Preantasachdan a' cumail dhaoine òga anns na h-Eileanan?

Archie Chaffer
LeEtta May Olley
Tè-naidheachd Dhidsiteach, Na Hearadh
  • Air fhoillseachadh

Tha prògraman preantasachd air iomadh cothrom obrach a thoirt do dhaoine òga anns na h-Eileanan thairis air nam bliadhnaichean.

Tha diofar dhreuchdan ann do dhaoine a tha airson prògraman preantasachd a dhèanamh eadar a bhith ag obair le companaidhean beaga ionadail gu companaidhean mòra nàiseanta.

Ann an rannsachadh a rinn Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean ann an 2018, fhuair iad gun robh 55.6% de dhaoine a tha a' fuireach anns na h-Eileanan an Iar nas sine na 45 bliadhna de dh’ aois agus cho beag ri 23% nas òige na 25.

Nochd rannsachadh bho Chomhairle nan Eilean Siar a bha a' coimhead air meadhan 2020 gu meadhan 2021. Thàinig ìsleachadh 7% bho 2,444 gu 2,087 anns an àireimh dhaoine a tha eadar aois 16 agus 24 anns an sgìre.

Ach tha cothroman preantasachd a' ciallachadh gu bheil dòigh ann do dhaoine òga anns na h-Eileanan eòlas obrach is teisteanasan fhaighinn gun falbh às an àite.

PreantasachdanTùs an deilbh, Western Isles Employability
Fo-thiotal an deilbh,

Preantasan aig tachartas Là Eadar-nàiseanta nam Ban aig Colaiste Chaisteal Leòdhais ann an Steòrnabhagh

Tha 309 duine ann am preantasachdan anns na h-Eileanan an Iar air fad bhon t-Sultain 2023.

Thuirt neach-labhairt bho Chomhairle nan Eilean Siar: “Tha Comhairle nan Eilean Siar a’ cur taic ri iomadh seòrsa preantasachdan thairis air na h-Eileanan an Iar air fad. Do dheugairean a tha air na bliadhnaichean mu dheireadh aca san àrd-sgoil, tha Foundation Apprenticeships a’ toirt dhaibh cothrom eòlas fhaighinn tro fhoghlam practaigeach nuair a tha iad fhathast san sgoil. Tha sgeamaichean eile preantasachd a’ toirt cothrom do dhuine sam bith aig aois agus ìre sam bith teisteanasan fhaotainn tro a bhith ag obair ann an dreuchd anns na h-Eileanan an Iar.

Archie Chaffer
Fo-thiotal an deilbh,

Archie Chaffer a tha na phreantas anns na Hearadh

Thuirt Joanna NicIlleathain, a tha trèanadh airson na bhith na h-oifigear dreuchd comhla ri SDS ann an Leòdhas, gu bheil na h-àireamhan a’ sealltainn gu bheil barrachd phreantasachdan ann do dhaoine òga agus gu bheil iad anns a h-uile dreuchd an ìre mhath a-nis: "Tha cothroman uabhasach math ann airson daoine aig an taigh, tron chomhairle no tron cholaiste, agus cuideachd còmhla ri companaidhean mòra nàiseanta.

“Nuair a tha iad deiseil leis a’ phreantasachd aca, ’s urrainn dhaibh a dhol gu àite sam bith leis agus a’ chuid-mhòr de dhaoine a tha a’ dèanamh preantasachd, gheibh iad teisteanas mus bi iad ’s dòcha 20.”

Thuirt Archie Chaffer, a tha a' dèanamh preantasachd ann an saorsainneachd anns na Hearadh; “Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil tuilleadh dhaoine a’ fuireach san eilean leis gu bheil cothrom ann air gnothaichean mar phreantasachdan.

“Bha na tidsearan an còmhnaidh ag ràdh gum bu chòir dhuinn falbh gu tìr-mòr airson oilthigh no colaiste ach tha cothroman gu leòr anns na h-Eileanan is preantasachdan matha.”