Còrr is an treas cuid de dh'òigridh nan Eilean Siar a' fàgail na sgoile is obair aca

Tàthadair ag obair le uidheamachd às a bheil sradagan a' tighinn ann am factaraidh. Tha miotagan buidhe air an neach agus aodach-obrach gorm agus clogaid uaine. Tùs an deilbh, NAVANTIA
Fo-thiotal an deilbh,

Tha a' chompanaidh Navantia ann an Gàradh Àranais am measg an luchd-fastaidh sna h-eileanan far am faigh preantasan trèanadh

  • Air fhoillseachadh

Tha barrachd dhaoine òga sna h-Eileanan an Iar a' tòiseachadh air cosnadh neo air trèanadh fhaighinn cho luath 's a dh'fhàgas iad an sgoil na tha sa chumantas an Alba, a rèir àireamhan ùra.

Chuala Comataidh an Fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar gun do thòisich 35% den fheadhainn a dh'fhàg sgoiltean an ùghdarrais ionadail air cosnadh ann an 2025, an taca ri 20.7 % san fharsaingeachd sa chòrr den dùthaich.

Tha Àrd-oifigear an Fhoghlaim Dòmhnall MacLeòid ag ràdh gu bheil seo air sgàth oidhirp a rinn iad barrachd chothroman a thabhann air sgoilearan.

Tha e ag ràdh gu bheil a' dol dhan oilthigh neo a' cholaiste "fhathast an t-slighe cheart do mhòran".

Thuirt e: "Tha sinn cuideachd airson roghainnean a bhith ann a chumas daoine òga sna h-eileanan, a' fuireach, ag ionnsachadh agus a' cosnadh sna coimhearsnachdan aca fhèin."

Chuala a' chomataidh cuideachd gun robh 96.2 % de dhaoine eadar aois 16 agus 19 sna h-Eileanan an Iar a' faighinn foghlaim, cosnaidh neo trèanaidh, an ceathramh ìre as àirde ann an Alba agus os cionn a' chuibheis nàiseanta de 93.3%.