Misneachd ag iarraidh FtMG a-mhàin anns na h-Eileanan

  • Air fhoillseachadh
Misneachd

Mhol a' bhuidheann Misneachd gum bu chòir cur às do dh'fhòghlam tro mheadhan na Beurla ann an sgìrean Gàidhlig, is iad ag ràdh cuideachd nach eil foghlam sa chànan mar a tha e a' cruthachadh "luchd-labhairt Gàidhlig misneachail fileanta" tric gu leòr.

Tha iad seo am measg phuingean a tha a' nochdadh ann am freagairt na buidhne airson na co-chomhairle, taobh a-muigh a tha a' dol an-dràsta air Bile nan Cànanan Albannach.

Tha a' cho-chomhairle sin a' coimhead ri ro-innleachd ùr airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, am bu chòir sgìre no sgìrean "Gàidhealtachd" oifigeil a stèidheachadh, agus structar 's obair Bhòrd na Gàidhlig.

Chuir Misneachd fàilte air grunn de na puingean a nochd sa phàipear cho-chomhairlichidh a dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba san Lùnastal.

Thuirt a' bhuidheann gu bheil feum air ro-innleachd ùr airson FtMG is iad a' togail gu mòr air gainnead de thidsearan Gàidhlig.

Thuirt iad gum fàs an suidheachadh seo nas miosa mura h-eil luchd-labhairt a tha fileanta is misneachail sa chànan a' tighinn a-mach à foghlam Gàidhlig, rud a tha iad ag ràdh nach eil e a' tachairt tric gu leòr an-dràsta.

Dh'iarr Misneachd gum bu chòir fòcas a bhith air ìre an luchd-labhairt seach an àireamh de sgoilearan a tha ann an am foghlam Gàidhlig uile gu lèir.

Bu chòir barrachd airgid a chosg gus tidsearan Gàidhlig a thàladh is a thrèanadh, is cuideachd tòrr a bharrachd taice a bhith ann dhaibh sa chlas.

Sgilean conaltraidh

Tha Misneachd cuideachd airson is gum bi foghlam Gàidhlig ag amas gu sònraichte air deagh sgilean conaltraidh sa chànan a theagaisg, is iad ag ràdh gu bheil e garbh cudromach gum bi clann comasach air a' Ghàidhlig a bhruidhinn gu sòisealta.

Thog iad cuideachd air "curraicealam Gàidhealach sònraichte a chruthachadh airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a bhiodh stèidhte air eachdraidh is air cultar na Gàidhlig agus a bhiodh a' brosnachadh fèin-aithne làidir mar Ghàidheil no mar Ghàidheil Ùra".

Thathas cuideachd a' togail air duilgheadasan le tidsearan Gàidhlig fhastadh ann an sgìrean dùthchail is eileanach gu h-àraidh, le Misneachd a' moladh gum bi taic airgid shònraichte ann dha tidsearan an sin. Thuirt iad gu bheil na sgìrean traidiseanta bunaiteach is gum bu chòir sin aithneachdh ann an ro-innleachd ùr.

Mar phàirt den sin dh'iarr iad clàr-ama airson cur às do dh'fhoghlam tron Bheurla anns na sgìrean sin.

"Tha sinn air sin a mholadh roimhe agus aig deireadh an là tha an riaghaltas a' bruidhinn air sgìrean Gàidhealtachd stèidhichte air na th' aca ann an Èirinn", thuirt Màrtainn Mac a' Bhàillidh bho Mhisneachd.

"Ann an Èirinn agus anns a' Chuimrigh, anns na sgìrean as làidire a thaobh a' chànain, chan fhaigh thu ach foghlam tro mheadhan a' chànain a tha siud.

"Aig deireadh an là bidh a h-uile sgoilear a thèid tro na sgoiltean sin gu tur fileanta ann am Beurla agus ann an Gàidhlig, is mar sin chan eil sinn a' faicinn gu bheil e a' dèanamh cron sam bith air duine sam bith.

"Co-dhiù chan e gun tachradh e dìreach sa bhad ach mar a tha a' tachairt gu ìre air choireigin a bhith a' gluasad a dh'ionnsaigh sin", thuirt e.

Chuir Misneachd fàilte air molaidhean a thaobh sgìrean le inbhe Gàidhealtachd a stèidheachadh is iad ag ràdh gu bheil cothrom an seo coimhearsnachdan Gàidhlig a neartachadh.

Fo-thiotal,

Agallamh le Màrtainn Mac a' Bhàillidh bho Mhisneachd.

Thuirt iad gum bu chòir leasachadh coimhearsnachd na Gàidhlig a chur "air stèidh reachdail, mar àrainn phoileasaidh innte fhèin, ri taobh foghlam na Gàidhlig, craoladh na Gàidhlig, agus planadh cànain nam buidhnean oifigeil".

Bhiodh taic is planaichean sònraichte ann dha coimhearsnachdan fa leth is buidheann ùr stèidhichte anns na h-Eileanan an Iar le dleastanas airson leasachadh na Gàidhlig sa choimhearsnachd.

Dh'fhaodadh seo a bhith stèidhichte, tha Misneachd ag ràdh, air 'Urras na Gàidhlig', mar a chaidh a mholadh san leabhar The Gaelic Crisis in the Vernacular Community, no mar roinn ùr fa leth de Bhòrd na Gàidhlig, no le dleastanas ùr a chur air Comunn na Gàidhlig.

Chuireadh Misneachd taic ri àitichean is tachartasan far am biodh Gàidhlig a-mhàin ann, is iad ag ràdh gu bheil tachartasan dà-chànanach tric a' ciallachadh Beurla.

Dh'iarradh iad taic tòrr nas làidire do theaghlaichean a tha a' cleachdadh na Gàidhlig cuideachd.

A rèir Mhisneachd, dh'fhaodadh tòrr de na cothroman seo tighinn le inbhe sgìre Gàidhealtachd

"Tha iomadh buannachd eile a thigeadh an lùib aithneachadh mar sgìrean Gàidhealtachd stèidhichte air na th' aca ann an Èirinn", thuirt Màrtainn Mac a' Bhàillidh.

"Airgead do choimhearsnachdan, cumhachdan a bharrachd ri cur an aghaidh dhuilgheadasan sòiseo-eaconomach a tha a' bualadh air a' Ghàidhlig: taigheadas, obraichean, airgead a tha a' tighinn a-steach dha na sgìrean sin, trioblaidean le bun-structar.

"Tha iomadh duilgheadas ann an sgìrean eileanach ceangailte ris an eaconomaidh a tha a' bualadh air a' Ghàidhlig cuideachd agus tha cothrom againn le aithneachadh sgìrean Gàidhealtachd mar a tha e ann an Èirinn a bhith a' cur an aghaidh siud", thuirt e.

"Lìonraidhean Gàidhlig"

A thaobh dè na sgìrean a bhiodh ann, mhol Misneachd gach paraiste sa chunntas-shluaigh bho 2011 far an robh Gàidhlig aig 25% den t-sluagh, is iad a' togail cuideachd air "Lìonraidhean Gàidhlig" anns na bailtean mòra far a bheil coimhearsnachdan Gàidhlig.

Anns an fhreagairt aca air Bòrd na Gàidhlig, thuirt Misneachd gu bheil e "nas soilleire na bha e a-riamh gu bheil cus dhleastanasan aig Bòrd na Gàidhlig, ach gainnead ghoireasan agus chumhachdan.

"Tha e coltach gu bheil seo a' toirt buaidh air èifeachdas leis gu bheil goireasan ganna air an sgaoileadh ro thana, gu bheil nas lugha buaidh aca, agus nach eil goireasan gu leòr airson measadh èifeachdach, agus tha seo a' ciallachadh nach tèid mearachdan a cheartachadh agus nach eilear ag aithneachadh agus a' togail air a' chleachdadh as fheàrr".

Thuirt iad gu bheil feum air buidseat nas motha is barrachd luchd-obrach, is feum cuideachd air ath-sgrùdadh air siostam nam planaichean cànan.

Tha Misneachd ag ràdh cuideachd gu bheil dùtchannan eile air gluasad air falbh bhon mhodail a th' ann an Alba is gur dòcha gu bheil argamaid ann cuid de na dleastanasan air Bòrd na Gàidhlig a ghluasad gu buidhnean eile.

'S dòcha gum bu chòir do Riaghaltas na h-Alba fhèin dleastanas a ghabhail airson Plana Nàiseanta na Gàidhlig, tha iad ag ràdh.

Gheibhear freagairt shlàn Mhisneachd an seo, taobh a-muigh.

Dùinidh a' cho-chomhairle air Bile nan Cànanan Albannach air an 17mh den t-Samhain.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh