Nì CnES sgrùdadh agus builean deuchainnean Àrd-Ìre sìos am-bliadhna

- Air fhoillseachadh
Bidh aithisg air beulaibh Comataidh an Fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar Dimàirt a' mìneachadh gu bheil dealbh measgaichte a thaobh mar a chaidh le clann-sgoile na sgìre sna deuchainnean aca.
Rinn sgoilearan nas fheàrr aig Ìre Nàiseanta 5 am-bliadhna an coimeas ri Alba san fharsaingeachd.
Dh'èirich an àireamh a shoirbhich aig Àrd-Ìre Adhartach ach cha deach buileach cho math leis an fheadhainn a rinn deuchainnean Àrd-Ìre, nas lugha na an ìre nàiseanta sa chumantas.
Tha an aithisg le Àrd-oifigear an Fhoghlaim agus nan Seirbheisean Cloinne, Dòmhnall MacLeòid, ag ràdh gun dèan oifigearan comhairle is luchd-teagaisg sgrùdadh feuch dè a bu choireach.
Tha an aithisg ag ràdh gun do rinn 622 sgoilear 2,932 deuchainnean le ìre shoirbheis 81%, an aon àireamh ris a' bhliadhna an-uiridh ach le barrachd chloinne a' feuchainn air barrachd dheuchainnean.
Sgrùdadh an dèidh toradh Sàr-Àrd-Ìre nan Eilean Siar
- Air fhoillseachadh10 An Lùnastal 2023
Thàinig am piseach as motha air toraidhean deuchainnean Àrd-Ìre Adhartach le beagan agus 80% den fheadhainn a rinn iad a' soirbheachadh - àrdachadh 14% air a' bhliadhna an-uiridh agus a dhà uimhir nas motha an taca ri 2025.
Tha sin a' fàgail nan Eilean Siar sa cheathramh àite am measg ùghdarrasan ionadail na h-Alba airson soirbheachas aig Àrd-Ìre Adhartach.
Bha àrdachadh suas gu 83% air na shoirbhich aig Ìre Nàiseanta 5 am-bliadhna, nas àirde na an ìre san fharsaingeachd an Alba de mu 79%.
Ge-tà, thèid measadh a dhèanamh feuch dè a bu choireach gun tàinig lùghdachadh air na shoirbhich sna deuchainnean Àrd-Ìre agus sin sìos gu beagan agus 72%, beagan agus 4% fon ìre chuibheasaich nàiseanta.
Bidh Comataidh an Fhoghlaim, na Spòrs agus nan Seirbheisean Cloinne a' coinneachadh Dimàirt.