Naidheachdan 11:00m

An Ucràin

Thuirt ceann-suidhe na h-Ucràin, Volodomyr Zelensky, gur dòcha gu bheil cothrom ann sìth a bhrosnachadh eadar iad fhèin agus an Ruis le bhith a' cur stad air ionnsaighean air bun-structar cumhachd - ach gum feum na Stàitean Aonaichte toirt air an Ruis an leithid a dhèanamh. Bha an Ceann-suidhe Trump air innse an-dè gun robh fosadh air aontachadh, gus nach biodh ionadan cumhachd gam bualadh leis an dà thaobh sa chogadh - ged nach robh e follaiseach an deach an leithid aontachadh ann an dà-riribh. Aig co-labhairt sa Phòlainn, thuirt Mgr Zelensky gun robh an coltas ann gun deach an naidheachd seachad air Vladimir Putin, agus ionad cumhachd san Ucràin air bhualadh leis an Ruis bho nochd beachd Mhgr Trump. Thuirt fear-labhairt dhan Khremlin an-diugh gun robh còmhraidhean a' leantainn agus nach robh càil aca ri ràdh fhathast mun chùis.

Saudi Arabia

Tha aithrisean ann à Saudi Arabia gu bheil an tuilleadh ionnsaighean le dròn agus urchairean gam feuchainn air an duthaich. An-dè, chaidh aon duine a mharbhadh agus grunn a ghoirteachadh le ionnsaighean dròn air aon dhe na puirt-adhair as motha anns an dùthaich. Tha a' bhuidheann Houthi anns an Yemen - ri taobh Saudi Arabia - air gealltainn an tuilleadh ionnsaighean a dhèanamh.

An Fhraing

Tha balach aois 14 bliadhna an grèim anns an Fhraing às deidh mar a chaidh gunna a losgadh air ceannard-sgoile, agus neach eile a bha ag obair anns an aon sgoil, ann am baile Aubagne, aig deas. Tha dùil nach eil beatha an dithis fo chunnart ann.

Reform UK

Tha am pàrtaidh Reform UK ag ràdh gum biodh iad airson siostam comraich na Rìoghachd Aonaichte a dhùnadh buileach airson còig bliadhna, nam biodh iad soirbheachail anns an ath -thaghadh choitcheann. Bhiodh iad airson gach tagradh airson comraich an seo a dhiùltadh fad beatha aona phàrlamaid, agus bhiodh iad a' diùltadh gach tagradh a bha mu thràth anns an t-siostam. Tha na Làbaraich air am poileasaidh a chàineadh.

Russell Brand

Tha an cleasaiche, Russell Brand, air cùirt ann an Lunnainn a ruighinn far a bheil cùis a' tòiseachadh an-diugh, agus e fo chasaidean èigneachaidh agus ionnsaigh fheiseil. Tha na casaidean a' dèiligeadh ri deich bliadhna gu 2009 agus sianar bhoireannach co-cheangailte riutha. Tha Mgr Brand a' dol às àicheadh nan casaidean na aghaidh uile.

Am Mòd

Tha am Mòd Nàiseanta Rioghail, mar a bhios fios agaibh an seo, air là a ceithir a ruighinn, gu h-oifigeil, ach le seachdain a' Mhòid fhèin air tòiseachadh. An-diugh, tha farpaisean seinn na cloinne a' tòiseachadh aig a' Mhòd ann an Glaschu, agus innsidh Mòrag an tuilleadh dhuibh mun sin 's dòcha.