Urram Camanachd a' Mhòid air iomanaiche Uibhisteach Ghlaschu

Tha Aonghas MacAonghais air a bhith gu mòr an sàs ann an iomain ann an Glaschu bho ghluais e dhan bhaile mar dhuine òg
- Air fhoillseachadh
Chan eil duine, tha fhios, a tha a' samhlachadh a' cheangail eadar iomain is a' Ghàidhlig ann an Glaschu cho math ri Ceann-feadhna Camanachd a' Mhòid am-bliadhna.
Ged nach robh cothrom aig Aonghas MacAonghais e fhèin cluich fhad 's a bha e a' fàs suas ann an Uibhist a Tuath is an spòrs air teireachdainn san eilean, bha dualchas camanachd air leth beartach a' ruith na theaghlach.
'S e a sheanair, Lachlann MacCuithein, an duine mu dheireadh a bha beò a chluich sa gheama iomraiteach ann an 1907 eadar Solas is Taigh a' Gheàrraidh.
Thogadh Aonghas air sgeulachdan mun gheama a fhuair àite ann an eachdraidh mar an fhear mu dheireadh ann an Uibhist a Tuath mus deach iomain bàs.
Geama is nàimhdeas na chois, a rèir choltais, a chumadh ceann a' mhaide ri dad sam bith a thachair bhon uairsin eadar Baile Ùr an t-Slèibh is Ceann a' Ghiùthsaich.
"Bha beagan de dh'fhealla-dhà air an rathad air ais le cailleach bheag is poit de rudeigin nach robh uabhasach snog idir a bha air a chaitheamh air sgiobair Thaigh a' Gheàrraidh," tha Aonghas ag ràdh le gàire.
"Bha Pà gu math dèidheil air a bhith ag innse stòiridhean is bha sinn a' cluinntinn gu math tric mu dheidhinn."

Bha àite sònraichte aig Lachlann MacCuithein ann an eachdraidh na h-iomain ann an Uibhist a Tuath
Tha cuimhne aig Aonghas cuideachd a bhith a' faicinn seann chamain - chessies mar a bhiodh aig daoine orra.
Cha robh sìon cho cinnteach ach gun togadh e fhèin caman nuair a ghluais e a Ghlaschu aig aois 18.
'S e glè bheag de dhreuchdan iomain ann am Baile Mòr nan Gàidheal nach do rinn e bhon uairsin, ma tha gin ann idir.
Tha e air a bhith na chluicheadair, na choidse, na mhanaidsear, is e an-dràsta na iar-cheann-suidhe air Comann Ceilteach Ghlaschu is na cheann-suidhe air Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal. Sin uile a thuilleadh air a bhith na phàrant iomain.
Tha tuigse dhomhain mar sin aige air suidheachadh na h-iomain ann an Glaschu agus air an obair a th' air a bhith a' dol gus cluicheadairean òga às a' bhaile fhèin a thoirt air adhart.
'S e slighe car ùr a tha sin do Ghlaschu Meadhan Earra-Ghàidheal, cluba a bha air a stèidheachadh bho chionn còrr is 100 bliadhna do dhaoine às a' Ghàidhealtachd a bha air tighinn a dh'fhuireach sa bhaile mhòr.
Spòrscast: Lachlann MacCuithein
Spòrcast a' coimhead ri geama 1907. Na chois tha cothrom èisteachd ri Lachlann MacCuithein fhèin is e ag innse do D.R. Dòmhnallach mun t-strì a bh' ann eadar Solas is Taigh a' Gheàrraidh.
"Grunn bhliadhnaichean air ais cho-dhùin sinn obair leis na sgoiltean is òigridh is sin a bhrosnachadh - slighe dhaibhsan a' tighinn a-steach dhan chluba," tha Aonghas a' mìneachadh
"Tha an cluba aig an ìre seo a thaobh àireamhan cho math 's a bha e a-riamh. Tha dà sgioba inbheach aig na fir agus aig na boireannaich.
"Tha sguadaichean againn aig Fo 17 is Fo 14 is tha na cluicheadairean sin a' biathadh a-staigh a-nise.
"Tha sinn a' feuchainn ris a' chluba fhàs bhon bhonn agus bheir e beagan bhliadhnaichean ach tha tàlant gu leòr ann againn, 's e dìreach ùine a dh'fheumas sinn."
Tha aig an dearbh àm obair chudromach air a bhith a' dol gus dachaigh a' chluba aig Pàirc Peterson san Eochair a dhearbhadh san ùine fhada.
Thàinig clach-mhìle anns na seachdainean mu dheireadh is aonta air a shoidhnigeadh leis an ùghdarras ionadail gu foirmeil.
Co-là breith caillte GMA
- Air fhoillseachadh21 An t-Ògmhios 2023
Cinnt Pàirc Peterson "a' toirt seasmhachd dha iomain an Glaschu"
- Air fhoillseachadh10 An Dàmhair 2025
'S e am plana a-nise an tuilleadh leasachaidhean a chur an sàs is Peterson a stèidheachadh gu h-oifgeil mar dhachaigh na h-iomain ann an Glaschu.
Dha Aonghas tha a' Ghàidhlig fhèin - cànan traidiseanta na h-iomain - cuideachd air leth cudromach.
Leis an obair aca am measg sgoilearan a th' ann ann am foghlam Gàidhlig ann an Glaschu, tha GMA air a bhith a' stèidheachadh a' cheangail sin às ùr.
"Tha e cianail fhèin math airson feadhainn a bhrosnachadh a bhith a' bruidhinn Gàidhlig ann an suidheachadh sòisealta, gum bi iad a' cleachdadh Gàidhlig gu nàdarra seach a bhith a' tilleadh gu Beurla.
"Mar a tha na h-àireamhan a tha a' cleachdadh Gàidhlig ag èirigh, brosnichidh sinn feadhainn eile an cànan a chleachdadh cuideachd.
"Tha e cianail fhèin cudromach gum bi an ceangal sin follaiseach airson a' gheama sa bhaile mhòr.

Aonghas mar a thèid fhaicinn tric is e a' toirt stiùir dha cluicheadairean òga iomain ann an Glaschu
Bidh Gàidhlig gu leòr air a cluinntinn Disathairne is sreath de thachartasan aig Iomain Cholmcille aig Cinn Chluaidh, no Glasgow Green, 'son iomain a' Mhòid.
Gheibh an òigridh cùisean gu dol le farpais a tha a' tòiseachadh aig 10m. Bidh geama nam ban ann aig meadhan-là eadar GMA is Oilthigh Ghlaschu, is gnothaichean a' tighinn gu ceann le geama nam fear eadar GMA is Obar Dobhair aig 2f.
Aig teis mheadhan a h-uile dad bidh Aonghas. Tha e ag ràdh gur e urram mòr a th' ann dha a bhith air a thaghadh mar Cheann-feadhna Camanachd a' Mhòid is gun còrd e ris gu sònraichte a bhith a' faicinn chluicheadairean òga à Glaschu a' farpais airson nan duaisean.
Cho fad 's nach bi sgeul air cailleachan beaga Uibhisteach le mì-mhodh air an inntinn.