Triùir fhear fo chasaid an dèidh mar a chaidh briseadh a-steach gu bùth Tesco an Inbhir Nis

Bùth le TESCO sgrìobhte ann an litrichean mòra dearga air mullach an togalaich, agus Every Little Helps air a' bhalla ann an litrichean mòra geala. Tha pàirc-chàraichean ann le beagan charbadan ann.
  • Air fhoillseachadh

Chaidh triùir fhireannach a chur an greim agus fo chasaid an dèidh mar a chaidh briseadh a-steach gu bùth Tesco Taobh Abhainn Nis ann an Inbhir Nis.

Thachair e mu 01:00 sa mhadainn Didòmhnaich air Rathad Durais.

Thuirt na poilis gun robh na fir a chuireadh an greim aois 30, 33 agus 45.

Tha dùil gun nochd iad ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis Diciadain.