Flataichean am Port Rìgh gu bhith air an sgeadachadh

- Air fhoillseachadh
Thèid còig flataichean ann am Port Rìgh a tha an-dràsta bàn a sgeadachadh is a chur gu feum às ùr mar phàirt de cho-obrachadh eadar SSEN is Comann Taigheadais Loch Aillse is an Eilein Sgitheanaich.
Thèid na flataichean aig Leathad na Sobhraig a chleachdadh an toiseach le luchd-obrach a bhios ag obair air pròiseact SSEN gus an loidhne dealain eadar An t-Eilean Sgitheanach is Cille Chuimein ùrachadh.
Nuair a tha an obair sin seachad, thèid na flataichean a chur ann an làmhan Chomann Taigheadais Loch Aillse is an Eilein Sgitheanaich airson a bhith air an cleachdadh le muinntir an àite.
Tha dùil gun tòisich obair anns na seachdainnean ri tighinn gus na flataichean a sgeadachadh is a leasachadh, an dà chuid a-staigh is a-muigh.
Tha e coltach gum mair an obair sin mu cheithir mìosan.
'S iad SSEN is Comann Taigheadais Loch Aillse is an Eilein Sgitheanaich a phàigheas airson na h-obrach is le taic ann cuideachd bho Riaghaltas na h-Alba.
Beatha ùr do Thaigh-òsta a' Chaley
- Air fhoillseachadh29 Am Faoilleach
Plana airson campa luchd-obrach san Àth Leathann air a tharraing
- Air fhoillseachadh28 An Dàmhair 2025
Campa luchd-obrach fon phrosbaig aig coinneamhan poblach
- Air fhoillseachadh24 An Gearran 2025
Thuirt an comann gu bheil iad a' bruidhinn ri companaidhean ionadail airson an obair a dhèanamh is gur e Torr Civils & Building LTD, a tha stèidhichte ann an Ratharsair, a nì an obair-sgeadachaidh.
"'S e ceum cudromach air adhart a th' ann gu bheil còig flataichean aig Leathad na Sobhraig gu bhith air an ceannach is air an sgeadachadh," thuirt àrd-oifigear Chomann Taigheadais Loch Aillse is an Eilein Sgitheanaich, Lowri Richards.
"Leigidh e linn na blocaichean a Tuath is a Deas a leasachadh is a dhèanamh nas seasmhaiche."
Thuirt stiùiriche pròiseict SSEN Transmission, Chris Bell, gu bheil iad glè thoilichte leis a' cho-obrachadh.
"Tha fuasgladh pragtaigeach an seo a tha a' toirt dhuinn àiteachan-fuirich air a bheil feum agus cuideachd a' ciallachadh gum bi barrachd thaighean ri fhaighinn dhan choimhearsnachd air a' cheann thall," thuirt e.