tha dùil gun tèid obair a dhèanamh an ath-bhliadhna gus crìoch a chur air seach-rathad ann am Port Rìgh.

Nì an rathad ceangal eadar Rathad Dhùn Bheagain agus Rathad Stafainn air ceann a tuath a' bhaile, is dìreach 300 slat ri dhèanamh gus crìoch a chur air.

Dh'aontaich comhairlichean Sgitheanach Diluain a dhol air adhart le na planaichean agus thathar an dùil gum bi an rathad deiseil ro dheireadh 2022.

Cosgaidh an obair £1.6m.

Buannachdan

'S ann bho chompanaidhean prìobhaideach aig a bheil planaichean suas ri 300 taigh a thogail sa cheàrnaidh seo den bhaile a thig a' chuid as motha den airgead - mu £1.4m.

Tha na comhairlichean ag ràdh gum bi buannachdan gu leòr an lùib na pròiseict.

"Tha Port Rìgh beag agus tha an rathad caran cumhang, le pìosan lùbach," thuirt fear de chomhairlichean sgìre Eilean a' Cheò, Calum Rothach.

"Nì seo diofar do mhuinntir meadhan Phort Rìgh is cuideachd nì e diofar do mhuinntir an Taobh Sear, agus cuideachd gheibh an luchd-turais siubhal nas fhasa seachad air Port Rìgh seach a bhith a' lìonadh meadhan a' bhaile le càraichean is carbadan," thuirt e.

Dh'innis an Comh. Rothach cuideachd gu bheil e den bheachd gu bheil bun-structar ann am Port Rìgh airson dèiligeadh ri suas ri 300 taigh ùr, is e ag ràdh gur e fàs a tha sin a thigeadh beag air bheag co-dhiù.

Thuirt e cuideachd gur dòcha gun cuidich sluagh a bharrachd le oidhirp air bùth mhòr eile a thàladh chun na sgìre.

Aonta

Feumaidh Comhairle na Gàidhealtachd fhathast aonta a ruighinn le feadhainn leis a bheil talamh air am bi am pìos mu dheireadh den rathad.

Tha dùil gun tòisich còmhraidhean a dh'aithghearr, ach tha a' Chomhairle ag ràdh gun ceannaich iad am fearann an aghaidh toil nan uachdaran ma dh'fheumas iad.

Tha dùil gun tèid an obair a-mach gu tairgse tràth sa bhliadhna ùir le obair an uairsin a' tòiseachadh as t-Earrach no as t-Samhradh, is an rathad deiseil ro dheireadh na bliadhna.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh