Orca an Uibhist air 'fear den fheadhainn fhireann a bu shine a chlàradh riamh'

Muc-mhara dubh is geal sa mhuirTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Rinneadh sgrùdadh air fiaclan nam madaidhean-cuain

  • Air fhoillseachadh

Tha dùil aig luchd-saidheans gur e aon de na madaidhean-cuain fireann as sine a-riamh a chaidh a chlàradh a bh' anns an orca a fhuaireadh marbh air tràigh an Uibhist a Deas.

Thàinig e gu tìr ann an Gèirinis an Iar an ceann a tuath an eilein ann an 2015, agus thathar a' creidsinn gun robh e co-dhiù 65 bliadhna de dh'aois.

Rinn luchd-rannsachaidh measadh air na cearcallan a bha a' fàs gach bliadhna ann an tè de na fiaclan aige.

Thuirt an luchd-saidheans nach robh stuth rèidio-beò bho na deuchainnean niuclasach a rinnedh faisg air cuantan am meadhan an 20mh Linn ri lorg sna cearcallan as sine.

Leis an sin, tha iad den bheachd gun do rugadh a' mhuc-mhara mus do thòisich na deuchainnean a rinn na Stàitean Aonaichte, an Ruis agus an Rìoghachd Aonaichte, am measg eile. Chaidh an casg ann an 1963.

Sgaoil iad an t-uabhas de mhìrean rèidio-beò dhan àrainneachd, agus chaidh fiadh-bheatha a ghànrachadh le na chaidh dheth dhan mhuir.

Chaidh stuth rèidio-beò a-steach dha na cearcallan uachdarach fhad 's a bha am madadh-cuain a' fàs.

Fireannach le feusag agus fiamh-gàire. Tha seacaid gheal air agus tha fiacaill muice-mara na làimhTùs an deilbh, IONAD NAN SAIDHEANSAN ISOTOPE
Fo-thiotal an deilbh,

An Dr Kieran Tierney bho Ionad nan Saidheansan Isotope le tè de na fiaclan a chaidh a sgrùdadh

Thuirt an luchd-rannsachaidh gum faod madaidhean-cuain fireann a bhith beò cho fada ri 30 bliadhna sa chumantas.

Tha dà orca fireann, air a bheil Aquarius agus John Coe, tric air am faicinn far chosta siar na h-Alba agus tha dùil gu bheil iad le chèile seachad air 50 bliadhna de dh'aois.

Faodaidh feadhainn bhoireann aois 80 bliadhna agus barrachd a ruighinn.

Rinn an luchd-saidheans sgrùdadh cuideachd air fiacaill orca bhoireann a bhuineadh do bhuidhinn air a bheil Coimhearsnachd a' Chosta an Iar.

Chaidh Lulu fhaighinn marbh air cladach ann an Tiriodh ann an 2016.

Thuirt an luchd-saidheans gun robh "lorg rèidio-beò" na fiacaill ris an canar an Siognal Sellafield.

Thàinig e bho stuth rèidio-carbon a chaidh a-steach dhan Mhuir Èireannach à ionad-niuclasach Sellafield ann an Cumbria.

'S e sgioba aig SUERC - Ionad nan Saidheansan Isotope - ann an co-bhann le luchd-saidheans à oilthighean Ghlaschu, Dhùn Èideann is Chill Rìmhinn agus Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba a rinn an obair.

Chaidh an sgrùdadh aca fhoillseachadh san iris, Frontiers in Marine Science, taobh a-muigh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo