Dòchas gun tòisich obair air ceangal-rathaid Phort Rìgh sa Chèitean

Port RìghTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gur dòcha gun tòisich obair air ceangal-rathaid ùr ann am Port Rìgh sa Chèitean 2025.

Tha an t-ùghdarras ionadail air a bhith ag amas fad bhliadhnaichean air rathad a thogail a nì ceangal eadar an A87, Rathad Dhùn Bheagan, is an A855, Rathad Stafainn.

Chaidh a' mhòr-chuid den cheangal a stèidheachadh roimhe mar phàirt de leasachaidhean taigheadais.

Dh'aontaich comhairlichean ann an 2021 am pìos mu dheireadh a dhèanamh le dùil gum biodh e deiseil ro dheireadh 2022.

Chaidh dàil air na planaichean sin, ged a chaidh cead-dealbhachaidh a thoirt seachad sa Ghearran 2023.

Tha aithisg a thèid air beulaibh Comataidh an Eilein Sgitheanaich is Ratharsair Diluain seo tighinn, taobh a-muigh a-nise ag innse gun deach an talamh a cheannach.

Tha dùil gun tèid an obair a-mach gu tairgse sa Ghearran 2025 is gun tòisich obair sa Chèitean aig a' char as tràithe.

Tha an aithisg ag ràdh gun toir an obair fhèin 25 seachdainean.

Cosgaidh e mu £1.6m le dùil gun tig an t-airgead bho chompanaidhean leasachaidh air a' cheann thall.

Tha an aithisg ràdh gun leig an ceangal-rathaid le leasachaidhean taigheadais a dhol air adhart san sgìre is gun toir e trafaig a-mach à meadhan Phort Rìgh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo