Duais an Deasbaid a' dol a Bharraigh

- Air fhoillseachadh
'S iad Sgoil Bhàgh a' Chaisteil a rinn a' chùis sa chuairt dheireannaich de Dheasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean oidhche Dhiardaoin.
Rinn na Barraich òga a' chùis ann am Pàrlamaid na h-Alba air Sgoil Ghreenfaulds à Comar nan Allt.
'S e 'Glèidhidh craoladh agus na meadhan-sòisealta a' Ghàidhlig' an cuspair a bh' aca is an deasbad a bh' ann air a' cheist ga mheas aig àrd-ìre leis na britheamhan.
Air a' cheann thall cho-dhùin na britheamhan gun robh Eilidh NicLeòid agus Dòmhnall Eachann MacIlleathain à Sgoil Bhàgh a' Chaisteil - a bha ag argamaid an aghaidh na ceist - air a' chùis a dhèanamh air Carly Hall is Hannah NicLeòid à Greenfaulds.

"Bha e doirbh, bha a h-uile deasbad a bh' againn doirbh," thuirt Dòmhnall Eachann às dèidh làimh.
"Cha b' urrainn dhuinn a chreidsinn gun d' fhuair sinn a-steach dhan iar-chuairt dheireannaich, gun luaidh air a' chuairt dheireannaich," thuirt Eilidh.
Ged a bha briseadh-dùil ann do sgoilearan Greenfaulds, thuirt iad gun robh iad air tòrr ionnsachadh is air tòrr fhaighinn às.
"Tha mi a' smaoineachadh gur e rud sònraichte a bh' ann air sgàth is nach eil na h-aon chothroman againn a bhith a' bruidhinn Gàidhlig anns a' choimhearsnachd, ach tha sinn fhathast a' tighinn is a' bruidhinn Gàidhlig fhileanta agus a' riochdachadh nam bailtean mòra", thuirt Hannah.
'S i Peigi Fhearghasdan à Àrd-sgoil Phort Rìgh, a bha air call san iar-chuairt dheireannaich, a thog duais mar an òraidiche as fheàrr tron fharpais gu lèir.

Am measg nam britheamhan bha an craoladair Tormod MacLeòid.
Thuirt Tormod gun robh ìre an deasbaid air a bhith fìor mhath tron fharpais.
"Bha deasbad sònraichte ann am-bliadhna is bha e math sgoilearan fhaicinn is a chluinntinn bho air feadh na dùthcha agus comas labhairt is deasbaid aig an leithid aca.
"Bha sinne air ar misneachadh is air ar brosnachadh is bha ìre shònraichte san deasbad sa chuairt dheireannaich.
"Feumaidh gach sgoilear is gach sgoil a bhith gu math moiteil asta," thuirt e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadhBho chionn 1 latha

- Air fhoillseachadh8 An Dàmhair
