Tagraichean gan iarraidh airson 'Oscars' ceòl traidiseanta na h-Alba

Bhuannaich Sian Clàr na Bliadhna ann an 2025
- Air fhoillseachadh
Bidh Duaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba 2026 gan toirt seachad san Dùbhlachd agus thathar ag iarraidh air a' phoball an luchd-ciùil a b' fheàrr leotha a chur air adhart airson aithne fhaighinn.
Bidh cuirm mhòr Na Trads - neo 'Oscars' a' chiùil thraidiseanta - a' tilleadh a Phàislig am-bliadhna le Màiri Anna NicUalraig agus Alasdair Heather uair eile aig an stiùir.
Tha Clàr na Bliadhna agus Neach-ciùil na Bliadhna am measg nan duaisean a tha rim faotainn.
Am measg na bhios a' nochdadh air an àrd-ùrlar bidh Valtos agus Sian agus iad le chèile a-staigh airson duais Clàr Albannach na Bliadhna.
Tha Màrtainn Dòmhnallach aig Valtos ag ràdh gur e "daonnan oidhche air leth a th' ann a' toirt còmhla luchd-ciùil bhon t-saoghal Thraidiseanta, Gàidhlig agus Albannach".

Fo-thiotal an deilbh, Bidh Valtos am measg na nochdas air an àrd-ùrlar ann am Pàislig aig duaisean na bliadhna-sa
1 de 5
Bidh an còmhlan à Arcaibh, Gnoss, a' nochdadh cuideachd air an oidhche cho math ri Rachel Groves a chaidh ainmeachadh an-uiridh mar Neach-ciùil Traidiseanta òg na Bliadhna.
Bidh cuideachd cothrom aig daoine òga bho Fhèis Phàislig na comasan ciùil aca a thaisbeanadh dhan luchd-èisteachd.
Thuirt Simon Thoumire bho Hands Up for Trad a tha a' cur air dòigh na cuirme: "'S e cothrom a th' anns na duaisean do mhuinntir saoghal a' chiùil thraidiseanta thighinn còmhla agus a bhith ag aithneachadh an tàlaint aca."
Thuirt e gu bheil iad airson cluinntinn bhon luchd-èisteachd mu cò an luchd-ciùil, làraichean-ciùil agus buidhnean as motha a thug buaidh orra am-bliadhna agus cò as motha a tha airidh air urram.
Tha suas chun an 18mh den Dàmhair aig a' phoball an taghadh fhèin a dhèanamh air làrach-lìn Na Trads, taobh a-muigh.
'S e Alba Chruthachail agus MG ALBA a tha a' maoineachadh an tachartais a bhios air a chumail air a' 5mh den Dùbhlachd agus air a chraoladh air BBC ALBA an ath-oidhche.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh5 An Dùbhlachd 2025




