Sgìre an Leòdhas fo eagal gun caill iad sluagh sgàth seirbheis nam busaichean-sgoile

- Air fhoillseachadh
Tha muinntir Sgìr' Ùig' an Leòdhas ag iarraidh gun tèid bus sònraichte a chur air dòigh 'son sgoilearan a thoirt gu Steòrnabhagh agus dhachaigh, an àite nan trì busaichean eadar-dhealaichte a dh'fheumas cuid a ghabhail an-dràsta.
Tha pàrantan ag ràdh gu bheil e uaireannan a' toirt dà uair a thìde dhan chloinn Steòrnabhagh a ruighinn is dà uair a thìde a thighinn dhachaigh.
Thuirt iad gu bheil a' chlann "sgìth" is "air an sàrachadh" is tha dragh orra gur dòcha gum fàg an suidheachadh fiù 's gun cuir cuid cùl ris an àite.
Tha a-niste pàrantan agus comhairle coimhearsnachd na sgìre air sgrìobhadh gu Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh an suidheachadh a leasachadh.
Trì busaichean
Tha 18 sgoilearan a' falbh a dh'Àrd-Sgoil MhicNeacail agus dhan cholaiste ann an Steòrnabhagh agus air ais dhachaigh gach là, agus dùil gun èirich an àireamh sin gu co-dhiù 23 an ath-bhliadhna.
Tha Calum Seòras Bochanan na bhall den chomhairle choimhearsnachd.
Tha a mhac san àrd-sgoil an-dràsta, leis an nighean aige gu bhith a' tòiseachadh an sin an ath-bhliadhna.
"Tha iad a' faighinn trì busaichean," thuirt Calum Seòras.
"Tha bus a' togail an fhir as sine aig mu 07:30m, agus e a' dol a-mach gu ceann an rathaid ann a' sheo, 's tha e a' faighinn bus eile ann a' shin," thuirt e.
"'S tha e an uair sin a' faighinn bus seirbheis ann an Gearraidh na h-Aibhne. Tha e ùine mhòr ann a' shin.
"Nam biodh bus gan toirt dìreach dhan sgoil bhiodh e na b' fheàrr orra fhèin.
"Tha a' chlann bhochd air an sàrachadh. Nuair a thig meadhan na seachdain tha iad sgìth."

Tha aig na sgoilearan ri ùine nach beag a chur seachad a' feitheamh eadar busaichean cuideachd.
Bidh feadhainn aca ag èirigh mu 06:00m 's gun iad a' tilleadh dhachaigh gu faisg air 6:00f.
Tha muinntir na sgìre ag ràdh gu bhheil iad a' tuigsinn gu bheil Comhairle nan Eilean Siar fo chuideam a thaobh bhuidseatan, ach tha dragh orra gun cuir teaghlaichean cùl ri Ùig' Leòdhais mura tig piseach air an t-suidheachadh.
Tha iad den bheachd gu bheil e riatanach dhan àite gun tèid fuasgladh fhaighinn.
Thuirt an t-Urr Ùisdean Stiùbhart, a tha gu mòr an sàs san iomairt bus sònraichte fhaighinn do chloinn na sgìre, gur e "dùbhlan" a th' ann airson sgìre dhùthchail sluagh a chumail.
"Tha sinn a' faireachdainn mar phàrantan gu bheil rud gu math cudromach ann an seo, 's e sin co-ionnanachd foghlaim," thuirt Mgr Stiùbhart.
"An cunnart, mura tachair sin, nuair a dh'fhàsas a' chlann an-àirde 's bidh teaghlaichean aca fhèin, cha bhi iad idir airson a' chlann aca fhèin a dhol tron rud tron deach iadsan agus gluaisidh iad à Ùig'."
Chaidh beachd iarraidh air Comhairle nan Eilean Siar.