Naidheachan 11:00m

NHS Roinn a' Mhonaidh

Thuirt fear de mhinistearan an riaghaltais gum feum làn-chunntaileachd a bhith ann mu fhàiligeadh aig NHS Roinn a' Mhonaidh. Thuirt Stephen Flynn, a bh' air prògram Question Time a' BhBC a-raoir, gur dòcha gum feum feadhainn an dreuchd fhàgail an dèidh aithrisean mu bhàs nach leigeadh a leas aig Infiormaraidh Rìoghail Obar Dheathain. Dh'innis Àrd-Oifigeach Meadaigeach na h-Alba, Sir Gregor Smith, an-dè gu bheil esan a' fàgail na h-obrach an dèidh cheistean mun dòigh anns an do làimhsich esan an sgainneal.

DWP

Thug Roinn na h-Obrach 's nam Peinnsean feadhainn de na seirbheisean aca far-loidhne leis gun tug tachartas saidhbeir buaidh air siostaman. Thuirt an DWP nach toir sin buaidh ge-tà, air a bhith a' pàigheadh shochairean agus pheinnseanan.

Buidseat na h-Alba

Chaidh rabhadh do Riaghaltas na h-Alba gum bi co-dhùnaidhean doirbh romhpa sa bhuidseat a thèid fhoillseachadh an ath-sheachdain. Tha Institud Fraser of Allander ag ràdh gu bheil teachd-a-steach nas lugha bho chìsean agus nas lugha luach anns an airgead à Westminster a' fàgail Riaghaltas na h-Alba ann an suidheachadh sam feum iad cosgaisean poblach a ghearradh no cìsean a chur suas.

Cìs-turasachd

Chuir Comhairle na Gàidhealtachd maill dhan ath-bhliadhna air co-dhùnadh mu chìs-turasachd gus am faigh iad measadh air a' bhuaidh eaconomaich. Thèid leudachadh air an ùine airson cothrom a thoirt do dhaoine beachdachadh air an aithisg bho Institiud Fraser of Allander, mus toir iad freagairt dhan cho-chomhairleachadh. Tha dùil gun togadh a' chìs - £5 gach oidhche airson aoigheachd - mu £10m gach bliadhna.

Ospas na Gàidhealtachd

Gheall Riaghaltas na h-Alba coinneamh le fear de bhuill a' chinn a tuath ann am Pàrlamaid na h-Alba a tha ag iarraidh tuilleadh airgid do sheirbheisean cùraim deireadh-beatha anns an dachaigh. Bha an Lib Deamach Dàibhidh Green os cionn deasbaid aig Holyrood a-raoir far an deach bruidhinn air an t-seirbheis anns a bheil Ospas na Gàidhealtachd an sàs. Tha an ospas ag ràdh gun dèanadh £1m sa bhliadhna faochadh mòr sna h-ospadalan a dh'fheumas sealltainn an-dràsta ri euslaintich leis nach eil cùram san dachaigh a' feitheamh orra.

Bus Sgoile Ùig' Leòdhais

Sgrìobh buidheann phàrantan ann an Ùig' Leòdhais agus comhairle coimhearsnachd na sgìre gu Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh seirbheis bus sgoile nas fheàrr do chloinn a tha a' dol gu Àrd-Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh. An-dràsta tha tighinn air feadhainn trì busaichean eadar-dhealaichte a ghabhail, a' fàgail tràth sa mhadainn agus a' tilleadh anmoch feasgar.

Seach-rathad Phort Rìgh

Thèid seach-rathad ùr air iomall a tuath Phort Rìgh fhosgladh gu h-oifigeil an-diugh. Tha an rathad a' ceangal Rathad Dhùn Bheagain ri rathad Stafainn ann an oidhirp trafaig - gu h-àraid trafaig a tha a' dèanamh air an taobh sear - a thoirt a-mach à meadhan a' bhaile. Bidh an rathad ùr a' frithealadh cuideachd air sgeamaichean taigheadais ris a bheil dùil san sgìre sin faisg air Cill Tharaglain.