An Loch Bhrusda dearbhte airson Caolas na Hearadh air a' gheamhradh-sa

Thuirt CalMac gur i an Loch Bhrusda as motha a bhios air slighe Caolas na Hearadh tron gheamhradh
- Air fhoillseachadh
Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn air clàr-ama a' gheamhraidh aca fhoillseachadh airson slighe Caolas na Hearadh, a tha air a bhith às aonais soitheach a ghabhas carbadan airson faisg air mìos.
Chan eil ach seirbheis do luchd-coise a-mhàin air a bhith air eadar an t-Òb agus Beàrnaraigh agus trioblaidean teicnigeach leis a' bhàta as àbhaist a bhith air an t-slighe.
Tha an t-aiseag-charbad, an Glen Sannox, air a bhith a' dol eadar an Tairbeart agus Loch nam Madadh san eadar-ama.
Tha an Loch Portain fhathast ga càradh ann an Grianaig, ach thuirt CalMac gur e an Loch Bhrusda a bhios a' seòladh tro chlàr-ama a' gheamhraidh.
Caolas na Hearadh gu bhith às aonais aiseig gu faisg air deireadh na Sultaine
- Air fhoillseachadh7 An t-Sultain
Thug an troimh-chèile air an t-seirbheis droch bhuaidh air gnothachasan air gach taobh den chaolas, agus tha ceist ann mu dè thachras ma bhriseas an Loch Bhrusda a-rithist.
Tha cho eu-doimhne 's a tha an caolas a' fàgail nach urrainn ach an Loch Bhrusda agus an Loch Portain seòladh oirre.
Tha CalMac ag ràdh gu bheil iad a' feuchainn ri soitheach eile a lorg.
Thuirt Cathraiche na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan:
"Bheireadh sin faochadh dhuinn agus bhiodh aiseag ann a bheireadh taic nam biodh duilgheadas sam bith ann leis an Loch Bhrusda fhèin agus i air an t-slighe."

Chan eil ach seirbheis do luchd-siubhail air chois a-mhàin an-dràsta
Tha trioblaidean teicnigeach air a bhith aig an Loch Portain on chaidh na ceithir einnseanan aice ùrachadh.
Tha iad sin ag adhbharachadh crith sna bogsaichean-gèar aice agus tha luchd-einnseanairidh bho ghrunn dhiofar chompanaidhean ag obair oirre feuch fuasgladh a lorg.
Dhearbh CalMac nach bi i air ais mus tig clàr-ama an t-samhraidh gu ceann air an 18mh den Dàmhair, agus thuirt iad gur e an Loch Bhrusda as motha a bhios air an t-slighe chun a' Mhàirt 2027.
Tha dùil gun tòisich i air an 28mh den t-Sultain agus i an-dràsta a' seòladh a-mach à Malaig chun nan Eilean Tarsainn.
Thuirt Fiona NicBhreatnaich, Manaidear Sgìreil ChalMac: "'S e slighe Caolas na Hearadh seirbheis riatanach eadar-eileanach, agus tha sinn a' dèanamh ar dìchill a' bhuaidh an cois an MV Loch Portain a bhith a-mach à seirbheis a lùghdachadh."