Dùinidh Eaglais na h-Alba dhà de na ceithir eaglaisean aca an Uibhist

Dùinidh Eaglais na h-Alba an eaglais aca ann an Dalabrog agus iad ag ràdh gum biodh e ro chosgail a càradh
- Air fhoillseachadh
Dhearbh Eaglais na h-Alba gum bi dhà de na ceithir eaglaisean aca ann an Uibhist a' dùnadh agus iad gann de dh'airgead agus de luchd-obrach airson an cumail aig ìre.
Fàgaidh an co-dhùnadh nach bi àite-adhraidh aig Eaglais na h-Alba am Beinn na Faoghla tuilleadh agus iad a' dùnadh na h-eaglaise an Grìminis cho math ris an tè an Dalabrog an Uibhist a Deas.
Cha bhi eaglaisean aca ach sa Chlachan an Uibhist a Tuath agus an Tobha Mòr an Uibhist a Deas.
Thàinig an naidheachd ann an litir dhan luchd-adhraidh bhon Urr Ann Inglis, a tha na Modaràtair Eadar-amail agus Locum do dh'Uibhist is Barraigh.
Dhearbh i cuideachd gun tèid trì de na seann mhansaichean aca a reic - sa Chlachan, an Dalabrog agus an Cuidhir am Barraigh.
Tha litir an Urramaich Inglis ag ràdh nach b' e taghadh sìmplidh a bh' ann agus "gun tuig iad cho goirt agus a bhios mòran dhaoine a' faireachdainn mu na co-dhùnaidhean seo".
Mhìnich an litir "gum feumar adhartas a dhèanamh airson 's gum bi an Eaglais sa Pharaiste seo buan".

Cha bhi Eaglais na h-Alba idir ann am Beinn na Faoghla nuair a dhùineas an t-àite-adhraidh ann an Grìminis
Thuirt an t-Urr Inglis gun do dh'aithnich Seisean na h-Eaglaise aig coinneimh sa Ghiblean nach robh airgead gu leòr neo luchd-obrach gu leòr aig a' choithional na togalaichean uile a ghlèidheadh.
An dèidh beachdachadh air grunn roghainnean, thuirt iad gun deach co-dhùnadh a dhèanamh aig coinneimh air an 14mh den t-Sultain mu dè na togalaichean air nach robh feum tuilleadh.
Tha an t-Urr Inglis ag ràdh gum feum "tòrr mòr airgid a bhith air a chosg airson na h-eaglaisean an Dalabrog agus Grìminis a chàradh agus a chumail aig ìre", agus nach eil an leithid aca.
Mhìnich i gu bheil easbhaidh ionmhais bheag aca a dh'aindeoin agus gun d' fhuair iad suim mhòr airson an cuid chosgaisean a phàigheadh bhon stòras calpa a tha Eaglais na h-Alba a' cumail às an leth.
Thuirt i gun robh còmhraidhean a' dol air mar as urrainn dhaibh seirbheisean a chumail fhathast ann an sgìre Dhalabroig agus ann am Beinn na Faoghla.
Aig a' cheart àm, thuirt i gum bi seirbheis airson an t-Urr Sigrid Marten a phòsadh ri Paraiste ùr Uibhist is Bharraigh air a cumail air an 14mh là den t-Samhain.