Beachdan Sgitheanach gan trusadh mu àitichean-fuirich SSEN am Port Rìgh

Sealladh thairis air làrach Chill Taraglain le baile Phort Rìgh, Beinn Tianabhaig agus Dùn Cana an Ratharsair air a chùlaibh.Tùs an deilbh, SSEN Transmission
LeGilleasbuig MacDhòmhnaill
BBC Naidheachdan
  • Air fhoillseachadh

Tha co-luadar poblach na companaidh dealain SSEN air tòiseachadh 's iad a' sireadh bheachd na coimhearsnachd mu phlana àitichean-fuirich a thogail do na ceudan luchd-obrach faisg air Port Rìgh.

Tha na h-àitichean-fuirich a dhìth orra airson pròiseact mhòr dealain an eilein, agus iad ag ùrachadh prìomh loidhne dealain a tha a' ruith eadar Bhatarnais agus Cille Chuimein.

Bidh aca ri dà phrìomh fho-stèisean dealain ùr a thogail san Eilean Sgitheanach - aonan san Aodann Bhàn agus aonan eile san Àth Leathann.

Tha dùil gum bi an obair deiseil an ceann còig bliadhna, ach airson a choileanadh feumaidh a' chompanaidh àitichean-fuirich do suas ri 300 de luchd-obrach.

Tharraing a' chompanaidh plana a bh' aca roimhe airson campa shealadaich faisg air an Àth Leathann agus mòran a' cur na aghaidh san sgìre.

'S e am plana a-niste a bhith a' dol an sàs le pròiseact a th' aig Comann Taigheadais Loch Aillse is an Eilein Sgitheanaich.

Tha dùil aig a' chomann taigheadais leasachaidhean mòra a dhèanamh ann an Cill Taraglain, air iomall Phort Rìgh, thairis air an 20 bliadhna a tha romhainn, le mu 250 taigh gan togail, a bharrachd air ionad-gnìomhachais, bùth coimhearsnachd agus baile cùraim.

Tha SSEN ag ràdh, ma gheibh iad cead airson nan àitichean-fuirich acasan a bhith air an làraich san eadar-ama, gum fàg iad bun-structar nan dèidh a bhios gu feum san leasachadh sin.

"Tha sinn an dòchas gum bi rathad a' dol suas dhan bhaile chòmhnaidh, agus sinn ag amas gum bi na h-uimhir de bhun-structar air fhàgail an cois an rathaid seo leithid dhrèanaichean, ceanglaichean seirbheis, agus gum bi an rathad air a dheagh dhèanamh airson fhàgail às ar dèidh, aon uair 's nach bi feum air a' bhaile chòmhnaidh tuilleadh," thuirt Manaidsear Pròiseict SSEN Transmission, Amy Coulter-Smith, 's i a' bruidhinn aig a' chiad choinneimh phoblaich de dhà Dimàirt.

Amy Coulter-Smith, bho SSEN Transmission. Boireannach le falt fada dubh na seasamh air beulaibh bhòrd fiosrachaidh am broinn togalaich agus uinneag air a cùlaibh.

Bhiodh sin na shàbhaladh nach beag dhan chomann taigheadais.

"Leigeadh sin leinn ceann a deas na làraich a leasachadh 's aig a' cheart àm bun-structar fhaighinn aig ceann a tuath na làraich," thuirt James Swinnerton, bhon chomann taigheadais.

"Tha e a' lìbhrigeadh na làraich gu lèir nas luaithe, agus cuideachd shaoradh e airgead airson a chur an sàs a chùm maith luchd-màil a th' anns na taighean againn an-dràsta."

Tha diofar bheachdan a' nochdadh on choimhearsnachd, agus cuid ag ràdh gum b' fheàrr nan togadh SSEN taighean dhan choimhearsnachd, seach aonadan a thèid a thoirt air falbh aon uair 's gu bheil iad deiseil leotha.

Tha cuid eile leithid a' chomainn taigheadais taiceil do phlanaichean na companaidh, 's iad ag ràdh gum biodh sàbhaladh airgid na lùib 's gun gluaiseadh obair leasachaidh air adhart nas luaithe.

Mar phàirt den chiad ìre den cho-luadar phoblach faodar beachdan a thoirt seachad air-loidhne.

Bidh an dàrna coinneamh phoblach ann air a' 14mh là den Fhaoilleach, agus SSEN ag ràdh gu bheil iad an uair sin an dòchas iarrtas cead-dealbhachaidh a chur a-steach do Chomhairle na Gàidhealtachd.

Ma thèid leotha, thuirt a' chompanaidh gun tòisich obair air na goireasan ùra ro dheireadh 2027.