Caraid a' Mhòid: "Tha mi a' feuchainn ri beagan a thoirt air ais"

Chaidh Kirsteen Ghrannd na stiùiriche air Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu ann an 1991
- Air fhoillseachadh
Seinneadair proifeiseanta, stiùiriche còisir agus a-nis tha Kirsteen Ghrannd cuideachd na caraid dhan Mhòd.
Tha i am measg na tha air duais Caraid a' Mhòid fhaighinn am-bliadhna aig Mòd Nàiseanta Rìoghail Ghlaschu - am baile às a bheil i 's far a bheil i air a bhith a' fuireach fad bhliadhnaichean.
"Chuir e iongnadh orm ach 's e urram mòr a th' ann," thuirt i.
"Bha m' athair an-còmhnaidh an sàs sa Chomunn. Bha e na cheann-suidhe agus bhiodh e ag obair airson na Gàidhlig.
"Tha seo math a thaobh sin. Tha mi a' cuimhneachadh air m' athair.
"Tha mi a' feuchainn ri beagan a thoirt air ais."

Tha Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu air Sgiath MhicShimidh agus Thulaich Bhàrdainn a bhuannachadh trì tursan fo stiùir Khirsteen
B' ann às an Eilean Sgitheanach a bha cuideachd Khirsteen agus bha i air a bogadh ann an ceòl is cultar na Gàidhlig bho bha i na nighean bheag.
Chaidh i gu Mòd an toiseach nuair a bha i seachd, 's i a' seinn còmhla ri Còisir Òg Ghàidhlig Knightswood.
Ann an 1964 aig aois 18, bhuannaich i Bonn Òir a' Chomuinn Ghàidhealaich agus chaidh i air adhart gu bhith a' seinn gu proifeiseanta san Rìoghachd Aonaichte 's gu h-eadar-nàiseanta.
Ann an 1991, ghabh i Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu os làimh agus tha i fhathast aig an stiùir an-diugh.
San ùine sin tha iad air Sgiath MhicShimidh agus Thulaich Bhàrdainn a ghlèidheadh trì tursan agus tha iad air seinn sa Bhreatainn Bhig, sa Chuimrigh 's ann an Canada, a thuilleadh air iomadach turas còmhla ri Runrig.

Tha Carrie NicNèill den bheachd gun dèanadh Kirsteen rud sam bith do dhuine sam bith
Chan eil e na iongnadh gu bheil meas mòr air Kirsteen sa chòisir.
A rèir Carrie NicNeill, dhèanadh i rud sam bith do dhuine sam bith.
Rinn i moladh mòr air na tha i air a dhèanamh do chultar na Gàidhlig 's air na co-sheirmean a tha i air a dhèanamh thar nam bliadhnaichean.
"Tha tuigse aice air, chan e dìreach an ceòl 's a' Ghàidhlig, ach mar a tha an dà rud air fhighe còmhla," thuirt i.
"Tha i dìreach cho taiceil 's i airson ar brosnachadh agus ar cumail còmhla - chan ann dìreach mar chòisir ach ann a bhith a' cruthachadh coimhearsnachd, sa chòisir againn fhèin agus eadar na còisirean air fad."
Ach chan eil sin a' ciallachadh nach eil i cruaidh orra.
Thuirt Aonghas MacLeòid, a th' air a bhith sa chòisir 10 bliadhna: "Tha Kirsteen dìreach gu math fialaidh a thaobh an eòlais mhòir a th' aice a thaobh ceòl, seinn, còisirean is a h-uile sìon mar sin.
"Tha i gu math foighidneach leis a' chòisir ach 's urrainn dhi cuideachd a bhith a' toirt breab no dhà dhuinn ma tha sinn ga fheumachdainn."

'S e bràthair Aonghais MhicLeòid a rinn fear dhe na h-òrain a tha Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu a' seinn am-bliadhna
Tha meas mòr aig Kirsteen fhèin air a' chòisir cuideachd.
Ged a bhuannaich i am Bonn Òir agus ged a bha sin fìor mhath, tha i a' faireachdainn gu bheil rudeigin sònraichte mu dhèidhinn a bhith a' buannachadh còmhla ri buidhinn.
Tha i an dòchas a bhith aig an stiùir airson greis fhathast.
"Ach 's dòcha gum bi iad ag iarraidh fear na tè nas òige a-nis," thuirt i le gàire.
Ach cha chreid mi gum bi.
Tha muinntir na còisir air an dòigh glan gu bheil oidhirpean Kirsteen gan comharrachadh am-bliadhna.
"Chan eil fhios agam a bheil duine sam bith beò a tha cho airidh air urram Caraid a' Mhòid ri Kirsteen," thuirt Aonghas.
"Tha i air an t-uabhas a thoirt seachad dha na Mòdan thar nam bliadhnaichean."
Ach tha i fhèin gu math iriseil mu dhèidhinn.
"Och," thuirt i 's i a' lachanaich.
"Tha iad ag iarraidh a bhith air an taghadh airson seinn san Lovat!"

Tha Kirsteen air còrr is 150 co-sheirm a dhèanamh thar nam bliadhnaichean