Misneachd: "Bha feum air an 2016, 's chanamaid fhèin gu bheil feum air fhathast"

Màrtainn Mac a' BhàillidhTùs an deilbh, MÀRTAINN MAC A' BHÀILLIDH
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt Màrtainn Mac a' Bhàillidh gu bheil feum fhathast air obair na buidhne-iomairt

  • Air fhoillseachadh

Tha a' bhuidheann-iomairt Ghàidhlig Misneachd a' comharrachadh deich bliadhna bho chaidh an cur air bhonn le tachartas aig Mòd Ghlaschu.

Thar nam bliadhnaichean bho 2016 tha iad air cnuasachadh agus beachdachadh air diofar rudan eadar poileasaidhean a thaobh a' chànain, gnothaichean sòisealta a tha a' toirt buaidh air a' Ghàidhlig, foghlam, agus craoladh.

'S iomadh deasad mòr a tha air a bhith ann timcheall air a' Ghàidhlig san àm sin, nam measg leabhar The Gaelic Crisis in the Vernacular Community, cunntas-sluaigh ann an 2022, agus Achd nan Cànanan Albannach a' dol tro Phàrlamaid na h-Alba.

Tha Misneachd air a bhith an sàs annta uile.

"Tha e doirbh buidheann-strì mar seo a chumail a' dol, 's bha feum air air ais ann an 2016 agus chanamaid fhèin co-dhiù gu bheil feum air fhathast," thuirt Màrtainn Mac a' Bhàillidh bhon bhuidhinn air Aithris na Maidne Diluain.

Tha Màrtainn fhèin air bruidhinn gu math tric air BBC Radio nan Gàidheal às leth na buidhne san deich bliadhna mu dheireadh.

"Bha sinn a' coimhead air Uinneag Overton, mar gum biodh - tha cùisean ag atharrachadh a rèir mar a tha diofar bhuidhnean a' bruidhinn air cùisean, agus cò an fheadhainn as fhaide a tha a' putadh airson rudeigin nas làidire.

"Ann an dòigh bha sinn a' feuchainn ri bhith radaigeach, ach cuideachd practaigeach - cha robh sinn a' bruidhinn air rudan nach eil a' tachairt anns a' Chuimrigh no ann an Èirinn, no dùthchannan eile ach a tha radaigeach ann an co-theacsa na h-Alba mar gum biodh."

Suaicheantas Misneachd os cionn dealbh de Thràigh Sheileaboist anns na Hearadh

Tha Màrtainn ag ràdh gu bheil a' bhuidheann fhèin cinnteach gu bheil taic gu leòr ann dhaibh, ged a 's e rud a tha sin nach eil an-còmhnaidh furasta a thomhas.

"Tha sinn uile ag obair ann an saoghal na Gàidhlig 's tha e doirbh an uair sin a bhith a' ceasnachadh phoileasaidhean a thig a-mach on riaghaltas, no Bòrd na Gàidhlig no ge b' e cò th' air cùlaibh rudan.

"Tha e doirbh guth a thogail, no ceistean a thogail mu na tha a' tachairt, 's mar sin tha e doirbh daoine fhaighinn a tha deònach bruidhinn a-mach.

"Ach air cùl dhorsan gun teagamh sam bith tha an t-uabhas de thaic ann don bhuidhinn agus na tha sinn air a bhith a' cantail thairis air na bliadhnaichean."

Tha Màrtainn ag ràdh cuideachd gu bheil a' bhuidheann air taic fhaighinn ann an àitichean 's dòcha ris nach biodhte an dùil.

'S e rud a tha sin, tha e a' cumail a-mach, a tha a' sealltainn gu bheil feum sa bhuidhinn.

"Tha sinn ag atharrachadh mar a tha luchd-poilitigs a' faicinn na Gàidhlig is mar a tha iad fhèin a' smaoineachadh," thuirt e.

"Bha riamh Ceit Fhoirbeis a' cantail rinn gun robh e a' còrdadh rithe gun robh Misneachd ann.

"Bha e feumail dhìse agus do luchd-poilitigs eile gun robh guthan a' togail air cùis na Gàidhlig agus na dh'fhaodadh a bhith a' tachairt, 's a' toirt cead dhaibhsan a bhith a' dol rud beag nas fhaide."

Coltach ri gu leòr Ghàidheal, tha Misneachd air a dhol dhan Mhòd agus iad a' comharrachadh a' chinn-bhliadhna aca.

Tha bòrd aca fad na seachdain air Iomall a' Mhòid, agus taisbeanadh de na tha iad air a bhith an sàs ann.

Bidh cuideachd cothrom ceistean a chur an dèidh deasbaid a thèid a chumail aig An Lòchrann aig 6:45 oidhche Luain.

"Bidh taisbeanadh ann agus an uair sin bidh Màiri Anna NicUalraig còmhla rinn agus gar ceasnachadh agus a' còmhradh rinn mu na th' air a bhith a' tachairt thairis air an deich bliadhna sin," thuirt Màrtainn.

"So bidh nàdar de phanal deasbaid ann agus cothrom aig an fheadhainn a tha an làthair a bhith a' cur cheistean oirnn cuideachd."