Taic às ùr do cho-ionnanachd chraolaidh don Ghàidhlig

- Air fhoillseachadh
Thèid iarraidh uair eile air ministearan an riaghaltais an aon inbhe a thoirt don Ghàidhlig 's a th' aig a' Chuimris nuair a thèid Cairt a' BhBC ùrachadh ann an 2028.
Dh'aontaich Buidheann ùr Thar-Phartaidh na Gàidhealtachd 's nan Eilean aig Westminster gu bheil cothrom ann air aonta nas fheàrr dhan Ghàidhlig nuair a thig an t-seann chairt-craolaidh gu ceann aig deireadh na h-ath-bhliadhna.
Ged a tha a' bhuidheann mothachail gu bheil fada a bharrachd luchd-labhairt na Cuimris ann na luchd-labhairt na Gàidhlig, thuirt iad gu bheil a' Ghàidhlig a' cur ri cultar na h-Alba agus a' cur mòran airgid ris an eaconomaidh.
Comataidh aig Holyrood a' moladh "co-ionnanachd spèis" eadar craoladh Gàidhlig is Cuimris
- Air fhoillseachadh20 Am Màrt
MG ALBA: "Cothrom" an lùib Cairt ùr a' BhBC don Ghàidhlig
- Air fhoillseachadh2 Am Màrt
"'S e an t-argamaid a th' againn, agus sin an t-argamaid a chuireas sinn gu Roinn a' Chultair, agus chun a' Phrìomhaire ùir, 's e gun tig buannachd à bhith a' cosg airgid air a' Ghàidhlig," thuirt cathraiche na buidhne ùire is BP nan Eilean Siar, Torcuil Crichton.
"Chan ann dìreach air adhbharan cultar agus cànan a bhrosnachadh, ach cuideachd ann an dòigh eaconomaich.
"Tha fios againn airson a h-uile not a chosgas iad air craobh-sgaoileadh Gàidhlig gu bheil sin a' cruthachadh obraichean, agus gu bheil e a' tighinn air ais ann am prothaid airson na sgìre.
"Mar eisimpleir, an dàrna sreath de An t-Eilean, an dràma a tha iad a' clàradh an-dràsta anns na h-Eileanan an Iar, tha an sreath sin a' cosg £4m - faisg air £1m dhen sin air a chosg air eaconomaidh nan Eilean Siar."
Tha MG ALBA, a tha a' ruith BBC ALBA ann an co-bhann leis a' BhBC, tric air co-ionnanachd le craoladh sa Chuimris iarraidh 'son na Gàidhlig.
San fhreagairt aca gu co-comhairle air Cairt ùr a' BhBC, thuirt MG ALBA gum bu chòir do Rùnaire na Stàite, ann an còmhradh ri Ministearan na h-Alba, maoineachadh BBC ALBA is BBC Radio nan Gàidheal a dhearbhadh san aon dòigh agus aig an aon àm ri maoineachadh S4C sa Chuimrigh.
"Dragh mòr" air MG ALBA mu ghearraidhean aig a' BhBC
- Air fhoillseachadh23 An t-Ògmhios
Buidheann Phàrlamaid ùr airson na Gàidhealtachd 's nan Eilean aig Westminster
- Air fhoillseachadh23 An t-Ògmhios
Dh'iarr iad cuideachd gum biodh mìneachadh ann air dè an t-suim a tha a' tighinn bhon BhBC tron Chead TBh is dè an t-airgead a bhiodh a' tighinn bho Ofcom airson MG ALBA.
Bheireadh seo "cinnt, seasmachd is co-ionnanachd," thuirt iad.
San fhreagairt aca fhèin an-uiridh gu Pàipear Uaine an riaghaltais air a' chairt ùir, thuirt am BBC gu bheil iad a' cur an làn-taic ri seirbheisean ann am mion-chànain, ach gum bi leasachadh nan seirbheisean sin san àm ri teachd a rèir maoineachaidh.
Chaidh Buidheann Thar-Phartaidh na Gàidhealtachd 's nan Eilean aig Westminster a stèidheachadh air a' mhìos seo chaidh.
Tha a' bhuidheann APPG (All-Party Parliamentary Group) a' toirt a-steach bhall-pàrlamaid agus morairean.